Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

MG ALBA a’ gabhail pàirt ann an sgeama preantasachd ùr

23 Giblean 2016

MG ALBA A’ CUR TAIC RI PREANTASACHD NAM MEADHANAN GÀIDHLIG LEIS A’ BhBC AGUS COLAISTE KELVIN GHLASCHU

Tha MG ALBA a’ gabhail pàirt airson a’ chiad uair ann an sgeama preantasachd ùr, air a dhealbhachadh gus an ath ghinealach de thàlant nam meadhanan craolaidh àrach.

Tha an com-pàirteachas, air a ruith le Colaiste Kelvin Ghlaschu agus le BBC Scotland, a’ dol an sàs san sgeama airson an t-siathamh uair, le 11 oileanach a’ gabhail pàirt sa chùrsa ann an 2016/17.

Airson a’ chiad uair, le taic bho MG ALBA, gheibh aon oileanach cothrom obrachadh thar BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal, far am faigh iad eòlas air feadh iomadh roinn a bhios a’ lìbhrigeadh stuthan don t-seanail, nam measg prògraman chloinne, a’ trusadh naidheachdan, stuthan aithriseach agus spòrs.

Le 50% de thoradh dèanamh phrògraman bhon roinn neo-eisimeileach ann an Alba a’ dol gu ruige BBC ALBA, bidh cothrom aig a’ phreantas ùine a chur seachad le cuid de luchd-solair neo-eisimeileach na seanail.

A thuilleadh air a bhith a’ cur ri bun sgilean agus leasachadh pearsanta, bidh na preantasan a’ cur seachad dà là sa mhìos ann an Colaiste Kelvin Ghlaschu, ag ionnsachadh tòrr de na sgilean teicnigeach agus obrach a bhios gu feum ann an gnìomhachas nam meadhanan craolaidh.

Bidh cothrom aig a’ phresantachd ùine a chur seachad aig Ionad nam Meadhanan Cruthachail ann an Steòrnabhagh – dachaigh MG ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal.

Ron t-Sultain am-bliadhna, bidh 50 neach òg air a dhol tron phreantasachd bhrosnachail seo thar nan còig sgeamaichean a bh’ ann cheana. Tha an sgeama air stèidh a thoirt airson cùrsa-beatha ann an riochdachadh Tbh agus naidheachdas, le cuid de na h-oileanaich a bh’ air sgeamaichean a cheana a’ dol air adhart gus ceum fhaighinn ann am foghlam àrd-ìre, le cuid eile a’ gluasad gu obraichean aig a’ BhBC no buidhnean meadhanan eile.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd MG ALBA: “Tha sgeama Preantasachd a’ BhBC air a bhith na shàr shlighe do dhaoine òga a-steach don roinn craolaidh agus mar sin tha sinn toilichte gu bheil MG ALBA a’ cur taic ris a’ chom-pàirteachas am-bliadhna agus a bhith a’ tairgse chothrom do aon de na preantasan an ciùird ionnsachadh taobh a-staigh nam meadhanan Gàidhlig.

“Tha am preantasachd freagarrach airson MG ALBA, le eòlas aig ar com-pàirtichean aig BBC Scotland agus Colaiste Kelvin Ghlaschu – an aon ionad a tha a’ lìbhrigeadh clasaichean Gàidhlig làn-thìde air tìr-mòr na h-Alba – a bhith a’ trèanadh ceumnaichean aig àrd ìre fon sgeama.

“Tha sinn air a bhith dealasach ann a bhith a’ tairgse chothroman airson an ath ghinealach de thàlant soirbheachail tro iomairtean leithid FilmG, greisean gnìomhachais ris a bheil sinn a’ cur taic taobh a-staigh na roinne cruthachail agus tro na bursaraidhean airson Fèis nam Meadhanan Ceilteach a dh’fhoillsich sinn bho chionn ghoirid.

“Fhuair MG ALBA aithne ann an 2015 airson Creideas nar Cosnaichean Òga agus tha sinn a’ cur romhainn fhèin togail air an seo agus an tuilleadh shlighean airson trèanadh agus leasachadh a chur air chois sa bhliadhna ri teachd.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus mu ciamar a chuireas sibh a-steach tagradh