Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Cothroman Sgoilearachd MG ALBA ann an Sgrìobhadh Ficsean airson luchd-labhairt na Gàidhlig

6 Cèitean 2016

COTHROM SGOILEARACHD MG ALBA ANN AN SGRÌOBHADH TBH AIRSON LUCHD-LABHAIRT NA GÀIDHLIG

Tha cothrom aig sgrìobhadairean tàlantach Gàidhlig cur a-steach airson sgoilearachd luachmhor MG ALBA ann an Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein aig Oilthigh Cailleannach Ghlaschu.

’S e an cùrsa MA ann an Sgrìobhadh Ficsean Telebhisean Gàidhlig an aona cùrsa iar-cheumnach dha leithid san RA, a’ toirt seachad nan sgilean sònraichte do sgrìobhadairean gus tòiseachadh fhaighinn ann an dreuchd shoirbheachail ann an sgrìobhadh ficsean telebhisein agus tha MG ALBA a’ toirt taic do aon neach le Gàidhlig a’ chùrsa a dhèanamh.

Air a theagasg le measgachadh de sgrìobhadairean sgriobt agus luchd-obrach acadaimigeach, nam measg An t-Ollamh Ann Marie Di Mambro a tha air obrachadh air leithid Eastenders, Casualty agus River City, bidh oileanaich a’ chùrsa ag obair gu dian air co-dhiù dà shreath dràma a tha an-dràsta gan craoladh air telebhisean ann am Breatainn, ag ionnsachadh co-obrachadh air slighe sgeulachd agus cnàmhan sgeulachd, sgrìobhadh sgriobtaichean agus obair deasachaidh air na dràmathan.

Bha Seumas Mac a’ Mhaoilein na sgoilear air a’ chùrsa ann an 2014 agus tha air a dhol air adhart gu bhith a’ sgrìobhadh airson dràma Gàidhlig BBC ALBA, Bannan.

A’ coimhead air ais air a’ chùrsa, thuirt Mgr. Mac a’ Mhaoilein: “Tha cùrsa MA TV sònraichte oir tha na tuitearan fhèin nan sgrìobhadairean Tbh agus tha an comhairle agus an taic a’ toirt cothrom do na h-oileanaich an cuid comasan a leasachadh gus dreuchd ann an sgrìobhadh a choileanadh.

“Dh’ionnsaich mi an t-uabhas air a’ chùrsa airson nan sgilean agam a leasachadh agus mo dhreuchd a thoirt air adhart. Tha mi air a bhith fortanach obair fhaighinn air a’ chiad sreath dràma air BBC ALBA, Bannan agus tha sin air a’ chùrsa-dreuchd agam a thoirt air adhart gu mòr agus chanainn ri sgrìobhadairean Gàidhlig tàlantach cuir a-steach airson a’ chùrsa.”

Thèid sgoilearachd MG ALBA a thairgse do aon sgoilear, a tha fileanta sa Ghàidhlig, san t-Sultain 2016. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro Diardaoin 26 Cèitean.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein agus ciamar a chuireas sibh a-steach airson sgoilearachd MG ALBA, tadhalaibh air www.tvfictionwriting.com no lean @MATVGlasgow air Twitter.