Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

FilmG 2017

29 Samhain 2016

DÀ SHEACHDAIN RI DHOL! AN COTHROM MU DHEIREADH INNTRIGEADH AIRSON FARPAIS FILMG NA BLIADHNA–SA

An dèidh sia mìosan inntinneach is trang, tha FilmG 2017 a’ tighinn gu ceann. Ach ma tha neach sam bith fhathast ri crìoch a chur air an fhilm aca, tha dà sheachdain fhathast ri dhol gun dùin a’ cho-fharpais air Diciadain 14mh Dùbhlachd.

Ge bith an e comadaidh, dràma, aithriseachd no eadhon bhidio ciùil a th’ ann, ’s e an dòigh as fhasa air film goirid a dhèanamh fòn-làimhe a chleachdadh. Tha e nas fhasa na smaoinicheas tu film a dhèanamh. Cho fad ‘s a tha fòn-làimhe no tablet agad agus beachd air cuspair, gheibh thu air aon de na h-apps deasachaidh, leithid iMovie no FilmoraGo a luchdachadh a-nuas agus bidh cothrom agad bileag airson £500 a bhuannachadh airson an Fhilm Ghoirid Ghluasadach as fheàrr san roinn fhosgailte.

Chaidh dà roinn ùr a chur ris am-bliadhna: An Aithriseachd Spòrs as Fheàrr agus, ann an roinn na h-Òigridh, duais airson na Beothantachd as Fheàrr. Mar le na pìosan gluasadach, faodar teicneòlas àbhaisteach a chleachdadh gus filmichean gluasadach sìmplidh is èifeachdach a chruthachadh le stuthan-taice a tha ri làimh. Mar sin, mas e stuth ùr Pixar as fheàrr leat na am Blockbuster as ùire, nach fheuch thu air beothantachd – eadhon ged a bhiodh an sgoil agad air film a chur a-steach, tha tìde ann fhathast sealltainn do dhaoine cho cruthachail ‘s a tha thu fhèin! Feumaidh eileamaid Ghàidhlig a bhith ann an inntrigidhean beothantachd.

Tha dùil aig sgioba FilmG ri deagh àireamh de dh’fhilmichean am-bliadhna, ri linn farsaingeachd de dhuaisean, agus mar a tha teicneòlas air tighinn air adhart sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh.

Cuimhnich gur e ‘Strì’, a’ ciallachadh spàirn no oidhirp, cuspair FilmG na bliadhna-sa – tha ‘Strì’ roimhe air filmichean de gach gnè a bhrosnachadh – carson nach cuir thu d’ fhear fhèin ris an liosta? A-rithist, feumar inntrigidhean a bhith a-staigh air Diciadain 14mh Dùbhlachd… Feumaidh na filmichean a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba agus faodaidh iad a bhith suas gu còig mionaidean a dh’fhaid ann an roinn na h-òigridh no suas ri ochd mionaidean san roinn fhosgailte. Siuthad, feuch air!

Airson beagan brosnachaidh, thoir sùil air filmichean bho na bliadhnaichean a chaidh seachad; chithear iad sin air-loidhne aig www.filmg.co.uk. Ma tha thu airson film a dhèanamh agus/no fiosrachadh a bharrachd fhaighinn mun cho-fharpais cuir fios gu eilidh.rankin@canan.co.uk no moira@canan.co.uk.