Naidheachdan & Ùrachaidhean

Atharraich gu Beurla

Aithisg Bhliadhnail 2016/17

25 Ògmhios 2017

Cùmhnant ùr ioma-bhliadhna gus cur ri comasan riochdachaidh agus a’ comharrachadh seilbh ann an sgilean cruthachail Gàidhlig

Chaidh aonta a ruighinn air cùmhnant ceithir bliadhna airson riochdachadh dràma air BBC ALBA, chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Maoinichte le MG ALBA – aon de na com-pàirtichean ann am BBC ALBA – tha an cùmhnant ùr le Young Films a’ daingneachadh soirbheas sreath dràma na seanail, Bannan agus a’ comharrachadh seilbh bhrìgheil san t-seanail.

Clàraichte air an Eilean Sgitheanach, agus riochdaichte le Chris Young (The Inbetweeners), tha 23 prògram de Bannan air a bhith air an riochdachadh bho 2014, le còig dhiubh sin gu bhith air an craoladh air BBC ALBA as t-Foghar. Mar thoradh air soirbheas Bannan, tha cùmhnant eadar-nàiseanta air a bhith air a shoidhneadh le DRG, aon de na prìomh chompanaidhean sgaoilidh neo-eisimeileach de phrògraman san t-saoghal.

Tha an cùmhnant ùr, a bhios a’ ruith gu 2021, a’ ciallachadh gum bi co-dhiù 20 prògram air an riochdachadh airson na seanail. Chaidh an naidheachd ainmeachadh ro sgrionadh de Bhannan aig Fèis Film Dhùn Èideann aig an aon àm ’s a chaidh Aithisg Bhliadhnail MG ALBA airson 2016/17 fhoillseachadh.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: “Bha leasachadh dràma na phrìomh chlach-mhìle airson BBC ALBA agus bho chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2014 tha Bannan air còrdadh gu mòr ris an dà chuid ar prìomh luchd-amhairc agus iadsan nach bruidhinn a’ Ghàidhlig.

“Tha sin toilichte cùmhnant ceithir bliadhna le Young Films fhoillseachadh, a bheir cinnt fad-ùine airson leasachadh Bannan. Sna bliadhnaichean a dh’fhalbh tha sinn air grunnan chùmhnantan phasgain a thoirt do riochdairean airson gnèithean eile. A-mach à sin, chunnaic sinn sàbhalaidhean agus co-obrachadh a thug cothrom airson prògraman eile a dhèanamh. Ged a tha riochdachadh dràma gu math nas àirde na cosgais ghnèithean eile, tha MG ALBA cinnteach gun toir planadh fad-ùine airson Bannan na h-aon seòrsa buannachdan agus cuideachd gu bheil an t-seilbh ro-innleachdail seo ann an dràma ga dhèanamh comasach dhuinn bun-stèidh làidir, chruthachail a stèidheachadh a bhios gu maith Gàidhlig air sgrion san t-àm ri teachd, le bhith a’ neartachadh nan sgilean a tha mòr-chudromach ann a bhith ag innse ar sgeulachdan.”

Thuirt Chris Young bho Young Films: “Tha mi cho toilichte gu bheilear a’ dol an sàs sa chùmhnant ceithir bliadhna seo airson Bannan. B’ e mo mhiann bho thùs dràma Gàidhlig soirbheachail fad-ùine a chruthachadh a tha ag obair airson luchd-amhairc Gàidhlig, nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Ri linn taic bho MG ALBA, Alba Chruthachail agus Riaghaltas na h-Alba, a thuilleadh air sàr-obair bho sgioba Bannan, tha seo a-nis a’ tachairt ann an da-rìribh.

“Leis a’ chùmhnant ùr seo tha cothrom air leth againn ar sgeulachdan is ar caractaran a leasachadh ann an dòighean inntinneach. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhuinn trèanadh a thoirt air adhart air bun-stèidh nas ro-innleachdach, a’ leantainn le ar miann ginealach ùr a chruthachadh de thàlant Albannach agus Gàidhlig ann am film agus telebhisean. Tha sinn an dòchas seo a dhèanamh ann an com-pàirteachas le MG ALBA agus buidhnean eile leithid Leasachadh Sgilean Alba (SDS), Alba Chruthachail, Am BBC agus Sabhal Mòr Ostaig.

A’ foillseachadh Aithisg Bhliadhnail MG ALBA, thuirt a’ Bh-Uas Choineagan gu robh mòran dha na dùbhlain a bha fa chomhair BBC ALBA fhathast ann an dèidh pròiseas ùrachaidh a’ Chairt Rìoghail agus gu robh MG ALBA fhathast a’ cur an argamaid airson barrachd susbaint ùr.

Lean Magaidh Choineagan air adhart ag ràdh: “Tha a bhith a’ brosnachadh co-riochdachaidhean eadar-nàiseanta bho ar riochdairean na phrìomh amas ro-innleachdail do MG ALBA. Tha seo air ciallachadh obair bhrìgheil le ar riochdairean neo-eisimeileach agus tha sinn a-nis a’ faicinn toradh na h-obrach seo, le £950,000 de luach a bharrachd airson na seanail a’ tighinn mu thràth bho na cùmhnantan fad-ùine mar thoradh air co-obrachadh. Tha Port na shamhla uabhasach math air a seo – sreath ciùil air a lìbhrigeadh le Julie Fowlis a tha air aithne a chosnadh bho luchd-amhairc ann an Alba agus Èirinn. Leis an t-seanail ùr BBC Scotland air fàire, thèid sinn an sàs a dh’fhaicinn dè na cothroman a bheir sin dhuinn.

“Ged a tha sinn daingeann airson dèanamh cinnteach gum bi gach nota airgid a thèid a chaitheamh gu maith luchd-amhairc BBC ALBA, feumar a bhith soilleir gu bheil crìoch air dè dh’fhaodas sinn a choileanadh leis a’ bhuidseat a th’ againn agus gu bheil an tuilleadh seilbh ann am prògramadh deatamach.

Tha Cairt a’ BhBC a-nis air aontachadh airson na h-ath 11 bliadhna agus bha sinn ag iarraidh gun cuireadh am BBC taic ri prògraman ùra a leudachadh gu 10 uairean a thìde gach seachdain. Ged nach eil an gealltanas sin againn, tha sinn misneachail gun tig leasachadh mean air mhean thar nam bliadhnaichean a tha romhainn. Tha am BBC dealasach mu bhith a’ craoladh phrògraman naidheachd aig an deireadh sheachdain air BBC ALBA bho Fhoghar 2018 agus leanaidh sinn oirnn ag obrachadh gu dlùth ris a’ BhBC gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cur taic maoineachaidh ris an t-seanail.

“Bidh ar n-obair san àm ri teachd gu h-àraidh cudromach ann a bhith a’ tàladh agus a’ cumail ùidh an luchd-amhairc òg, le rannsachadh a’ sealltainn gu bheil BBC ALBA a’ strì an aghaidh ùrlaran didseatach ùra, an t-aon dùbhlan a tha mu choinneamh seanailean eile air feadh na RA. Tha e deatamach gum bi sinn uidheamaichte gus seirbheis a thairgse do ar daoine òga ann an dòigh a tha furasta agus tarraingeach agus bidh sinn a’ toirt air adhart iomairtean ùra gus dèiligeadh ri seo sna mìosan agus sna bliadhnaichean ri teachd.”

Gheibhear an aithisg bhliadhnail an seo.