GàidhligEnglish

Take part in our Mòd Vlog competition! Gabh pàirt ann am farpais Vlog a’ Mhòid!



Vlog a’ Mhòid logo

Vlog a’ Mhòid Competition


MG ALBA are looking for Vloggers to vlog about their Royal National Mòd 2017 experience

Vlog a’ Mhòid/Mòd Vlog is a video competition, filmed on mobile phones. It is open to entries from anyone involved in the Mòd in any way whether it be as a performer, TV viewer, radio listener, competition adjudicator or Mod supporter.

All vlogs must be in Gaelic, the subject matter must be about the Mod and vlogs should be no longer than three minutes in duration.

Hannah McKirdy has provided a Vlog 'How to' guide, which can be viewed here, to assist potential vloggers


Vlogs

Subject:
All vlogs must be in Gaelic and their theme should be the Mòd. This could be anything connected to the Mod, e.g. Mod preparation, such as rehearsals, travel, preparing to go on stage, receiving the marks, watching the programmes, ceilidhs, massed choirs, the journey home, shinty or any other activities related to the Mòd.

Competitors can choose to make one vlog, separate vlogs or a series of vlogs.

A full list of the rules can be read here.


How to enter:

  • • Create your vlog (making sure it’s about the Mòd, in Gaelic and under 3 minutes long). Under 16s should check with parents/guardians before starting

  • • Upload it to YouTube, using the hashtags #VlogaMhòid #Gàidhlig

  • • If you are under 13 years old and/or if you do not have access to YouTube please send your vlog to mod.vlog@mgalba.com

  • • Unless you tag your vlog with #VlogaMhòid, we will not see it and it will not be eligible for the competition

  • • MG ALBA will share it on our Facebook and Twitter accounts and you should also share your vlogs as you wish. We aim to get as many people sharing as many vlogs as possible.

Prizes:
Prizes will be awarded to two separate age categories; Under 18 and Adult categories. The prize for each category will be a Go-Pro camera.

There will be a separate prize for the best vlog series.


Dates:
The Vlog a’ Mhòid/Mòd Vlog competition will start Monday 2nd October and all vlogs should be submitted by midnight on Tuesday 24th October. The Mòd will come to a close on Saturday 21 October.

Farpais Vlog a’ Mhòid


Tha MG ALBA air co-fharpais a chuir air bhog gus a' Vlogger as fheàrr a lorg aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2017.

‘S e farpais bhidio, air a thogail le fòn-làimhe, a th’ ann an Vlog a’ Mhòid. Tha e fosgailte airson neach sam bith a tha an sàs sa Mhòd ann an dòigh sam bith – a’ gabhail pàirt mar fharpaiseach, ga choimhead air an tbh, ag èisteachd air rèidio, mar bhritheamh no mar neach-taic a’ Mhòid.

Feumaidh gach vlog a bhith sa Ghàidhlig, mun Mhòd agus nas giorra na trì mionaidean.

Tha Hannah McKirdy air stiùir vlog ullachadh a chithear an seo, airson cuideachadh a thoirt dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an vlog a chruthachadh.


Vlogan

Cuspair:
Feumaidh a h-uile vlog a bhith sa Ghàidhlig agus bu chòir gach vlog a bhith ceangailte ris a’ Mhòd. Faodaidh seo a bhith a’ gabhail a-steach ullachadh airson a’ Mhòid, siubhal, a’ dèanamh deiseil airson a dhol air an àrd-ùrlar, a’ faighinn nan comharran, a’ coimhead nam prògraman, a bhith a’ coimhead no a’ frithealadh nan cèilidhean agus nan còisirean air fad a’ seinn còmhla no an turas dhachaigh.

Faodaidh farpaisich roghnachadh a bhith a’ cruthachadh aon vlog, vlogan air leth no sreath de vlogan.

Gheibhear liosta de na riaghailtean air fad an seo.


Ciamar a chuireas sibh a-steach vlog:

  • • Dèan ur vlog (a’ dèanamh cinnteach gu bheil e mun Mhòd, ann an Gàidhlig agus fo 3 mionaidean de dh’fhaid). Ma tha sibh fo aois 16 bu choir cead fhaighinn bho ur pàrantan

  • • Cuir suas e air YouTube le #VlogaMhòid #Gàidhlig

  • • Ma tha sibh fo 13 bliadhna a dh’aois agus/no mur a bheil e comasach dhuibh a dhol air YouTube cuiribh an vlog agaibh gu mod.vlog@mgalba.com

  • • Mura bheil #VlogaMhòid air, chan fhaic sinn e agus chan fhaigh e a-steach dhan fharpais.

  • • Sgaoilidh MG ALBA iad air Twitter agus Facebook agus faodaidh sibhse ur vlogan a sgaoileadh mar a thogras. Tha sinn an dòchas gum bi mòran an sàs san fharpais agus gum bi sinn uile gan sgaoileadh.

Duais:
Bidh dà roinn aois ann, le duaisean gan toirt seachad san roinn Fo aois 18 agus san roinn airson Inbhich. Gheibh iadsan a bhuannaicheas anns gach roinn camara Go-Pro.

Bidh duais fa leth ann airson an t-sreath as fheàrr.


Deitichean:
Tòisichidh farpais Vlog a’ Mhòid Diluain 2 Dàmhair agus feumaidh a h-uile vlog an cuir a-steach ro mheadhan-oidhche Dimàirt 24 Dàmhair. Thig am Mòd fhèin gu crìoch Disathairne 21 Dàmhair.

Social Media Na Meadhanan Sòisealta

Facebook
Twitter @gaelicmedia
Twitter @bbcalba
YouTube
Vine
Vimeo

Contact Us Fios Thugainn

MG ALBA
Seaforth Road
Stornoway
Isle Of Lewis
HS1 2SD

mod.vlog@mgalba.com
01851 705550