GàidhligEnglish

Mòd Vlog - Copyright Vlog a’ Mhòid - Dlighe-sgrìobhaidh

Copyright is a means of protecting people’s intellectual property and giving the owner control over how their original ideas and materials are used and ensuring they are not infringed.

If you submit a vlog, you must have gained permission to use any material which is not your own intellectual property from the person who owns it.

You must also get permission from people appearing in your vlog that they are happy to be filmed.

Music Copyright

Here is some general information about using music in your vlog:

  • • If you compose your own music, then it’s yours to use as you wish.
  • • If the last living composer or writer is over 70 years dead, then it is free to use. Be careful though, new arrangements of old music can fall under new copyright, so do your homework.

  • • If you wish to use somebody else’s music you need permission from the copyright holder, and this isn’t always the composer or artist, it is often the record company so be sure you are contacting the correct person.

  • • Music rights can be very costly, so be aware of this when you are choosing music for your vlog, how much you want and how many different copyright holders are involved? There is more than one fee involved. You may need to pay a synch fee to the publisher for including the track on your soundtrack and a master fee to the record company for use of the master CD.

  • • Remember that an unsigned artist or band will be cheaper than very famous artists, so shop around. Even if you are using music composed by a friend or family member it is ALWAYS important to adhere to the rules of copyright.

Check out MCPS-PRS Alliance for more information. It is often more useful to phone them directly to get a clearer understanding of your requirements.

Check out BBC Video Nation for more advice

Tha dlighe-sgrìobhaidh a’ cur dìon air seilbh inntinn dhaoine agus a’ leigeil leis an t-sealbhadair smachd a chumail air na beachdan agus an stuth aige fhèin. Le seo, nithear cinnteach nach tèid còraichean a bhristeadh.

Ma chuireas tu vlog thugainn, a’ cleachdadh stuth seilbh inntinn nach buin dhut fhèin, feumaidh tu cead bhon duine dom buin i. Nithean leithid ceòl, dealbhan, ìomhaighean, suaicheantasan bhathar agus seann chlàraidhean.

Feumaidh tu cead fhaighinn cuideachd bho dhaoine a tha a’ nochdadh anns an fhilm gu bheil iad deònach a bhith air am filmeadh.

Dlighe-sgrìobhaidh Ciùil

Seo agad fiosrachadh mu bhith a’ cleachdadh ceòl san fhilm agad:

  • • Ma chuireas tu an ceòl agad fhèin ri chèile, gabhar a chleachdadh mar a thogras tu.

  • • Ma tha an sgrìobhadair no neach-ciùil air a bhith marbh bho chionn còrr is 70 bliadhna, tha cead agad a chleachdadh. Thoir an aire ge-tà, gum faodadh dreachan ùra de sheann cheòl a bhith fo dhlighe-sgrìobhaidh ùr, mar sin dèan cinnteach às.

  • • Ma tha thu ag iarraidh ceòl le duine eile a chleachdadh, feumaidh tu cead fhaighinn bhon t-sealbhadair. Uaireannan, chan e an sgrìobhadair no an neach-ciùil a th’ ann idir. Gu tric, ’s i a’ chompanaidh ciùil a th’ ann, mar sin, dèan cinnteach gu bheil thu a’ leigeil fios don duine cheart.

  • • Faodaidh còraichean ciùil a bhith glè chosgail. Mar sin, thoir an aire do seo nuair a bhios tu a’ taghadh ceòl airson d’ vlog, don uiread a tha thu ag iarraidh, agus cia mheud duine ris a bheil an dlighe-sgrìobhaidh a’ buntainn. Tha grunn chìsean na lùib. ’S dòcha gum feum tu cosgais sionc (synch) a phàigheadh don fhoillsichear airson an t-òran a chur an cois d’ fhilm agus cìs ùghdarrais a thoirt don chompanaidh ciùil airson a bhith a’ cleachdadh an CD aca.

  • • Cuimhnich gum bi neach-ciùil no còmhlan-ciùil gun chùmhnant nas saoire na luchd-ciùil ainmeil, mar sin, dèan rùrachadh. Fiù ’s ged a chaidh an ceòl a chur ri chèile le caraid no neach-dàimh, tha e DAONNAN cudromach cumail ri riaghailtean dlighe-sgrìobhaidh.

Thoir sùil air MCPS-PRS Alliance airson tuilleadh fiosrachaidh. Gu tric, tha e nas fheàrr fòn a chur thuca gu dìreach airson solas a chur air na feumalachdan lagha agad fhèin.

Faic barrachd fios aig BBC Video Nation

Social Media Na Meadhanan Sòisealta

Facebook
Twitter @gaelicmedia
Twitter @bbcalba
YouTube
Vine
Vimeo

Contact Us Fios Thugainn

MG ALBA
Seaforth Road
Stornoway
Isle Of Lewis
HS1 2SD

mod.vlog@mgalba.com
01851 705550