GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Vets / Gach Creutair Beò

Starts Monday 20 February - 8.30pm BBC ALBA

Gach Creutair Beò

A' tòiseachadh Diluain 20 Gerran - 8.30f BBC ALBA

newborn calf

FEARLESS VETS TREAT ANIMALS LARGE AND SMALL – NEW SERIES SHOWCASES WORK OF VETS ACROSS SCOTLAND

Vets / Gach Creutair Beò is back on BBC ALBA for a new series following vets all over the country as they treat a wide range of animals from much-loved family pets, to livestock on farms, to very large, very wild, zoo animals!

Viewers are taken behind the scenes with the wild animals at Highland Wildlife Park, Blair Drummond Safari Park and Five Sisters’ Zoo. Vet Jane Harley and the team of keepers at Highland Wildlife Park wrestle with lively tahrs and markhors (types of goat) and they knockout a 660kg yak to safely load him onto a trailer transporting him to another wildlife park to meet some female yaks.

At Blair Drummond, vet Colin Scott is on his weekly rounds checking the lions, lemurs and other creatures great and small. He has to anaesthetize a lioness so that he can insert an implant to prevent her having any more cubs. Colin has twenty years’ experience working at Blair Drummond, but it’s still a risky undertaking. Although Colin is as certain as he can be of the dose of anaesthetic required, this is a wild animal and a gun is to hand in case Teekay the lioness wakes up unexpectedly.

In Aberdeenshire, vet Austen Marr is doing pregnancy scans on mares at a stud farm in Banffshire where they breed showjumping and dressage horses to World Cup and Olympic standard and their foals can sell for more than £10,000. Vet-chiropractor Emma-Louise Emerson treats competition horses to get them back into shape for events, typically dressage competitions. She applies pressure to the muscles and joints, which can make a marked improvement to their performance. She also uses chiropractic methods to treat dogs, rabbits and family pets and is one of the first in the UK to use a revolutionary new light therapy treatment on animals.

In Wick, vets Iain Maclean, Kiri Harvey, Pete Cameron and Ian Miller are kept busy out and about with sheep, cattle and horses, and a wide variety of pets brought into the surgery for treatment such as a cat which needs to have a leg amputated following a road accident.

Vets like Scott Rigg of Aberdeen Veterinary Referrals perform specialized treatment including fitting four new prosthetic legs to an adorable dog, Dillon, rescued from Ukraine. We follow Dillon’s progress as he takes his first shaky steps on his brand new legs.

The first episode showcases two vets originally from Ness in Lewis now working in different parts of Scotland. Iain Maclean is called out to a farm in Caithness to perform an emergency Caesarean section on a cow. Iain and the farmer battle to deliver a very large calf and handle a very feisty mother. But it’s not long until Iain is called out to another farm where a cow is in difficulty as she tries to give birth. Will he be able to deliver the calf naturally, or will he need to perform emergency surgery again? The calving season brings constant challenges for farmers and vets alike.

Alison Cheshire, also originally from Ness, works in Aberdeen and we follow her as she operates on a Chihuahua and a bulldog, using her surgical skills to restore family pets to their owners in full health.

BBC ALBA, first episode: Monday 20th February, 8.30-9pm, followed by eleven further episodes on consecutive Mondays at 8.30pm.

Airson an ceathramh sreath, tha “Gach Creutair Beò” a' tilleadh le dà phrògram deug 30 mionaid airson BBC ALBA far am faic luchd-amharc earrannan dhen obair aig taghadh de lighichean-sprèidh bho air feadh Alba is iad ri frithealadh iomadach seòrsa beathach beag is mòr, peatail agus fiadhaich. Bidh sgeulachdan toileachais agus bròin pailt agus sinn a’ coinneachadh ri gach creutair beò.

Tha sinn air cùl ghnothaichean aig Pàirce Fiadh-Bheathaichean na Gàidhealtachd, Pàirc Safari Bhlàr Dhrumainn agus Sù nan Còignear Pheathraichean. Bho bhruic is chlamhain aig Ionad Teasairginn nam Fiadh-Bheathach gu ròin is gràineagan aig a’ bheat Romain Pizzi. Aig Pàirc nam Fiadh-Bheathach tha a’ bheat Jane Harley agus an luchd-glèidhidh trang a’ cruinneachadh Tahrs is Markhors nach eil airson an glacadh, agus tha aca ri Yak anns a bheil 660 cileagram de chuideam a chur fodha gus am faigh iad a chur air trèilear is iad ga thoirt gu Pàirc eile airson bràmair fhaighinn. Agus, aig Blàr Dhrumainn, tha sinn a’ leantainn a’ bheat Cailean Scott a tha a’ tadhal a h-uile seachdain gus cobhair a dhèanamh air gach creutair beò an sin.

'S e Newmarket an t-aon àite ann am Breatainn far a bheil barrachd eich a rèir àireamh an t-shluaigh na th' ann an Siorrachd Obar Dheathain! Chan eil iongnadh sam bith ann a-rèiste gu bheil lighichean-sprèidh na sgìre air an cumail trang le eich. Tha a’ bheat Austen Marr a’ tadhal air tac faisg air Banbh far a bheil iad a’ sìolachadh eich a bhios a’ gabhail pàirt ann an cò-fharpaisean aig àrd-ire. Beagan mhìltean air falbh, tha an tuathanach Grace Noble aig a bheil seachdad bò Ghàidhealach a-nis, gnè air a bheil i air leth measail, agus tha i gan àrach airson feòil. ‘S ann às an Eilean Sgitheanach a tha i, agus tha i air a bhith ris an obair seo nis airson trì bliadhna ann an Siorrachd Obar Dheathain. Agus tha a’ bheat cìreo-prataigeach, Emma-Louise Emerson, ag obair le eich a bhios a’ gabhail pàirt ann an cò-fharpaisean. Bithidh i a’ bruthadh nam fèithean agus nan altan, airson an co-chothromachadh, agus tha piseach a’ tighinn orra.

Ann an Inbhir Ùige, tha Iain MacIlleathain, Kiri Harvey, Pàdraig Cameron agus Iain Miller trang le crodh, eich is caoraich a-muigh air tuath, agus tha measgachadh de bheathaichean beaga a’ tighinn a-steach dhan t-suirdearaidh leithid cat a tha a' call a' chois às dèidh tubaist rathaid. ‘S e an aon sgeul a th’ ann an Steòrnabhagh far a bheil Hector Lowe, Kay Falconer agus Joanna na lighichean-sprèidh air an cumail trang ann an Leòdhas agus na Hearadh.

Agus, tha sinn a’ coinneachadh ri lighichean-sprèidh ùra leithid Scott Rigg a stèidhich Aberdeen Veterinary Referrals airson obair speisealaichte a dhèanamh air beathaichean. Tha e fhèin agus an sgioba a’ càradh beul cait a chaidh a bhualadh le car, agus tha iad a’ toirt casan ùra do chù-teasairginn a chaill na ceithir chasan.

EARRANN A H-AON

An t-seachdain-sa, tha sinn a’ coinneachadh dithis à sgìre Nis ann an Leòdhas a tha ag obair nan lighichean-sprèidh ann an Alba. Tha an lighiche Iain MacIlleathain a-muigh air tac ann an Gallaibh a’ toirt laogh bho bhò tro opairèisean. Feumaidh Iain agus an tuathanach cobhair a dhèanamh oirre. Agus, chan eil e fada gus a bheil e air a ghairm gu tac eile. Tha e anmoch agus tha bò an-sin ann an suidheachadh cugallach. Tha innealan aig Iain airson a chuideachadh, ach an dèan e a' chùis?

Aig ceann eile na dùthcha aig Taigh Ardene faisg air Obar Dheathain, tha Niseach eile a’ dèanamh obair-lannsa air sùil coin. Tha Alison Cheshire air a bhith na lighiche-sprèidh airson aon bliadhna deug a-nise, agus aig Ardene airson bliadhna gu leth. Bha fhios aice gur e seo an obair a bha i airson a dhèanamh bho bha i na leanabh.

Agus aig Pàirc Safari Bhlàr Dhrumainn, feumaidh a’ bheat Cailean Scott leòmhann a chuir fodha gus am faigh e air sgealb casg-gineamhainn a thoirt dhi. Chan eil e gun chunnart. Ged a tha Cailean cho cinnteach 's a ghabhas mu dheidhinn an anaesthetic, feumaidh fear a bhi ri làimh le gunna mus dùisg Teekay an leòmhann an àirde.


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.