GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Tannadice '87

Saturday 20 May - 9.00pm, BBC ALBA

Tannadice '87

Disathairne 20 Cèitean - 9.00f, BBC ALBA

Tannadice '87 graffiti

DUNDEE UNITED’S REMARKABLE UEFA CUP JOURNEY CHARTED IN NEW BBC ALBA DOCUMENTARY

It was a goal that many believed would be impossible: Dundee United FC reaching the final of the UEFA Cup.

Now, on the 30th anniversary of that remarkable European adventure, BBC ALBA presents Tannadice 87, examining a season in which dreams became reality, and Dundee, a city with a reputation for jam, jute and journalism, added a fourth ‘j’ to its trademark: jubilation.

Produced by the award-winning purpleTV – and narrated by respected broadcaster Alex O’Henley - Tannadice 87 is the latest in a series of sports documentaries on BBC ALBA which has included Jock Stein, Jim Baxter, Tartan Pride and Gothenburg 83 amongst others.

In season 1986/87, Dundee United took to the European stage with some aplomb, conquering giants Barcelona and Borussia Mönchengladbach amongst others en-route to a two-legged UEFA Cup final against IFK Gothenburg. The final, played at the Ulevi Stadium and Tannadice, was watched by a television audience of 70 million viewers.

With Jim McLean at the helm, one of three legendary footballing brothers from Larkhall near Glasgow, United rose from mediocrity to monumental status when, for a sustained period in the 1980s, they constituted greatness. Scottish league champions in 1983, despite the dominance of Sir Alex Ferguson’s European Cup Winners’ Cup victors Aberdeen, McLean’s United reached the semi-final of the European Cup in 1984 and pushed on to a European final just three years later.

Tannadice 87 tells the remarkable story of that adventure, a journey that ultimately ended in defeat but resulted in a win for Scotland when FIFA created their Fair Play Award in respect of the Dundee United fans’ admirable sporting behaviour.

The film draws on the personal testimony of key members of the squad: Paul Sturrock, Paul Hegarty, Kevin Gallacher, Jim McInally, Dave Bowman, John Holt, Billy Thomson and John Clark, as well as Jim McLean’s coach and assistant Gordon Wallace. The story also features archive testimony from Ian Redford and Jim McLean. Former Dundee United director Justine Mitchell provides a fan perspective, mapping the journey to places like Barcelona and Gothenburg, with broadcaster and Dundee United fan Jim Spence also contributing.

Featuring incredible domestic and archive footage, drawn from the success of the 1983 league title win through to the UEFA Cup final of 1987, the film’s moving action is enhanced with uniquely personal cine film and photographic archive, captured by fans who followed the team’s incredible journey that season.

Tannadice 87 is a popular culture film, showcasing a snapshot of one of the most emotionally dynamic periods in the city of Dundee’s history.

Produced and directed by Margot McCuaig for purpleTV, Tannadice 87 will be broadcast on BBC ALBA on Saturday 20 May from 9.00 until 10.00pm. It will also be repeated on Sunday 21 May at 10.55pm, and will be available to view on BBC iPlayer.

Tha 2017 a’ comharrachadh an 30mh ceann-bliadhna bho rinn Dundee United FC rud a bha mòran dhaoine a’ smaointinn a bha do-dheànta dhaibh: faighinn gu cuairt dheireannach Cupa UEFA. Tha Tannadice87 ag innse sgeulachd iongantach an iomairt Eòrpaich sin, bliadhna san do theab Dùn Dè, a tha ainmeil airson silidh, diut agus naidheachdas, clach eile a chur air càrn urraim a’ bhaile.

Trithead bliadhna air ais, ann an seusan 1986/87, chuir Dundee United an Roinn Eòrpa fon casan, a’ beatadh clubaichean cliùiteach leithid Barcelona agus Borussia Mönchengladbach air an slighe gu cuairt dheireannach Cupa UEFA an aghaidh IFK Gothenburg. Chunnaic 70 millean luchd-amhairc an dà ghèam a chaidh an cluiche aig Pàirce Ullevi agus Tannadice. Le Jim McLean, fear de thriùir bhràithrean ainmeil ball-coise aig an stiùir, dh’èirich United bho freumhan ìseal gu bhith air tè dheth na sgiobaidhean a b’ fheàrr an Alba agus san Roinn Eòrpa sna 80an. Às dèidh Lìog na h-Alba a ghleidheadh ann an 1983, an aon bhliadhna sa bha sgioba Sir Ailig Fearghasdan a’ togail Cupa Eòrpach nan Cup Winners, ràinig United iar chuairt dheireannach Cupa na h-Eòrpa ann an 1984 agus chaidh iad ceum na b’ fheàrr a’ ruighinn cuairt dheireannach Eòrpach trì bliadhna às dèidh sin. Tha Tannadice87 a’ cur an cèill an sgeulachd iongantach aig iomairt Eòrpach United ann an 1987, iomairt a chrìochnaich le briseadh-dùil, ach le buaidh airson ball-coise na h-Alba an uair a thug FIFA a’ chiad duais ‘Fair Play’ do luchd-taic United airson an dòigh ionmholta san do ghiùlain iad iad fhèin. Ann an ’87 bha e mar gum b’ urrainn do United rud sam bith a dhèanamh.

Air aithris leis a’ chraoladair spòrs Ailig O’Henley, tha am film a’ tarraing air an fhianais aig prìomh chluicheadairean bho sguad Dundee United: Pòl Sturrock, Pòl Hegarty, Kevin Gallacher, Jim McInally, Dave Bowman, John Holt, Billy Thomson agus John Clark, a thuilleadh air coidse agus leas mhanaidsear Jim McLean, Gòrdan Wallace. Tha Justine Mitchell, a bha na stiùiriche aig Dundee United a’ toirt dhuinn sealladh neach-taic air na cuairtean gu àiteachan leithid Barcelona is Gothenburg, leis a’ chraoladair agus eòlaiche United, Jim Spence cuideachd a’ gabhail pàirt. Tha am film a’ tarraing cuideachd air seann dealbhan bhon tasglann a’ cur nar cuimhne mar a ghlèidh United an Lìog ann an 1983 troimhe gu cuairt dheireannach Cupa UEFA ann an 1987, còmhla ri dealbhan agus film pearsanta a thog an luchd-taic tron t-seusan shònraichte sin. ’S e film tharraingeach, chultarail a th’ ann an Tannadice87 a’ cur an cèill àm fìor tharraingeach agus soirbheachail ann an eachdraidh baile Dhùn Dè.

Air a riochdachadh airson BBC ALBA leis a’ chompanaidh purpleTV, tha am film air aithris leis a’ chraoladair spòrs Ailig O’Henley agus air a riochdachadh ’s a stiùireadh le Margot NicCuaig. B’ e an aon sgioba a chur ri chèile na prògraman air Jock Stein agus Jim Baxter, a choisinn duaisean Comann Telebhisean Rìoghail na h-Alba airson nam Prògraman Spòrs a b’ Fheàrr ann an 2015 agus 2016. Thèid Tannadice87 a chraoladh air BBC Alba air an fhicheadamh latha dhen Chèitean aig 9f.


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.