GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Niteworks: Obair Oidhche

BBC ALBA – Saturday 2 April at 11.00pm

Niteworks: Obair Oidhche

BBC ALBA – Disathairne 2 Giblean aig 11.00f

Niteworks

A SPECIAL CONCERT WITH NITEWORKS AND SUPPORT ON BBC ALBA

Niteworks: Obair Oidhche is an hour long showcase concert featuring the innovative electronica outfit Niteworks and support acts, Elephant Sessions and Inyal.

Presented by Vicky Kilgour and filmed before a live audience at QMU at Glasgow University, the concert on BBC ALBA captures Niteworks performing for their core audience; a young Gaelic-speaking fan base. Already festival favourites and noted for landmark live shows, headliners Niteworks’ set is based on their critically acclaimed debut album, a recording which reflects their diverse influences; from electronic music to singer-songwriter Anais Mitchell to Sorley MacLean.

The concert was the musical culmination of Latha na Gàidhlig at Glasgow University, an annual celebration of Gaelic language and culture. Event organiser, Gaelic language officer Fiona Dunn said: "We have excellent musicians, both in established bands and in new acts. It's marvelous that increasing numbers of young musicians are forming groups that set out to pioneer Gaelic music in new genres such as dance music and electronica."

Niteworks are renowned for collaborating with musicians and, for this concert, an illustrious cast of vocalists and musicians including, Catriona Watt, Alasdair Whyte, Donald MacDonald, Fiona Macaskill and top percussionist Andrew MacPherson augments their usual line up.

The programme openers are no less inventive and the first of two pioneering bands, Glasgow-based Inyal, are young Gaels who compose music through the prism of their various influences; Gaelic music, jazz and electronica.

Following an impressive recording debut, The Elephant Sessions were deserved winners of ‘Up & Coming Act’ at The MG ALBA Trad Awards 2014. The neo-trad quintet have received praise for their music and exhilarating live appearances.

BBC ALBA celebrates the modern sound of Gaelic Scotland.

Niteworks: Obair Oidhche was produced by Bees Nees Media for BBC ALBA and is broadcast on Saturday 2 April at 11pm.

CÙIRM SHÒNRAICHTE LE NITEWORKS AGUS CÒMHLAIN THAIC AIR BBC ALBA

Ann an cuirm shònraichte a mhaireas uair a thìde, bidh Niteworks: Obair Oidhche a’ taisbeanadh an sgioba electronica Niteworks agus dà chòmhlan taic, Elephant Sessions agus Inyal.

Air a lìbhrigeadh le Vicky Kilgour agus air a’ filmeadh beò aig Aonadh na Banrigh Mairead ann an Glaschu, chithear Niteworks air BBC ALBA agus iad a’ cluich dhan phrìomh luchd-leantainn aca; òigridh na Gàidhlig. Tha an còmhlan air cliù a chosnadh mu thràth aig Fèisean agus gu h-àraidh airson na cuirmean beò, agus bidh ceòl na h-oidhche seo stèidhichte air a’ chiad chlàr aca, a tha a’ nochdadh an diofar stuth a thug buaidh orra fhèin; bho cheòl electronica gu òrain is ceòl Anais Mitchell, agus bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain.

Tharraig a’ chuirm seo gu crìch Latha Na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, taisbeanadh bliadhnail de chànan is cultar na Gàidhlig. ‘S i Oifigear na Gàidhlig, Fiona Dunn, a chuir an tachartas air dòigh. Thuirt Fiona: "Bha sàr luchd-ciùil againn, an dà chuid còmhlain stèidhichte agus còmhlain ùra. Tha e mìorbhaileach gu bheil barrachd òigridh a’ stèidheachadh còmhlain a tha ag amas air ceòl Gàidhlig a thaisbeanadh tro mheadhan stoidhlichean eadar-dhealaichte leithid, ceòl danns no electronica."

Tha ainm aig Niteworks airson a bhith a’ co-obrachadh le luchd-ciùil eile agus airson a’ chuirm shònraichte seo, thug iad còmhla sgioba iomraiteach de sheinneadairean agus luchd-ciùil. Nam measg bha, Catriona Watt, Alasdair MacIlleBhàin, Dòmhnall Dòmhnallach, Fiona NicAsgaill agus an sàr fear-faramachd Anndra Mac a’ Phearsain.

Tha na còmhlain a chuir an oidhche gu dol a cheart cho innleachdach. Tha na Gàidheil òga a tha a’ dèanamh suas a’ chiad sgioba, Inyal, air an dachaigh a dhèanamh ann an Glaschu agus a’ cruthachadh ceòl a tha stèidhichte air an iomadh stuth a thug buaidh orra fhèin, eadar ceòl Gàidhlig, jazz agus electronica.

Às dèidh ciad clàradh a choisinn moladh, fhuair Elephant Sessions duais chliùiteach air an robh iad airidh nuair a chaidh an ainmeachadh mar “Luchd-ciùil a th’ air an t-Slighe” le Duaisean Ciùil Traidiseanta MG ALBA 2014. Tha an còmhlan-chòignear a’ tarraing aire le an cuid ciùil agus an taisbeanaidhean beò is beothail.

Tha BBC ALBA a’ dèanamh moladh air ceòl ùr-nòsach na Gàidhlig.


2016 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2016

Cèilidh na Bliadhn' Ùire / Hogmanay CèilidhCèilidh na Bliadhn' Ùire
GladysGladys
A Little Drop of Harris / Druthag na HearadhDruthag na Hearadh
The Croft / An LotAn Lot
Na Trads / Scottish Traditional Music Awards 2016Na Trads 2016
Storm Heroes / Gaisgich na StoirmeGaisgich na Stoirme
Trusadh: Dol Fodha na Grèine (The Going Down of the Sun)Trusadh: Dol Fodha na Grèine
Radharc: The Island Where God Speaks GaelicRadharc: The Island Where God Speaks Gaelic
Royal National MòdMhòd Nàiseanta Rìoghail
Jimmy JohnstoneJimmy Johnstone
Sar-sgeoil: OutlanderSar-sgeoil: Outlander
Highland Midwives – Fight for LifeMnathan-glùine - Spàirn gu slàint
BannanBannan
HamishHamish
From Uist with Love / O Mo DhuthaichO Mo Dhuthaich
Breathless: Living with Cystic Fibrosis Dìth Anail: Beò le Cystic Fibrosis
Trusadh - Am Pàipear/The News of the Southern IslesTrusadh - Am Pàipear
Belladrum 2016: Cridhe TartanBelladrum 2016: Cridhe Tartan
Tiree Music FestivalFèis Chiùil Thiriodh
From Minister to ModeratorBho Mhinistear gu Modaràtair
Live CurlingCroladh beò
Niteworks: Obair OidhcheNiteworks: Obair Oidhche
Easter Rising / Ar-a-mach na CaisgeAr-a-mach na Caisge
Trusadh: A Southern Island Practice – AlderneyTrusadh: Slàinte na Sgire – Alderney
Highland MidwivesMnathan-glùine
A Dream of DeathBruadar a’ Bhàis
An Cràdh/Endo What?An Cràdh/Endo What?
CUIRM@CELTIC: Anna Latharna agus caraideanCUIRM@CELTIC: Anna Latharna agus caraidean
CUIRM@CELTIC: The ChieftainsCUIRM@CELTIC: The Chieftains
The Famous FiveThe Famous Five
Gach Creutair Beò / VetsGach Creutair Beò
Calanais - Full CircleCalanais - Full Circle
Air an RathadAir an Rathad
DIY le DonnieDIY le Donnie
Perth Masters 2016Farpais Pheairt 2016
The Wee Govan PipersPìobairean Beaga Bhaile Ghobhainn

2017 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2017

2016 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2016

2015 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2015

2014 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2014

2013 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2013

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.