GàidhligEnglish

Programme Archive Tasglann Phrògraman

Capercaillie @ 30

BBC ALBA – Tuesday 24 December at 9pm

Capercaillie @ 30

BBC ALBA - Dimàirt 24 Dùbhlachd aig 9f

Capercaillie

CAPERCAILLIE CELEBRATES 30 YEARS IN THE LIMELIGHT ON BBC ALBA

It is easy to forget that not so long ago, Scotland’s traditional music landscape was in a perilous state. The 1970s were a period of uncertainty, few children were choosing to learn instruments, folk clubs were a small, niche affair, and it simply wasn’t ‘cool’ to play traditional music. However, it is against this backdrop, a group of Oban High school pupils decided to combine their musical talents and form a folk band.

Fast-forward through the intervening 30 years and that young school band, Capercaillie, have achieved a position on the global music stage that, at the time of their forming, would have been unthinkable. BBC ALBA’s compelling documentary ‘Capercaillie@30’ takes viewers on the road, accompanies the band to a selection of their live international gigs and offering a unique glimpse of life on tour. The programme sets out to tell two remarkable, parallel stories.

2013 sees Capercallie set out on their 30th year together, a year that was to be full of memorable moments. We follow this year in the intimate company of the band, who paint a candid picture of their life's work as we chart the career and continued success of one of Scotland’s most respected musical outfits.

Alongside this main narrative, the film interweaves the story of our cultural and musical landscape, from a time of obscurity and decline, up to the present day when, as a nation, we have a renewed confidence and pride in our music and culture.

‘Capercaillie@30’ tells of their growth and not insignificant achievements…To date they have sold over a million albums worldwide, they were the first to achieve a Gaelic song in the UK Top 40, their music was the soundtrack to Hollywood blockbuster Rob Roy and they have performed in over thirty countries including Iraq, Macedonia and the Sudan.

A rich archive of tv and film work illustrates the developing sound of the band, who were never afraid to reinvent their style in order to remain at the forefront of the genre. Throughout the programme we will hear from musical legends including Phil Cunningham MBE, Donal Lunny, Allan MacDonald and Mary Ann Kennedy.

Capercaillie is one of only a few bands, from any genre, who can claim an unbroken 30 year relationship. Their music has been taken into the hearts of the European audience and blazed a trail for others to follow.

‘Capercaillie@30’ has been produced by Bees Nees Media for BBC ALBA and will be broadcast on Christmas Eve, Tuesday 24 December at 9pm.

CRIDHE NA CÙISE

Tha e furasta cur às ar cuimhne nach eil an ùine cho fada bho bha saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba ann an fhìor dhroch staid. ’S e àm mì-chinnteach a bh’ anns na 1970an, cha robh clann òg ag ionnsachadh ionnsramaidean ciùil, cha robh clubaichean “folk” ach beag, agus cha robh e idir “cool” a bhith an sàs ann an ceòl traidiseanta. Ach a dh’aindeoin sin, ’s ann aig an àm sin a thàinig buidheann de sgoilearan bho Àrd-sgoil an Òbain còmhla airson còmhlan-ciùil “folk” a chruthachadh.

Thairis air na 30 bliadhna bhon uair sin, choisinn am buidheann de dh’òigridh sin, Capercaillie, inbhe àrd ann an saoghal ciùil air feadh an t-saoghail, rud a bha do-chreidsinneach aig an àm.

Tha Cridhe Na Cùise ag innse dà sgeulachd iongantach, a tha gu math coltach ri chèile.

’S e bliadhna air leth a th’ air a bhith ann an 2013 dha Capercaillie, ’s iad air a bhith còmhla mar chòmhlan-ciùil airson 30 bliadhna. Tha sinn air a bhith nan cuideachd tron bhliadhna ’s iad air cothrom a thoirt dhuinn an dòigh-beatha a ghlacadh agus an obair a tha iad air a dhèanamh airson cliù a chosnadh mar aon de na còmhlain-ciùil as iomraitiche ann an Alba.

An cois na prìomh sgeulachd, tha am film a’ toirt a-steach eachdraidh saoghal ar ceòl ’s ar cultar, dol air ais gu àm air nach robh mòran aithne air, suas chun latha an-diugh, far a bheil sinn, mar rìoghachd, nas misneachail agus a’ gabhail pròis nar ceòl ’s nar cultar.

Tha am film ag innse mar a dh’fhàs an còmhlan agus na tha iad air cuir às an dèidh, agus cha bheag sin. Thuige seo, tha iad air còrr air millean clàr a reic air feadh an t-saoghail, agus is iad a’ chiad còmhlan a thug òran Gàidhlig dhan Phrìomh 40 ann am Breatainn. Bha an cuid ceòl air a chleachdadh anns an fhilm Rob Roy ann an Hollywood agus tha iad air cluich air àrd-ùrlar ann an còrr air trichead dùthaich, nam measg Iraq, Macedonia agus Sudan.

Tha stòras de thasglann a’ toirt dealbh dhuinn air mar a thàinig adhartas air an stoidhle aca, ’s iad deònach gu leòr sin a dhèanamh gus cumail air thoiseach air chàch.

Tha an turas againn gar toirt air chuairt leis a’ chòmhlan, gu cuid de na cuirmean-ciùil eadar-nàiseanta aig an robh iad a’ cluich. Air an àrd-ùrlar agus air cùl na cùise, gheibh sinn boillsgeadh dhan t-seòrsa beatha a th’ aca ’s iad air chuairt agus chì sinn carson a tha an ceòl aig Capercaillie air glacadh aire luchd-èisteachd na Roinn Eòrpa, agus còmhlain eile a-nise dhan leantainn.

Chan eil mòran de chòmhlain eile ann an saoghal a’ chiùil a tha air a bhith cho maireannach ri Capercaillie, ’s iad air a bhith a’ cluich còmhla airson 30 bliadhna gun bhriseadh. An robh a’ bhliadhna 2013 mar a’ lùigeadh iad? An robh dùil aca gum biodh iad aig an ìre far am biodh iad còmhla airson 30 bliadhna? Ciamar a tha iad a’ tomhais cho soirbheachail ’s a tha iad air a bhith?

Am measg na ghabh pàirt tha Phil Cunningham, Donal Lunny, Ailean Dòmhnallach agus Màiri Anna NicUalraig.


2013 Programme Archive Tasglann Phrògraman 2013

Hogmanay Cèilidh 2013Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2013
Siubhal le ShepherdSiubhal le Shepherd
CunnartCunnart
Capercaillie @ 30Capercaillie @ 30
Na Trads 2013 – LIVENa Trads 2013 – BEÒ
Trusadh: The Private DiseaseTrusadh: An Galar Dìomhair
EòrpaEòrpa
Hibernian v Inverness Caledonian ThistleHibernian v Inverness Caledonian Thistle
Trusadh: The Children’s PanelTrusadh: Èist ris a’ Chloinn
Ramsdens CupCupa Ramsdens
Scotland v Northern IrelandAlba v Èirinn a Tuath
Two Days In OctoberDà Là San Dàmhair
My Brother the Ark RaiderBràithrean na h-Airce
HoneyballersHoneyballers
WeddingsBainnsean
BethesdaBethesda
Referendum DebateRathad an Referendum
From Harris with LoveChì Mì’n Tìr
Rapal TVRapal Tbh
BelladrumBelladrum
Albion Rovers v RangersAlbion Rovers v Rangers
Sutherland Cup FinalCuairt Dheireannach Cupa an t-Sutharlanaich
Hebridean Celtic FestivalFeis Cheilteach Innse Gall
Islands of the WestInnsean an Iar
Highland MidwivesMnathan-Glùine
Trusadh: The Ladies and Gents Trusadh: Gaisgich nan Goireasan
Ricky RossRicky Ross
Taghadh bho Na TradsTaghadh bho Na Trads
Gothenburg ‘83Gothenburg ‘83
Glasgow Warriors v OspreysGlasgow Warriors v Ospreys
A Hooker's JourneyTuras Huiceara
Scottish Challenge Cup FinalCupa Dùbhlan na h-Alba
HomelessGun Dachaigh
Sgoil nan Cuileanan - Where Obedient Dogs RuleSgoil nan Cuileanan
RaboDirect PRO12RaboDirect PRO12
Eòrpa - 20th anniversary this weekEòrpa - 20 bliadhna an t-seachdain seo
Turas TonyTuras Tony
Fuine / Home BakingFuine
Dà-FhillteDà-Fhillte
The Little Prince / Am Prionnsa BeagAm Prionnsa Beag
Trusadh: Tiree – Outside the BoxTrusadh: Buaidh Thiriodh - Beò air a’ Bhogsa
Scarlets v Edinburgh RugbyScarlets v Edinburgh Rugby
Trusadh : Living with DementiaTrusadh : Seargadh-Inntinn
RAPAL TVRAPAL Tbh
St Johnstone v CelticSt Johnstone v Celtic
Lisdoonvarna 'When Love Comes To Town'Lisdoonvarna
Trusadh: Stornoway Maritime MattersTrusadh: Sealladh bhon Chaladh
Cuirm @ Celtic: SMO@40Cuirm @ Celtic: SMO@40
Solas - Shamrock CitySolas - Shamrock City

2012 Programme ArchiveTasglann Phrògraman 2012


News Archive Tasglann Naidheachdan

Follow this link to the 2014 news press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann naidheachdan 2014.