GàidhligEnglish

News Naidheachdan

30 December 2019

Fabulous entertainment, comedy, music and documentaries unwrapped by BBC ALBA

Cathy and Niall Iain are pictured in front of one of the oldest existing wells in Motherwell

‘Peatlemania’ will be in full flow this New Year on BBC ALBA with the popular band Peat & Diesel appearing as one of the headline acts on the channel’s Hogmanay Ceilidh programme, which will broadcast live from Motherwell.

The Stornoway-based band have taken the Highland music scene by storm this year after they went viral on facebook with their Hebridean themed songs and won the award for best Live Act at the MG ALBA Scots Trad Music Awards 2019.

Peat & Diesel sold out their upcoming Barrowlands gig in January within hours, leading to a second date announced at the iconic Glasgow venue, as well as their 2020 UK and Ireland tours. A huge feat considering their grassroots origins playing in kitchens, barns and pubs on the Isle of Lewis just last year.

Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire 2019 will be broadcast live from Motherwell Concert Hall in Lanarkshire, and hosted by popular BBC ALBA stalwarts Cathy Macdonald and Niall Iain Macdonald.

Motherwell’s name originates from an ancient water source in the area, ‘Tobar na Màthar’, which translated from Gaelic means the ‘Mother’s Well’.

Lanarkshire has strong links with Gaelic, including Gaelic-medium education provision from nursery all the way to secondary and the Cumbernauld Gaelic Choir is a regular winner at the Royal National Mod.

This year’s Hogmanay programme offers an array of stunning Gaelic singers and musicians providing ceilidh craic to take viewers and listeners through the bells and into 2020.

Also performing live on the night is Mànran, who celebrate 10 years together in 2020 and will be joined by singer - Kim Carnie in her first TV appearance as part of the band.

Other acts include the Glenfinnan Ceilidh Band, renowned Gaelic singer Margaret Stewart and Scotland’s first ever entry to a Eurovision content, the Alba Choir, conducted by BBC Weather presenter Joy Dunlop.

Hosts Cathy and Niall Iain are popular in Scottish broadcasting. Cathy presents the Royal National Mod coverage and hosts her own radio shows whilst Niall Iain this year presented live from the TRNSMT festival on BBC ALBA and live from Belladrum festival on both BBC ALBA and BBC Scotland on the same nights!

Niall Iain Macdonald said: "We are really looking forward to raising a glass at the bells with the BBC ALBA viewers and Radio nan Gàidheal listeners and bringing in the New Year in style.

“Cathy and I love being in amongst it all and it's hard not to forget that we are there to work and just join in the dancing with everyone else.

“It's going to be a great night in Motherwell and we can't wait to get the ceilidh going.

“Tune in live to the ceilidh and raise a glass with us at the bells as we bid farewell to the old year and welcome in the New Year.”

Cèilidh Na Bliadhn’ Ùire 2019 airs on BBC ALBA on Tuesday, December 31 from 11.30pm to 1.30am, on Radio nan Gàidheal and is available on BBC iPlayer and worldwide via bbc.co.uk/alba

30 Dùbhlachd 2019

Peat & Diesel aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire

Cathy agus Niall Iain  ann an Tobar na Màthar

Bidh sinn air bhioran air Oidhche Challainn is sinn a' cuir fàilte mhòr air a' chòmhlan Peat & Diesel is aoidhean sònraichte eile aig Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA, beò à Tobar na Màthar.

’S ann à Steòrnabhagh a tha an còmhlan a choisinn cliù airson an cuid chiùil air feadh na Gàidhealtachd am-bliadhna, bliadhna shoirbheachail le fiùs cosnadh an duais airson cluich beò aig Duaisean Ceòl Thraidiseanta Albannach MG ALBA 2019.

Chan eil tiocaid air fhàgail son a' chuirm mhòr aca 'sna Barrowlands ann an Glaschu san Fhaoilleach, agus tha iad air innse gun till iad don àite chliùiteach son an dàrna cuirm-chiùil, a thuilleadh air cuairt air feadh Bhreatainn agus Èirinn ann an 2020. ’S gann gun gabh a chreidsinn le na balaich a bha nas cleachdte a bhi cluich ann an cidsinean, sabhail agus taighean-seinnse 's na h-eileanan.

Bidh Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air a chraoladh beò o Thalla Thobar na Màthar ann an Siorrachd Lannraig, le Cathy NicDhòmhnaill agus Niall Iain Dòmhnallach a’ cur fàilte oirnn uile.

’S ann o fhreumh Gàidhlig a thàinig ainm a’ bhaile. ’S e seann tobar a bh’ ann an Tobar na Màthar agus tha ceangal làidir fhathast eadar Siorrachd Lannraig agus a’ Ghàidhlig far a bheil foghlam Gàidhlig o sgoil-àraich gu ruige àrd-sgoil ri fhaotainn, agus bu mhinig a choisinn Còisir Gàidhlig Comar nan Allt duaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Air Oidhche Challainn bidh beartas de sheinneadairean is luchd-ciùil Gàidhlig mar chompanaich do ar luchd-coimhid air BBC ALBA is luchd-èisteachd air BBC Radio nan Gaidheal tro na mionaidean mu dheireadh de 2019 agus a-steach do 2020.

Bidh an còmhlan Mànran, aig am bi 10mh ceann-bliadhna ann an 2020, a’ gabhail pàirt, le Kim Carnie, an seinneadair ùr aca, a’ nochdadh cuide riutha airson a' chiad uair air TBh.

Chithear cuideachd an Glenfinnan Ceilidh Band, Maighread Stiùbhart agus Coisir Alba a sheinn aig farpais Eurovision nas tràithe air a' bhliadhna, fo stiùir chinntich Joy Dunlop.

’S iad Cathy agus Niall Iain a bhios os cionn na cuirme, dithis air a bheil sinn eòlach bhon cuid obair craolaidh. Bidh Cathy a’ cur fàilt’ is furan air an t-sluagh gu prògraman a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus gu a prògraman fhèin air rèidio. Bha Niall Iain agus BhBC ALBA aig fèis TRNSMT na bliadhna-sa, agus aig fèis Belladrum fo bhratach BBC ALBA agus BBC Scotland – air an dà seanail air an aon oidhche!

Thuirt Niall Iain: “Tha sinn a’ toirt fiughair ris, glainne a thogail agus fàilte a chur air a’ Bhliadhn’ Ùir ann an cuideachd luchd-coimhid BBC ALBA agus luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal. Bheir sinn a’ Bhliadhn’ Ùr a-steach gu sunndach.”

“’S fìor thoil leamsa is le Cathy a bhith ann an teis-mheadhan a’ ghnothaich, agus ’s gann gun cuimhnich sinn gur e seo obair agus chan e gu bheil sinn dìreach ann a dhannsa còmhla ri càch.”

“’S i sàr-oidhche a bhios againn ann an Tobar na Màthar, agus tha sinn air bhioran gus an tòisich e.

“Feuch gun cuir sibh air an cèilidh aig an taigh agus gun tog sibh glainne còmhla rinn nuair a dh’fhàgas sin soraidh aig an t-seann bhliadhna agus a ghuidheas sinn slàinte air a’ Bhliadhn’ Ùir.”

Tha Cèilidh na Bliadhn’ Ùire air BBC ALBA agus Radio nan Gàidheal bho 11.30f air Oidhche Challainn, agus cuideachd air iPlayer a’ BhBC agus air feadh na cruinne-cè air bbc.co.uk/alba


2019 News Archive Tasglann Naidheachdan 2019

Hogmanay CèilidhCèilidh Na Bliadhn’ Ùire
The Birdman of PollokCuraidh na Coille
MG ALBA welcomes new board members MG ALBA a’ cur fàilte bhlàth air buill ùra
Christmas and New Year schedulePrògraman na Nollaige agus na Bliadhna Ùire
Winners Announced for MG ALBA Scots Trad Music Awards 2019Buannaichean air an ainmeachadh airson Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA 2019
BBC ALBA hosts 11 international broadcast partners11 Craoladairean Eadar-Nàiseanta a’ tadhal air BBC ALBA
MG ALBA announces key content rolesMG ALBA ag ainmeachadh prìomh dhreuchdan ann an susbaint ioma-ùrlair
BBC ALBA makes waves in AsiaBBC ALBA soirbheachail ann an Àisia
£57m Young Audiences Content Fund Announces First SlateMaoin Susbaint Dhaoine Òga (Yacf) Ag Ainmeachadh A’ Chiad Sglèat
MG ALBA Scots Trad Music Awards Announce Nominee Shortlist for 2019Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA - geàrr-liosta 2019
Take a fresh look at learning Gaelic!Thoir sùil às ùr air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig!
COMPANIES ANNOUNCED FOR FULLY-FUNDED BUSINESS SUPPORT FROM FOCUS AND MG ALBACompanaidhean a’ faighinn taic ghnothachail bho FOCUS agus MG ALBA
FIN Atlantic Film Festival in CanadaFèis Film FIN Atlantic ann an Canada
Trump’s Mother headlines BBC ALBA autumn scheduleMàthair Trump aig cridhe clàr foghair BBC ALBA
Cannes Short Film FestivalCannes Short Film Festival
BBC ALBA launches strongest ever schedule of women’s sportClàr-spòrs nam ban – BBC ALBA a’ foillseachadh clàr ùr, làidir
BBC ALBA animation selected for Cannes Short Film FestivalPrògram beothachaidh BBC ALBA aig Cannes Short Film Festival
Belladrum live on BBC ALBABelladrum beò air BBC ALBA
Annual Report 2018/19Aithisg Bhliadhnail 2018/19
RTS Scotland AwardsDuaisean RTS Scotland
Eurovision Choir 2019 live on BBC ALBACòisir Eurovision 2019 air BBC ALBA
Marion Sinclair appointed to MG ALBA boardMarion Nic na Ceàrdaich air a suidheachadh air bòrd MG ALBA
BBC ALBA lands seven nominations at RTS Scotland awardsBBC ALBA air ainmeachadh seachd tursan air geàrr-liosta duaisean RTS
Thirteen Gaelic programmes nominated as Celtic Media Festival shortlists announcedTrì deug prògraman Gàidhlig ainmichte air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
BBC ALBA to broadcast all of Scotland Women's World Cup warm up matches ahead of France 2019Geamannan deasachaidh nam Ban Albannach airson Cupa na Cruinne gu bhith air BBC ALBA
MG ALBA looks to BBC to fulfil settlement agreement on extra hours MG ALBA a’ coimhead ris a’ BhBC gus rèite fhaighinn air an aonta a thaobh uairean a thìde a bharrachd
MG ALBA secures hat-trick of workplace awardsMG ALBA a’ cosnadh trì duaisean
New chair for MG ALBACathraiche ùr air MG ALBA



2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012