GàidhligEnglish

News Naidheachdan

3 December 2019

MG ALBA ANNOUNCES KEY CONTENT ROLES

Iseabail Mactaggart

MG ALBA, the Gaelic Media Service, has today (Tuesday, 3rd December 2019) announced Iseabail Mactaggart as its Director of Multiplatform Content, as part of changes designed to further increase the organisation’s focus on delivering high impact content in a rapidly changing media environment, and to build on successful collaboration and innovations undertaken to date.

Iseabail Mactaggart was previously Director of Strategy and Partnership and leads the commissioning and strategic development of Gaelic content for BBC ALBA and its digital platforms, as well as on FilmG and LearnGaelic. The changes will also see the promotion of Fiona MacKenzie to the role of Assistant Commissioner, Digital. The objective of this new brief is to grow BBC ALBA’s short-form content provision and social media engagement, building on the successful work of MG ALBA’s Digital Hub over the past two years. The changes are designed to ensure a multiplatform outlook informs all content decision-making.

Donald Campbell, MG ALBA Chief Executive said: “The new designations signify MG ALBA’s commitment to the development and growth of Gaelic media content in all its forms. The successes already enjoyed by Iseabail, Fiona and colleagues, alongside the BBC ALBA creative community, will be built on – including BBC ALBA’s historically high appreciation levels, record number of awards and fast-growing digital media viewership. This year also saw MG ALBA enter into its highest ever levels of international collaborations, delivering significant value to Gaelic audiences – an achievement the MG ALBA team will seek to grow further.

“These new roles will ensure MG ALBA is positioned to stake the place of Gaelic media in a fast-changing media environment as best we can, to take full advantage of the opportunities to collaborate and to innovate, and to face the future with confidence.”

3 Dùbhlachd 2019

MG ALBA AG AINMEACHADH PRÌOMH DHREUCHDAN ANN AN SUSBAINT IOMA-ÙRLAIR

Iseabail Nic an t-Sagairt

Tha MG ALBA an-diugh (Dimàirt 3 Dùbhlachd 2019) ag ainmeachadh Iseabail Nic an t-Sagairt mar Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair mar phàirt de dh’atharrachaidhean gus fòcas na buidhne àrdachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh susbaint aig àrd ìre ann an àrainneachd mheadhain a tha ag atharrachadh gu luath, agus gus togail air co-obrachadh agus ùr-ghnàthachas soirbheachail gu ruige seo.

Bha Iseabail Nic an t-Sagairt roimhe mar Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd agus tha i a’ stiùireadh coimiseanadh agus leasachadh ro-innleachdail susbaint Gàidhlig airson BBC ALBA air gach ùrlar, a thuilleadh air FilmG agus LearnGaelic. Am measg nan atharrachaidhean chithear cuideachd Fiona NicChoinnich air a h-àrdachadh gu Leas-Coimisinear, Didseatach. ’S e amas na h-obrach seo fàs a thoirt air solar susbaint ghoirid agus dol an sàs le na meadhanan sòisealta, a’ togail air obair shoirbheachail an Aonaid Dhidseataich thar an dà bhliadhna mu dheireadh. Tha na h-atharrachaidhean seo air an dealbhachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil gach co-dhùnadh susbaint ga dhèanamh le sealladh ioma-ùrlair.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha na h-atharrachaidhean seo a’ sealltainn dealas MG ALBA a thaobh leasachadh agus fàs nam meadhanan Gàidhlig anns gach roinn den obair. Thèid togail air an t-soirbheas a tha air a bhith ann mu thràth le Iseabail, Fiona agus co-obraichean, taobh ri taobh ri coimhearsnachd cruthachail BBC ALBA – nam measg ìrean còrdaidh àrda eachdraidheil, an àireamh as motha a-riamh de dhuaisean agus àireamh luchd-coimhid nam meadhanan didseatach a tha a’ fàs gu luath. Am-bliadhna chaidh MG ALBA an sàs san àireamh a bu mhotha a-riamh de cho-obrachaidhean eadar-nàiseanta, a’ lìbhrigeadh luach sònraichte chun luchd-amhairc Gàidhlig – nì air a bheil sgioba MG ALBA ag amas fàs a thoirt.

“Ni na dreuchdan ùra seo cinnteach gu bheil MG ALBA ann an deagh shuidheachadh airson àite nam meadhanan Gàidhlig a dhaingneachadh mar as fheàrr a thèid aige air ann an àrainneachd mheadhain a tha ag atharrachadh gu luath, gus am buannachd as fheàrr fhaighinn às na cothroman a tha ann airson co-obrachadh agus ùr-ghnàthachas agus ar n-aghaidh a chur air an àm ri teachd le misneachd.”


2019 News Archive Tasglann Naidheachdan 2019

Hogmanay CèilidhCèilidh Na Bliadhn’ Ùire
The Birdman of PollokCuraidh na Coille
MG ALBA welcomes new board members MG ALBA a’ cur fàilte bhlàth air buill ùra
Christmas and New Year schedulePrògraman na Nollaige agus na Bliadhna Ùire
Winners Announced for MG ALBA Scots Trad Music Awards 2019Buannaichean air an ainmeachadh airson Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA 2019
BBC ALBA hosts 11 international broadcast partners11 Craoladairean Eadar-Nàiseanta a’ tadhal air BBC ALBA
MG ALBA announces key content rolesMG ALBA ag ainmeachadh prìomh dhreuchdan ann an susbaint ioma-ùrlair
BBC ALBA makes waves in AsiaBBC ALBA soirbheachail ann an Àisia
£57m Young Audiences Content Fund Announces First SlateMaoin Susbaint Dhaoine Òga (Yacf) Ag Ainmeachadh A’ Chiad Sglèat
MG ALBA Scots Trad Music Awards Announce Nominee Shortlist for 2019Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA - geàrr-liosta 2019
Take a fresh look at learning Gaelic!Thoir sùil às ùr air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig!
COMPANIES ANNOUNCED FOR FULLY-FUNDED BUSINESS SUPPORT FROM FOCUS AND MG ALBACompanaidhean a’ faighinn taic ghnothachail bho FOCUS agus MG ALBA
FIN Atlantic Film Festival in CanadaFèis Film FIN Atlantic ann an Canada
Trump’s Mother headlines BBC ALBA autumn scheduleMàthair Trump aig cridhe clàr foghair BBC ALBA
Cannes Short Film FestivalCannes Short Film Festival
BBC ALBA launches strongest ever schedule of women’s sportClàr-spòrs nam ban – BBC ALBA a’ foillseachadh clàr ùr, làidir
BBC ALBA animation selected for Cannes Short Film FestivalPrògram beothachaidh BBC ALBA aig Cannes Short Film Festival
Belladrum live on BBC ALBABelladrum beò air BBC ALBA
Annual Report 2018/19Aithisg Bhliadhnail 2018/19
RTS Scotland AwardsDuaisean RTS Scotland
Eurovision Choir 2019 live on BBC ALBACòisir Eurovision 2019 air BBC ALBA
Marion Sinclair appointed to MG ALBA boardMarion Nic na Ceàrdaich air a suidheachadh air bòrd MG ALBA
BBC ALBA lands seven nominations at RTS Scotland awardsBBC ALBA air ainmeachadh seachd tursan air geàrr-liosta duaisean RTS
Thirteen Gaelic programmes nominated as Celtic Media Festival shortlists announcedTrì deug prògraman Gàidhlig ainmichte air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
BBC ALBA to broadcast all of Scotland Women's World Cup warm up matches ahead of France 2019Geamannan deasachaidh nam Ban Albannach airson Cupa na Cruinne gu bhith air BBC ALBA
MG ALBA looks to BBC to fulfil settlement agreement on extra hours MG ALBA a’ coimhead ris a’ BhBC gus rèite fhaighinn air an aonta a thaobh uairean a thìde a bharrachd
MG ALBA secures hat-trick of workplace awardsMG ALBA a’ cosnadh trì duaisean
New chair for MG ALBACathraiche ùr air MG ALBA



2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012