GàidhligEnglish

News Naidheachdan

26 July 2019

BELLADRUM LIVE ON BBC ALBA

Fiona & Niall Iain

Live coverage of Belladrum returns to BBC ALBA with Scotland's friendliest music festival welcoming headliners Elbow, Jess Glynne and Chvrches.

Fans can catch much of the weekend festival action live on BBC ALBA, hosted by Fiona MacKenzie and Niall Iain MacDonald, from Thursday 1st through to Saturday 3rd August, with festival highlights also available on the new BBC Scotland channel on Friday and Saturday nights.

The 16th annual festival takes place in the Scottish Highlands, on the Belladrum Estate near Inverness. The festival’s main stage, in the estate’s idyllic Italian walled garden is the central location for three nights of lively music and festival colour which will be broadcast live on BBC ALBA. Coverage will also include some very special acoustic sets and on-site interviews with many of the headlining artists.

Belladrum's reputation as the festival hot ticket with an eclectic line-up sees the rootsy folk machine Skerryvore rubbing shoulders and sharing stages with Johnny Marr, Tom Odell, Dodie and the fabulous Lewis Capaldi and Jess Glynne, bringing a great final evening to a close.

BBC ALBA has broadcast live from Belladum since 2011 and this year partners with the new BBC Scotland channel to offer more coverage than ever before across the two channels.

BBC ALBA's Head of Service, Margaret Mary Murray: “Belladrum lies at the heart of BBC ALBA’s summer schedule and is much anticipated and greatly appreciated by audiences. We are delighted that this year’s music festival collaboration with BBC Scotland, which started so successfully at TRNSMT, continues at Belladrum and will offer enhanced and extended coverage, which we are sure music fans will love.”

Thursday 1 August
BBC ALBA, 9.30pm - 11.00pm

Friday 2 August
BBC ALBA, 9.00pm - 11.00pm
BBC Scotland, 11.05pm – 12.00am

Saturday 3 August
BBC ALBA, 9.10pm - 11.00pm
BBC Scotland, 11.05pm – 12.00am

26 Iuchar 2019

BELLADRUM BEÒ AIR BBC ALBA

Fiona & Niall Iain

Tha Belladrum beò a’ tilleadh gu BBC ALBA, ’s an fhèis ciùil as càirdeile ann an Alba a’ cur fàilte air trì sàr ainmean ann an saoghal a’ chiùil, Elbow, Jess Glynne agus Chvrches.

Gheibh luchd-leantainn stiùireadh tron tachartas beò air BBC ALBA, bho Fiona NicCoinnich agus Niall Iain Dòmhnallach, Diardaoin 1 gu Disathairne 3 Lùnastal, agus bidh prìomh thachartasan na fèise air an craoladh air an t-sianail ùr BBC Scotland air Dihaoine agus Disathairne.

Tha an 16mh Fèis a’ gabhail àite air a’ Ghàidhealtachd, air Oighreachd Bhelladrum faisg air Inbhir Nis. ’S ann air prìomh àrd-ùrlar na fèise, cuartaichte le ballaichean gàrradh àlainn Eadailteach na h-oighreachd, a bhios cridhe na fèise fhèin, a’ toirt cothrom do BhBC ALBA ceòl agus snas an tachartais a thaisbeanadh le cuirmean fuaimearra thairis air trì oidhche. Am measg na chithear agus na chluinnear bidh seatan fuaim sònraichte agus agallamhan le mòran den phrìomh luchd-ciùil.

Am measg na bhios ri fhaicinn ’s ri chluinntinn bidh Skerryvore agus seinneadairean mar Johnny Marr, Tom Odell, Dodie agus na rionnagan Lewis Capaldi agus Jess Glynne, a bhios a’ toirt an tachartais mhìorbhaileach seo gu ceann.

Tha BBC ALBA air a bhith a’ craoladh beò bho Bhelladrum bho 2011 agus thathar a’ dol ann an com-pàirteachas leis an t-seanail ùr BBC SCOTLAND gus barrachd taisbeanaidh na bha ann a-riamh a thoirt don fhèis air an dà shianail.

Thuirt Ceannard Seirbheis BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha Belladrum aig cridhe clàr samhraidh BBC ALBA agus tha an luchd-amhairc a’ coimhead air adhart gu mòr ris agus abair gun còrd e riutha. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an co-obrachadh le BBC SCOTLAND aig fèis ciùil na bliadhna seo, a thòisich cho soirbheachail aig TRNSMT, a’ leantainn air adhart aig Belladrum agus bheir e barrachd taisbeanaidh air an fhèis a tha sinn cinnteach a chòrdas gu mòr ri luchd-leantainn a’ chiùil.”

Diardaoin 1 Lùnastal
BBC ALBA, 9.30f - 11.00f

Dihaoine 2 Lùnastal
BBC ALBA, 9.00f - 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m

Disathairne 3 Lùnastal
BBC ALBA 9.10 - 11.00f
BBC Scotland, 11.05f – 12.00m


2019 News Archive Tasglann Naidheachdan 2019

BBC ALBA animation selected for Cannes Short Film FestivalPrògram beothachaidh BBC ALBA aig Cannes Short Film Festival
Belladrum live on BBC ALBABelladrum beò air BBC ALBA
Annual Report 2018/19Aithisg Bhliadhnail 2018/19
RTS Scotland AwardsDuaisean RTS Scotland
Eurovision Choir 2019 live on BBC ALBACòisir Eurovision 2019 air BBC ALBA
Marion Sinclair appointed to MG ALBA boardMarion Nic na Ceàrdaich air a suidheachadh air bòrd MG ALBA
BBC ALBA lands seven nominations at RTS Scotland awardsBBC ALBA air ainmeachadh seachd tursan air geàrr-liosta duaisean RTS
Thirteen Gaelic programmes nominated as Celtic Media Festival shortlists announcedTrì deug prògraman Gàidhlig ainmichte air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
BBC ALBA to broadcast all of Scotland Women's World Cup warm up matches ahead of France 2019Geamannan deasachaidh nam Ban Albannach airson Cupa na Cruinne gu bhith air BBC ALBA
MG ALBA looks to BBC to fulfil settlement agreement on extra hours MG ALBA a’ coimhead ris a’ BhBC gus rèite fhaighinn air an aonta a thaobh uairean a thìde a bharrachd
MG ALBA secures hat-trick of workplace awardsMG ALBA a’ cosnadh trì duaisean
New chair for MG ALBACathraiche ùr air MG ALBA



2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012