GàidhligEnglish

News Naidheachdan

28 June 2019

MG ALBA Chair issues challenge on future of BBC ALBA

Annual Report

MG ALBA has requested an urgent review of Gaelic broadcasting whilst launching its 2018-19 Annual Report.

The organisation that operates Scotland’s Gaelic-language television channel in partnership with the BBC has called upon the BBC, Ofcom, the Scottish Government and the UK government to engage in a dialogue aimed at reaching a new settlement for Gaelic broadcasting.

Currently, BBC ALBA is severely challenged by a 75% repeat rate, whilst 50% is the expected limit for BBC Scotland; and is available only in standard definition (SD) on television.

Writing in his Chair’s Message, Allan MacDonald states that “there is no acceptable basis for Gaelic speaking viewers to have a second-class service.”

MG ALBA has called upon its BBC partner to ensure that BBC ALBA enjoys the same opportunity and quality of provision as the new channel and the other minority language services of the UK.

In 2017, the BBC publicly announced up to 100 hours of additional programmes per year for BBC ALBA coming in the wake of the new BBC Scotland channel investment.

Allan MacDonald has sought assurances on the delivery of this ambition: “We will encourage the BBC to be open and transparent about the principles and protocol on which it bases its allocation of resources to Gaelic broadcasting, and how it ensures parity of approach between the indigenous minority languages which are part of its overall cultural responsibility across the UK.”

BBC ALBA celebrated its 10th anniversary last year and announced some momentous achievements, including the launch of its award-winning sketch comedy show FUNC and in establishing itself as the Home of Women’s Sport in Scotland.

MG ALBA’s Annual Report can be read in full here.

28 Ògmhios 2019

Cathraiche MG ALBA a’ comharrachadh nan dùbhlan mu choinneimh BBC ALBA san àm ri teachd

Aithisg Bhliadhnail

Le bhith foillseachadh Aithisg Bhliadhnail na buidhne airson 2018-19, tha MG ALBA air iarraidh lèirmheas sa bhad de chraoladh Ghàidhlig.

Tha am buidheann a tha a’ ruith seanail Ghàidhlig na h-Alba ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC air iarraidh air a’ BhBC, Ofcom, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA a dhol an sàs ann an conaltradh ag amas air a bhith a’ tighinn gu rèite ùr a thaobh craoladh Gàidhlig.

An-dràsta, tha fìor dhùbhlan mu choinneimh BBC ALBA, le ìre ath-chraolaidh de 75% an coimeas ri rìoch de 50% ris a bheil dùil airson BBC Scotland; agus chan eil an t-seanail ri fhaighinn ach air Deifinisean Coitcheann (SD) a-mhàin air telebhisean.

A’ sgrìobhadh ann an Teachdaireachd a’ Chathraiche, thuirt Ailean Dòmhnullach nach eil stèidh sam bith a bhiodh iomchaidh airson luchd-amhairc na Gàidhlig a bhith a’ faighinn seirbheis aig ìre nas ìsle.”

Tha MG ALBA air iarraidh air a chom-pàirtiche a’ BhBC dèanamh cinnteach gu bheil an t-aona chothrom agus an t-aona chàileachd de sholair aig BBC ALBA ’s a th’ aig an t-seanail ùr agus na cànain dùthchasail eile san RA.

Ann an 2017, dh’ainmich am BBC gu poblach mu suas ri 100 uair a thìde de phrògraman a bharrachd gach bliadhna airson BBC ALBA mar thoradh air seilbh san t-seanail ùir BBC Scotland.

Tha Ailean Dòmhnullach air dearbhadh iarraidh mu ciamar a thèid an t-amas seo a lìbhrigeadh: “Brosnaichidh sinn am BBC gu bhith fosgailte agus follaiseach mu na prionnsabalan agus na co-ghnàthsan a bhithear a’ cleachdadh ann a bhith a’ riarachadh ghoireasan air craoladh Gàidhlig, agus mar a bhithear a’ dèanamh cinnteach gu bheil modh-obrach cothromach ga chleachdadh thar nam mion-chànanan dùthchasail a tha mar phàirt den uallach chultarail san fharsaingeachd a tha aige air feadh na RA”.

Chomharraich BBC ALBA 10 bliadhna air an èadhar an-uiridh. Am measg nan soirbheasan sònraichte bha am prògram de sgeadsaichean goirid comadaidh, FUNC agus an t-seanail ga stèidheachadh fhèin mar Dhachaigh Spòrs nam Ban ann an Alba.

Gheibhear Aithisg Bhliadhnail MG ALBA an seo.


2019 News Archive Tasglann Naidheachdan 2019

Take a fresh look at learning Gaelic!Thoir sùil às ùr air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig!a
COMPANIES ANNOUNCED FOR FULLY-FUNDED BUSINESS SUPPORT FROM FOCUS AND MG ALBACompanaidhean a’ faighinn taic ghnothachail bho FOCUS agus MG ALBA
FIN Atlantic Film Festival in CanadaFèis Film FIN Atlantic ann an Canada
Trump’s Mother headlines BBC ALBA autumn scheduleMàthair Trump aig cridhe clàr foghair BBC ALBA
Cannes Short Film FestivalCannes Short Film Festival
BBC ALBA launches strongest ever schedule of women’s sportClàr-spòrs nam ban – BBC ALBA a’ foillseachadh clàr ùr, làidir
BBC ALBA animation selected for Cannes Short Film FestivalPrògram beothachaidh BBC ALBA aig Cannes Short Film Festival
Belladrum live on BBC ALBABelladrum beò air BBC ALBA
Annual Report 2018/19Aithisg Bhliadhnail 2018/19
RTS Scotland AwardsDuaisean RTS Scotland
Eurovision Choir 2019 live on BBC ALBACòisir Eurovision 2019 air BBC ALBA
Marion Sinclair appointed to MG ALBA boardMarion Nic na Ceàrdaich air a suidheachadh air bòrd MG ALBA
BBC ALBA lands seven nominations at RTS Scotland awardsBBC ALBA air ainmeachadh seachd tursan air geàrr-liosta duaisean RTS
Thirteen Gaelic programmes nominated as Celtic Media Festival shortlists announcedTrì deug prògraman Gàidhlig ainmichte air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
BBC ALBA to broadcast all of Scotland Women's World Cup warm up matches ahead of France 2019Geamannan deasachaidh nam Ban Albannach airson Cupa na Cruinne gu bhith air BBC ALBA
MG ALBA looks to BBC to fulfil settlement agreement on extra hours MG ALBA a’ coimhead ris a’ BhBC gus rèite fhaighinn air an aonta a thaobh uairean a thìde a bharrachd
MG ALBA secures hat-trick of workplace awardsMG ALBA a’ cosnadh trì duaisean
New chair for MG ALBACathraiche ùr air MG ALBA



2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012