GàidhligEnglish

News Naidheachdan

20 July 2018

BBC ALBA documentary shortlisted for The Grierson Awards

Sùlaisgeir: An t-Sealg

A BBC ALBA documentary has been shortlisted for one of the world’s most prestigious awards, it was revealed today (26 June 2018).

Sùlaisgeir: An t-Sealg (The Hunt) – which accompanied a group of men who participate in an annual tradition of the “guga hunt” – has been put forward in the Natural History category of The Grierson Awards. It is the first time that a Gaelic-language programme has been shortlisted.

The programme documented the controversial practice which takes place every year, when a group of men from Ness on the Isle of Lewis travel 40km north to the tiny island of Sùlaisgeir, and harvest 2,000 young gannets, known as the guga.

The story followed Dods MacFarlane on his last guga hunt, after 40 years keeping up the practice which was handed down to him by his father.

The film was made at a time of change for the guga hunt. With the older generations retiring, and the increased resistance from those out-with the tightknit community of Ness, these are changing times for the guga hunt.

Independent production company MacTV, based in Stornoway, produced Sùlaisgeir.

The documentary was also commended at the Chicago International TV festival, receiving a Certificate of Merit.

MacTV Producer, Màiri Smith, said: “We are delighted to see Sùlaisgeir: The Hunt sharing a platform with programmes as well known as Blue Planet. MacTV were privileged to have the opportunity to tell the story of the Ness Guga Hunters from the inside, and share it with the wider world.”

BBC ALBA’s Head of Service Margaret-Mary Murray comments: “We are delighted to have been shortlisted for one of the world’s most respected documentary awards highlighting the creative excellence of our producers and the bonds of trust which underpinned this film. Sùlaisgeir: The Hunt deals with a controversial subject with candour and honesty documenting an age old process and its attendant traditions with creative beauty and bravery.”

The British Documentary Awards, more commonly known as The Griersons were established in 1972 to commemorate the pioneering Scottish documentary maker John Grierson (1898-1972).

26 Iuchar 2018

Prògram-aithriseach BBC ALBA air geàrr-liosta duaisean Grierson

Sùlaisgeir: An t-Sealg

Chaidh fhoillseachadh an-diugh, 26 Òg-Mhìos 2018, gun deach prògram-aithriseach BBC ALBA ainmeachadh air geàrr-liosta aon de na duaisean TBH as cliùitiche san t-saoghal.

Chaidh am prògram ‘Sùlasgeir: An t-Sealg’ a thaghadh ann an roinn Eachdraidh Nàdarra aig Duaisean Grierson, rud eachdraidheil do phrògram Gàidhlig.

Tha an sgeulachd a’ leantainn sealg a’ ghuga, seann chleachdadh à sgìre Nis air Eilean Leòdhais. Chithear na sealgairen a’ siubhal 40 mìle gu eilean iomallach Sùlaisgeir airson an cuota bhliadhnail de ghuga a thoirt dhachaigh.

Le saoghal nan sealgair ag atharrachadh agus a gluasad chun ath ghinealach, tha aire a’ phrògraim gu mòr air Dods MacPhàrlain, is e a’ gabhail a thuras mu dheireadh chun eilean mar threòraiche.

Chaidh Sùlaisgeir: An t-Sealg a riochdachadh le MacTV, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Sa Mhàirt 2018, choisinn am prògram Teastanas Airidheachd aig Fèis Eadar-Nàiseanta Telebhisein Chicago.

Thuirt Riochdaire MacTV, Màiri Nic a’ Ghobhainn: “Tha sinn air leth toilichte Sùlaisgeir: An t- Sealg fhaicinn taobh ri taobh le prògraman cho aithnichte ri Blue Planet. Mar chompanaidh bha sinn fortanach an cothrom fhaighinn sgeulachd bhalaich Shùlaisgeir innse bhon taobh a-staigh, agus a sgaoileadh chun an t-saoghal air fad.”

Thuirt Ceannard BBC ALBA, Mairead Màiri Mhoireach: “Tha sinn fìor thoilichte leis an naidheachd gu bheil am program Sùlaisgeir air geàrr-liosta duaisean cho cliùiteach. Tha e na urram dhuinn aithne mar seo fhaighinn agus tha e a’ dearbhadh sàr obair ar companaidhean riochdachaidh is an earbsa a tha ann eadar choimhearsnachdan agus BBC ALBA. Tha am program a’ dèiligeadh le cuspair connspaideach ann an dòigh fosgailte agus fìrinneach agus a’ taisbeanadh cuibhrinn phrìseil de dhualchas aon de ar h-eileinean.”

Chaidh Duaisean Grierson a stèidheachadh ann an 1972, a bha an uairsin aithnichte mar Duaisean Prògraman Aithriseach Bhreatainn, mar chuimhneachan air am filmeadair Albannach Iain Grierson (1898-1972).


2017 News Archive Tasglann Naidheachdan 2017

#Vlogamhòid prize-winnersDuaisean Vlog a’ Mhòid
MG ALBA Scots Trad Music Awards ShortlistGeàrr-liosta Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA
Eòrpa wins at the Scottish BAFTAsEòrpa soirbheachail aig na BAFTAs Albannach
Gaelic media key to Gaelic learning – new research publishedRannsachadh ùr a’ dearbhadh gu bheil na meadhanan Gàidhlig aig cridhe ionnsachadh cànain
MG ALBA and Bòrd na Gàidhlig offer a new “LearnGaelic” Scholarship at The Glasgow School of ArtMG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic” aig Sgoil Ealain Ghlaschu
SPFL announces new broadcast deal with BBC ALBASPFL a’ foillseachadh cùmhnant craolaidh ùr le BBC ALBA
Annual Report 2016/17Aithisg Bhliadhnail 2016/17
FilmG 1010mh FilmG
Casting Opportunities in two dramasCothroman cleasachd ann an dà dhràma ùr
MA Television Fiction Writing scholarshipSgoilearachd cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein
YOUNG ARDNAMURCHAN SPORTS COMMENTATOR AND FILMG WINNER GOES BEHIND THE SCENES AT LIVE GLASGOW WARRIORS MATCHNEACH-AITHRIS ÒG IS BUANNAICHE FILMG À ÀIRD NAM MURCHAN A’ DOL AIR CÙL CHÙISEAN AIG GÈAM BEÒ GLASGOW WARRIORS
Key long-term production contractsPrìomh chùmhnantan riochdachaidh fad-ùine
BBC Gaelic Apprenticeship programmePreantasachd Gàidhlig aig a’ BhBC
Briseadh na Cloiche / The Breaking of the Stone DebutSealladh air Briseadh na Cloiche
Celtic Media Festival bursary schemeBursaraidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Celtic Media Festival nominationsGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Statement from Maggie CunninghamAithris bho Magaidh Choineagan
FilmG AwardsDuaisean FilmG
FilmG live streamDuaisean FilmG beò air-loidhne
MG ALBA appointment boosts creative teamSgioba phrògraman MG ALBA ga neartachadh



2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012