GàidhligEnglish

News Naidheachdan

21 December 2018

BBC ALBA to host LIVE Hogmanay Ceilidh from Govan in a momentous year for Glasgow Gaels

Cathy Macdonald and Niall Iain Macdonald

BBC ALBA stars Cathy Macdonald and Niall Iain Macdonald will be saying “slàinte” to the New Year in style, after revealing a fantastic line-up for the channel’s live Hogmanay Ceilidh celebrations.

The event will be held in Govan, ahead of a very special year for Glasgow Gaels.

2019 marks the 20th anniversary of Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Scotland’s first Gaelic-only primary school, which opened in 1999 and Glasgow’s newest Gaelic school will open in Govan itself later in the year. Govan Gaelic Choir is celebrating its 90th anniversary. And 2018 marked the 125th anniversary of Glasgow Gaelic Musical Association; both choirs will be performing on the Hogmanay Ceilidh show.

The line up for the event boasts a tremendous array of artists, from soloists to bands, with a diverse mix of entertainment.

Making a name for himself on both sides of the pond having performed on James Corden’s Late Late Show, acclaimed singer / songwriter Colin Macleod will be performing tracks from his debut album Bloodlines.

Singer and presenter of the MG ALBA Trad Awards, Kim Carnie, will be singing live, joined by the spirited Glenfinnan Ceilidh Band led by Ingrid Henderson, the show’s Musical Director.

Performing live are singers Kathleen MacInnes and Sineag MacIntyre who form part of the Urban Teuchtars band, and the piping quartet Seudan, featuring Calum MacCrimmon, Angus MacKenzie, Fin Moore and Angus Nicolson.

Renowned sean-nòs singer Murdo ‘Wasp’ Macdonald and Hò-rò a dynamic band of Highland and Island multi instrumentalists completes the Hogmanay Ceilidh line up.

The 100th anniversary of The Iolaire tragedy will be commemorated in the early hours of 2019 with a touching tribute from the Glasgow Gaelic Musical Association. HMY Iolaire was carrying servicemen home from the Great War when she hit the rocks at the Beasts of Holm off Stornoway in Lewis in the early hours of January 1st 1919. She sank only twenty yards from shore. Communities in Lewis and Harris were devastated when 201 local men lost their lives.

The programme will also mark 100 years of Armistice Day. Piper Andy Cant of Orkney will be performing his own composition ‘In Remembrance’. Andy performed this tune at home in St Magnus Cathedral in Kirkwall to commemorate the Battle of Jutland and at Glasgow Cathedral to mark the end of the Great War.

Steeped in history, Old Govan Town Hall, like The Highlanders Institute, was once the dance hall of choice for Gaels living in Glasgow. The location of this years’ show will bring a touch of nostalgia to the contemporary ceilidh celebrations.

This year’s event is to be broadcast live from 11:30pm on BBC ALBA, with worldwide audiences able to view via the BBC ALBA website – bbc.co.uk/alba

Cathy Macdonald comments:

“Bringing in the bells live on BBC ALBA is always a real pleasure and it’s great having my co-host Niall Iain back for another year!”

Co-presenter Niall Iain Macdonald comments:

“With such incredible live Gaelic music and song and the ceilidh craic and atmosphere the audience and artists bring to the show, there is nowhere else I’d rather be at Hogmanay!”

Cèilidh na Bliadhn' Ùire coverage starts on BBC ALBA at 11:30pm on Monday, 31 December.

21 Dùbhlachd 2018

Bidh BBC ALBA a’ cumail Cèilidh Oidhche Challainn ann am Baile Ghobhainn aig toiseach bliadhna a bheir piseach do Ghaidheil Ghlaschu

Cathy Macdonald and Niall Iain Macdonald

Bithidh rionnagan BBC ALBA, an dithis Dhòmhnallach Cathie Bhàn agus Niall Iain, a’ cur fàilte chridheil air a’ Bhliadhn’ Ùir, an dèidh dhaibh a ràdh cò an fheadhainn chliùiteach a nochdas fo bhratach an t-seanail aig Cèilidh Oidhche Challainn is na Bliadhn’ Ùire.

Cumar an tachartas seo ann am Baile Ghobhainn, aig fìor thoiseach bliadhna a bhios gealltanach do Ghaidheil Ghlaschu.

Anns a’ bhliadhna 2019 bidh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a’ chiad sgoil a chleachd Gàidhlig gu h-iomlan, 20 bliadhna dh’aois, agus a thuilleadh air sin bidh an sgoil Ghàidhlig as ùire an Glaschu a’ fosgladh ann am Baile Ghobhainn fhèin. Bidh 90 bliadhna o stèidhicheadh Còisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, agus ann an 2018 ràinig Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu 125 bliadhna dh’aois. Bidh an dà chòisir a’ seinn aig a’ chèilidh.

Am measg na bhios an làthair bidh iomadh seinneadair is còmhlan, le beagan fealla-dhà an siud ’s an seo cuideachd.

Air ùr-thilleadh bho bhith air The Late Late Show le James Corden, bidh an seinneadair ainmeil Colin Macleod, a choisinn cliù aig an taigh agus thall thairis, a’ seinn agus a’ cluich ceòl on chiad chlàr aige, Bloodlines.

Bidh seinneadair Kim Carnie, a bha na bean an taighe aig Duaisean Tradaiseanta MG ALBA, a’ seinn an cuideachd Glenfinnan Ceilidh Band, fo stiùir Ingrid NicEanraig, i fhèin na Stiùiriche Ciùil aig a’ phrògram.

Bidh seinn bheò ann o Chaitlin NicAonghais agus Sìneag Nic an t-Saoir (on chòmhlan Urban Teuchters) agus pìobaireachd on cheathrar Seudan (sin Calum MacCruimein, Aonghas MacCoinnich, Fin Moore agus Aonghas MacNeacail).

A thuilleadh orrasan, bidh seinneadair cliùiteach san t-seann nòs Murchadh ‘Wasp’ Dòmhnallach agus Hò-rò, còmhlan de dh’iomadh ionnstramaid, a’ nochdadh air an àrd-làr.

O chionn gun do thachair tubaist sgriosail na h-Iolaire 100 bliadhna roimhe, comharraichidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu sin tràth sa mhadainn gu tiamhaidh mar as còir. Bha HMY Iolaire air chuairt, a’ toirt luchd-seirbhis dhachaidh on Chogadh Mhòr, nuair a bhuail i Biastan Thuilm faisg air Steòrnabhagh, Leòdhas, tràth sa mhadainn air Latha na Bliadhn’ Ùire 1919. Chaidh i fodha dìreach 20 slat on tìr, agus b’ droch bhuille do dh’iomadh coimhearsnachd ann an Leòdhas is na Hearadh nuair a chailleadh 201 fir.

This year’s event is to be broadcast live from 11:30pm on BBC ALBA, with worldwide audiences able to view via the BBC ALBA website – bbc.co.uk/alba

Bidh am prògram a’ comharrachadh Latha Stad na h-Armachd, agus pìobaire Andy Cant às Arcaibh a’ seinn air a’ phìob ceòl a chruthaich e fhèin, In Remembrance. Chluich Andy sin aig Cathair-Eaglais an Naoimh Mànas ann am Baile na h-Eaglaise mar chuimhneachan air Blàr Jutland agus aig Cathair-Eaglais Ghlaschu mar chomharra air deireadh a’ Chogaidh Mhòir.

Tha eachdraidh air leth aig Talla Sean Bhaile Ghobhainn; coltach ri Aitreabh nan Gaidheal, ’s iomadh Gaidheal ann an Glaschu a bha air a tharraing do dhannsaichean an seo. Dh’fhaodadh gun toir an talla cuimhne no dhà air ais do chuid nar latha fhìn.

Thèid an tachartas seo a chraoladh beò bho 11.30 feasgar air BBC ALBA, agus faodaidh sluagh air feadh an t-saoghail coimhead air a’ phrògram air làrach-lìn BhBC ALBA – bbc.co.uk/alba


2018 News Archive Tasglann Naidheachdan 2018

LIVE Hogmanay Ceilidh from GovanCèilidh Oidhche Challainn ann am Baile Ghobhainn
Iolaire 100 on BBC ALBA and BBC Radio nan GàidhealIolaire 100 air BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal
Festive Programming on BBC ALBA Prògraman na Nollaige air BBC ALBA
BBC ALBA Announces Ground-breaking Women’s Rugby Broadcast DealBBC ALBA Ag Ainmeachadh Sàr Aonta Craolaidh airson Rugbaidh nam Ban
MG ALBA to sponsor Scottish Women’s Football Annual Awards DinnerMG ALBA nan sponsairean air Dinnear Dhuaisean Bhliadhnail Ball-coise nam Ban Albannach
Shortlists Announced for MG ALBA Scots Trad Music Awards 2018 Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA - geàrr-liosta air fhoillseachadh
Celtic-Korean Co-production ‘The Wall’ launches at MIPCOM‘The Wall’, co-riochdachadh Cheilteach-Choirianach air a chur aig bhog aig MIPCOM
New partnership with CBBC and CBeebiesCom-pàirteachas le CBBC agus CBeebies
BBC ALBA launches its second decadeAn dàrna deichead aig BBC ALBA ga chomharrachadh
BBC ALBA set to be home of Scottish women’s footballBBC ALBA na dhachaigh airson Ball-coise nam Ban Albannach
Celtic International FundMaoin Eadar-nàiseanta Cheilteach
BBC ALBA documentary shortlisted for The Grierson AwardsGeàrr-liosta duaisean Grierson
Matt & Alex Praise Hebridean spirit Matt & Alex a’ moladh spiorad nan Eilean Siar
The One Show set for the HebridesThe One Show a' tighinn gu na h-Eileanan Siar
Maggie Cunningham to step down as MG ALBA chairMagaidh Choineagan a’ seasamh sìos mar Chathraiche MG ALBA
BBC ALBA secures £5m of new contentLuach £5m de phrògraman ùra
Celtic Media Festival bursary schemeBursaraidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach
BBC ALBA programme honoured at Chicago TV FestivalPrògram BBC ALBA air a chomharrachadh aig Fèis Tbh Chicago
Celtic Media Festival nominationsGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach



2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012