GàidhligEnglish

News Naidheachdan

4 September 2018

BBC ALBA set to be home of Scottish women’s football with multiple new deals

On the day the Scottish national squad prepare for the critical Albania game in their Women’s World Cup qualifying campaign, BBC ALBA today announces a set of new deals that will see the channel become the home of Scottish women’s football.

This move signals a huge boost to the profile of the sport in Scotland. The deals include the live broadcast of any Scotland squad World Cup games in 2019.

The three-year deal with the Scottish Football Association will see all of the national squad’s home competitive games shown live on BBC ALBA, and available on the BBC iPlayer. In an innovative addition, the Scottish FA and the channel will share unprecedented levels of content across social media to ensure the profile of the game is raised, driving growth in spectators, participation and viewers.

This news comes as the channel also announces a significant expansion of its coverage of the women’s domestic league in Scotland, with coverage of at least six games, including the SSE Scottish Women’s Cup Final and the SWPL Cup Final. Glasgow City FC’s 2018 UEFA Women’s Champions League campaign will also be covered.

Chris Rawlings, Scottish FA Commercial Director said: “This is a partnership we are extremely excited about as the women’s and girls’ game in Scotland continues to develop.

“Having a guaranteed broadcast partner allows us to show all the women’s national team home matches which have proven to be an exciting entity.

“The record crowd of 4,098 at The Simple Digital Arena in Paisley proves the appetite is there to watch the women’s national team and this deal enables the nation to watch our games, when they can’t make it along to the stadium.

“We will work closely with BBC ALBA to ensure the partnership continues to grow year on year and continues to deliver a high quality broadcast of the matches.”

Iseabail Mactaggart, MG ALBA Director of Strategy and Partnership said: “This is an exciting moment for the channel. In the 10 years of BBC ALBA we have demonstrated in other sports how a national free-to-air platform can showcase a growing sport, and at the same time introduce audiences - sometimes for the first time - to Gaelic.

“Scottish women’s football is at an extraordinarily exciting junction, and we are delighted to be working with the Scottish FA and SWF to create transformative partnerships which will be good for BBC ALBA’s audiences, but also fantastic for Scottish women’s football at domestic league and national level.

“We are also very pleased that with the BBC we will be able to broadcast live all of the Scottish national team’s Women’s World Cup games, should they qualify.”

Vivienne MacLaren, Chair of Scottish Women’s Football said: “This agreement is a huge sign of progress within Scottish women’s football. Making the game more visible is of vital importance to us as an organisation and this deal is another positive step forward. Having worked with BBC ALBA previously, we know the passion they have for our game and we’re delighted to be part of this agreement.

“It’s such an exciting time for the domestic game. To have matches being broadcast on a national platform is a testament to all those involved in the game, past and present, and secures a bright future for the next generation of girls’ and women’s footballers.”

4 Sultain 2018

BBC ALBA na dhachaigh airson Ball-coise nam Ban Albannach le iomadh aonta ùr

Air an aon là ’s a tha sgioba nàiseanta na h-Alba ag ullachadh airson a’ gheama dheatamach aca an aghaidh Albania nan iomairt ro-fharpaiseach faighinn gu Cupa Cruinne nam Ban, tha BBC ALBA an-diugh a’ foillseachadh aontaidhean ùra a tha a’ ciallachadh gum bi an t-seanail na dachaigh airson ball-coise nam Ban Albannach.

Tha an gluasad seo na chomharra chudromach gus ìomhaigh na spòrs àrdachadh ann an Alba. Tha na h-aontaidhean a’ gabhail a-steach craoladh beò de gheama sam bith bho gheamannan Alba ann an Cupa na Cruinne 2019.

Le aonta trì bliadhna le Buidheann Riaghlaidh ball-coise na h-Alba (SFA) thèid geamannan farpaiseach na sgioba a thèid an cluich aig an taigh a shealltainn beò air BBC ALBA, a thuilleadh air an iPlayer. Ann an iomairt obrachaidh às ùr, co-roinnidh an SFA agus an t-seanail stuthan air feadh nam meadhanan sòisealta gus dèanamh cinnteach gu bheil fàs a’ tighinn air ìomhaigh a’ gheama, a’ cur ri luchd-amhairc aig na geamannan, pàirteachas agus luchd-amhairc.

Tha an naidheachd seo a’ tighinn aig an aon àm ’s a tha an t-seanail a’ foillseachadh craoladh a bharrachd de lìog nàiseanta nam ban ann an Alba, le co-dhiù sia geamannan air an craoladh, nam measg Cuairt Dheireannach Cupa nam Ban SSE agus Cuairt Dheireannach Cupa an SWPL. Bidh cuideachd iomairt Glasgow City ann an Lìog nan Sàr Sgiobaidhean Ban UEFA 2018 ri fhaicinn.

Thuirt Chris Rawlings, Stiùiriche Coimearsalta an SFA: “’S e com-pàirteachas a tha seo a tha a’ togail ar n-inntinn gu mòr agus geama nam ban agus nan caileag ann an Alba a’ sìor leasachadh.

“Le barantas cinnteach de chom-pàirtiche craolaidh, tha cothrom againn na geamannan a chluicheas sgioba nam ban aig an taigh a shealltainn, geamannan a tha air a bhith air leth inntinneach gu ruige seo.

“Le 4,098 neach a’ coimhead a’ gheama aig The Simple Digital Arena ann am Pàislig, tha seo a’ sealltainn dhuinn gu bheil miann aig daoine sgioba nàiseanta nam ban fhaicinn agus tha an cùmhnant seo a’ toirt a’ chothrom don rìoghachd againn na geamannan fhaicinn nuair nach eil iad air chomas a bhith an làthair.

“Bidh sinn ag obair gu dlùth ri BBC ALBA gus dèanamh cinnteach gun cùm an com-pàirteachas a’ fàs bliadhna air bhliadhna agus a’ lìbhrigeadh craoladh aig àrd ìre de na geamannan.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA: “’S e cothrom air leth a tha seo airson na seanail. Anns na 10 bliadhna de BhBC ALBA, tha sinn air sealltainn ann an spòrs eile ciamar as urrainn do dh’ùrlar free-to-air nàiseanta a bhith a’ taisbeanadh spòrs a tha a’ sìor fhàs agus aig an aon àm a’ toirt a’ Ghàidhlig – uaireannan airson a’ chiad uair – chun luchd-amhairc.

“Tha ball-coise nam ban Albannach aig àm gluasadach na eachdraidh agus tha sinn air leth toilichte a bhith ag obrachadh leis an SFA agus leis an SWF gus com-pàirteachasan a bheir cruth atharrachadh agus maith gu luchd-amhairc BBC ALBA, ach cuideachd a tha cho tlachdmhor airson ball-coise nam ban Albannach aig ìre lìog agus ìre nàiseanta.

“Tha sinn cuideachd air leth toilichte tron BhBC a bhith comasach geamannan sgioba na h-Alba air fad bho Chupa Cruinne nam ban a chraoladh beò, ma gheibh iad troimhe chun na h-ìre seo.”

Thuirt Vivienne MacLaren Cathraiche SWF: “Tha an t-aonta seo na chomharra air adhartas taobh a-staigh ball-coise nam ban ann an Alba. Tha a bhith a’ toirt a’ gheama nas fhaisg air daoine ro-chudromach dhuinne mar bhuidheann agus tha an cùmhnant seo na cheum shoirbheachail eile. Le bhith ag obair le BBC ALBA ron seo, tha làn fhios againn air a’ mhòr mhiann a th’ aca airson ar geama agus tha sinn air leth toilichte a bhith nar pàirt den aonta seo.

“’S e àm brosnachail a th’ ann airson a’ gheama aig an taigh. Tha craoladh gheamannan air ùrlar nàiseanta na theisteanas air a h-uile duine a tha an sàs sa gheama, sna làithean a dh’fhalbh agus sna làithean seo, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil àm ri teachd soirbheachail ron ath ghinealach de chluicheadairean ball-coise boireann de gach aois.”


2017 News Archive Tasglann Naidheachdan 2017

#Vlogamhòid prize-winnersDuaisean Vlog a’ Mhòid
MG ALBA Scots Trad Music Awards ShortlistGeàrr-liosta Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA
Eòrpa wins at the Scottish BAFTAsEòrpa soirbheachail aig na BAFTAs Albannach
Gaelic media key to Gaelic learning – new research publishedRannsachadh ùr a’ dearbhadh gu bheil na meadhanan Gàidhlig aig cridhe ionnsachadh cànain
MG ALBA and Bòrd na Gàidhlig offer a new “LearnGaelic” Scholarship at The Glasgow School of ArtMG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic” aig Sgoil Ealain Ghlaschu
SPFL announces new broadcast deal with BBC ALBASPFL a’ foillseachadh cùmhnant craolaidh ùr le BBC ALBA
Annual Report 2016/17Aithisg Bhliadhnail 2016/17
FilmG 1010mh FilmG
Casting Opportunities in two dramasCothroman cleasachd ann an dà dhràma ùr
MA Television Fiction Writing scholarshipSgoilearachd cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein
YOUNG ARDNAMURCHAN SPORTS COMMENTATOR AND FILMG WINNER GOES BEHIND THE SCENES AT LIVE GLASGOW WARRIORS MATCHNEACH-AITHRIS ÒG IS BUANNAICHE FILMG À ÀIRD NAM MURCHAN A’ DOL AIR CÙL CHÙISEAN AIG GÈAM BEÒ GLASGOW WARRIORS
Key long-term production contractsPrìomh chùmhnantan riochdachaidh fad-ùine
BBC Gaelic Apprenticeship programmePreantasachd Gàidhlig aig a’ BhBC
Briseadh na Cloiche / The Breaking of the Stone DebutSealladh air Briseadh na Cloiche
Celtic Media Festival bursary schemeBursaraidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Celtic Media Festival nominationsGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Statement from Maggie CunninghamAithris bho Magaidh Choineagan
FilmG AwardsDuaisean FilmG
FilmG live streamDuaisean FilmG beò air-loidhne
MG ALBA appointment boosts creative teamSgioba phrògraman MG ALBA ga neartachadh



2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012