GàidhligEnglish

News Naidheachdan

8 March 2017

TWELVE GAELIC NOMINATIONS AS CELTIC MEDIA FESTIVAL SHORTLIST PUBLISHED

A total of 12 Gaelic award nominations for BBC ALBA and BBC Radio nan Gaidheal have been received in the 2017 Celtic Media Festival awards.

Among the BBC ALBA nominations were Hamish, a documentary film about the renowned Scottish cultural icon, Hamish Henderson, and Jimmy Johnstone, a film telling the life of the Celtic and Scotland footballing great a decade on from his death.

BBC Radio nan Gàidheal has been nominated for station of the year, whilst programmes including Mac 'Ille Mhicheil and Spòrs na Seachdain are shortlisted for awards.

The Celtic Media Festival takes place from May 3 to May 5 this year and will be hosted by Douglas on the Isle on Man.

Donald Campbell, MG ALBA Chief Executive said: “Pitched against some fantastic productions from across the Celtic regions and nations, it is pleasing to once again see Gaelic media recognised at the forefront of the creative sector.

“The nominations for BBC ALBA and BBC Radio nan Gaidheal programmes are just reward for both the imagination and effort that our sector professionals demonstrate on a consistent basis, and we look forward to the awards ceremony on the Isle of Man when we will hopefully see some of our programmes featured on the shortlists then going onto pick up awards.”

The BBC ALBA programmes which have been shortlisted in 2017 are:

Current Affairs
Eorpa Irish Babies (Produced by BBC Scotland Gaelic)
On 19th February 2015, the Irish Minister for Children announced the establishment of an independent enquiry into Mother and Baby Homes throughout Ireland in the 20th Century, with a three-year deadline and which would cost €21 million. Eòrpa reported on the alleged misconduct at 3 Mother and Baby Homes. The report focussed more on Tuam which spurred the Murphy Commission, after revelations of an alleged mass grave where supposedly 796 infants were buried between 1925 and 1961. Claims made that the homes had been at the centre of clinical drug trails, an illegal adoption ring and controversial disposal of infant’s bodies.

Factual Entertainment
Port (Produced by Bees Nees Media)
This landmark music series - part documentary; part travelogue; part spellbinding music performance – returns for a second series and continues to chart the musical landscapes of Ireland and Scotland. With two bona-fide tradition bearers leading the way, TG4 and BBC ALBA audiences accompany Julie Fowlis and Muireann Nic Amhlaoibh to bustling urban centres and sleepy townships to record a cast of musicians, raconteurs and characters. The musicians respond with an explosion of music; ancient folk songs re-ignited; polkas married to jigs; ballads floated on snaking musical arrangements and all built on the adrenaline rush of improvisation.

Factual Series
An Lot (Produced by MACTV)
In this six part series a Lewis crofter tries to make a go of crofting full-time. The first lambs appear, and Donald MacSween or ‘Sweeny’ sells his first eggs. But there are some unwanted visitors in the hen house.

Single Documentary
Hamish (Produced by Bees Nees Media)
Documentary film about Hamish Henderson, a colossal figure in Scottish culture and a man of endless passion and curiosity, whose poems continue to elevate and inspire a nation. This documentary pays tribute to the many contrary forces and diverse facets of Henderson's life as a poet, soldier, intellectual, activist, songwriter and leading force in the revival of Scottish folk music. From an English orphanage and the draughty corridors of Cambridge to overseeing the capitulation of the Italian army in WWII and penning the most celebrated Scottish ballad in contemporary folk music, Freedom Come Aa' Ye, this is Henderson's life as told by those who knew him best and loved him most.

Sports Documentary
Jimmy Johnstone (Produced by purpleTV)
A decade on from his death, Jimmy Johnstone examines the life of a phenomenal Scottish sporting talent, telling the story of the highs and the lows of an unforgettable working class footballer, Celtic legend, husband and father who lost his life to motor neurone disease age 61.

In addition to its nomination in the Radio Station of the Year category BBC Radio nan Gaidheal also has a number of programmes shortlisted across the 23 categories:

  • Fianais (Radio Documentary) - John Morrison interviews newspaper photographer, Donald MacLeod who speaks for the first time about covering the Lockerbie disaster, 1988 and on the effects that his experiences have had, and continue to have on him.
  • Tormod a' Bhocsair (Radio Documentary) - The village of Dell in Ness and Gaeldom were in deep mourning in May 2015 with the passing of Norman Campbell (Tormod a’ Bhocsair) - a huge loss to the family, community and Gaelic culture. In this programme Mairi MacAulay (Tormod’s niece) along with friends, colleagues and neighbours looks back at his life and the legacy that he left behind. The uncle, brother, father, friend, villager, neighbour, writer, teacher and most important of all the Nessman (Niseach)
  • Beag air Bheag (Radio Magazine Show) - John Urquhart presents series five of “Beag air Bheag”, the only radio programme especially for Gaelic learners.
  • Caithream Ciuil (Radio Music Programme (Live)) - Live radio broadcast from Martin's Memorial Hall, Stornoway during Heb Celt Fest 2016. A variety of festival artistes, including gaelic duo O'hEadhra & Mackenzie and Canadian folk group The Allison Lupton Band, perform live in front of a small audience
  • Mac 'Ille Mhicheil (Radio Music Programme (Live)) - John Carmichael sets your feet tapping at the start of the weekend. Lively, unscripted chat and a broad selection of music drawn from the Americana stable.
  • Spòrs na Seachdain (Radio Sports) - John Morrison presents the weekly sport programme which includes a variety of sporting content from around the country.

8 Màrt 2017

DUSAN PRÒGRAM GÀIDHLIG AINMICHTE AIR GEÀRR-LIOST FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH

Tha dusan prògram Gàidhlig bho BhBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air an ainmeachadh air geàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach am-bliadhna, a thèid a chumail ann an Eilean Mhanainn bho 3-5 Cèitean.

Am measg nam prògraman air a’ gheàrr-liosta bha Hamish, film aithriseach mun duine shuaicheanta ann an cultar na h-Alba, Hamish Henderson, agus Jimmy Johnstone, film a' dèanamh luaidh air beatha fear de na sàr thàlantan ann an eachdraidh spòrs na h-Alba.

Tha BBC Radio nan Gàidheal aon uair eile ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, le prògraman leithid Mac 'Ille Mhìcheil agus Spòrs na Seachdain air a’ gheàrr-liosta.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha sinn a’ dèanamh toileachas mòr gu bheil na meadhanan Gàidhlig air aithne a chosnadh, ann an fharpais le sàr phrògraman bho air feadh nan roinnean Ceilteach, aig fìor thoiseach na roinne chruthachail.

“Tha na tha de phrògraman air an ainmeachadh bho BhBC ALBA agus bho BBC Radio nan Gaidheal, a’ toirt aithne agus taing, airson an dà chuid am mac-meanmna agus an oidhirp a tha na proifeiseantaich nar roinn a’ sealltainn gu cunbhalach. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri na duaisean air Eilean Mhanainn agus dòchasach gum faic sinn cuid de na prògraman air a’ gheàrr-liosta a’ cosnadh duais”.

Prògraman BBC ALBA a th’ air a’ gheàrr-liosta:

Cùisean làitheil
Eòrpa Irish Babies (Riochdaichte le BBC Scotland Gàidhlig)
Prògram sònraichte mu mhòr-uaidh a thathar ag ràdh a tha stèidhichte aig seann dachaigh Màthair is Pàiste ann a Tuam, Co. Gaillimh an Èirinn – far a bheil e air a ràdh a chaidh suas gu 796 leanabh an tìodhlacadh eadar 1925-1961.

Dhibhearsain Fìrinneach
Port (Riochdaichte le Bees Nees Media)
An dàrna sreath de Phort – am prògram aithriseach ciùil air a lìbhrigeadh le dithis a tha nan deagh charaidean agus nan sàr luchd-ciùil - Julie Fowlis is Muireann NicAmhlaoibh. A’ taisbeanadh nan ceanglaichean dualchais a tha eadar Èireann agus Alba, fhuair luchd-amhairc craic agus ceòl air leth!

Sreath Fìrinneach
An Lot (Riochdaichte le MACTV)
Ghlac sgeulachd croiteir òg à Nis ann an Leòdhas, Dòmhnall MacSuain – no Sweeny mar as fheàrr a dh’aithnicheas mòran e – agus an oidhirp aige beòshlaint’ a dhèanamh à croitearachd làn ùine, aire luchd-amhairc BBC ALBA an-uiridh. Tha sinn a-nise a’ tilleadh dhan chroit son faicinn mar a tha a’ dol dha leis na planaichean aige airson an dàrna bliadhna de An Lot.

Prògram Aithris Singilte
Hamish (Riochdaichte le Bees Nees Media)
Bha Seumas MacEanraig na dhuine shuaicheanta ann an cultar na h-Alba, fear le spionnadh gun chrìoch. Tha a bhàrdachd fhathast a’ toirt togail agus a' brosnachadh na dùthcha. Tha am film seo a' dèanamh luaidh air a’ bheatha ioma-fhillte a bh’ aig MacEanraig; bàrd, saighdear, fear tulchuiseach, iomairteach, sgrìobhaiche òrain agus na chùl-taic do ath-bheothachadh ceòl traidiseanta na h-Alba. Bho thaigh nan dilleachdan agus trannsaichean Chambridge gu bhith os cionn ghnothaichean nuair a ghèill feachdan na h-Eadailt anns an Dàrna Cogadh agus sgrìobhadh "Freedom Come Aa' Ye", 's e seo sgeulachd beatha MhicEanraig air a h-innse leis an fheadhainn a bha eòlach air agus a bha measail air. Tha luaidh ga dhèanamh air sàr Albannach, a' fighe seann fhilmichean agus àrd-mholaidhean bho chàirdean agus bho charaidean.

Prògram Aithris Spòrs
Jimmy Johnstone (Riochdaichte le purpleTV)
Deich bliadhna às dèidh a bhàs, tha ‘Jimmy Johnstone’ a' dèanamh luaidh air beatha fear dheth na sàr thàlantan ann an eachdraidh spòrs na h-Alba, ag innse soirbheas is doilgheas cluicheadair ball-coise sònraichte nach tèid à cuimhne gu bràth, laoch aig sgioba Celtic, cèile agus athair a chaill a bheatha air sàilleabh tinneas motor neurone aig aois 61.

A thuilleadh air a bhith ainmichte airson duais Stèisean Rèidio na Bliadhna, tha cuideachd prògraman bho BhBC Radio nan Gàidheal air a’ gheàrr-liosta:

  • Fianais (Prògram Aithris Rèidio) - Iain Moireasdan a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLeòid a tha a’ bruidhinn airson a’ chiad uair mu thubaist Lockerbie ann an 1988 agus a’ bhuaidh a thug, agus a tha seo a’ toirt air.
  • Tormod a' Bhocsair (Prògram Aithris Rèidio) – bha Dail ann an Nis, agus a’ Ghaidhealtachd air fad, a’ caoidh sa Chèitean 2015 nuair a chaochail Tormod a’ Bhocsair – call air leth don teaghlach, a’ choimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig. Sa phrògram seo tha Mairi NicAmhlaigh a thuilleadh air caraidean, co-obraichean agus nàbaidhean a’ toirt sùil air a bheatha agus an dìleab a dh’fhàg e às a dhèidh. Uncail, bràthair, athair, caraid, sgrìobhaiche, tidsear agus gu seach àraid, Niseach
  • Beag air Bheag (Prògram dhibhearsain Rèidio) - An aona phrògram air rèidio airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, le Iain Urchardan
  • Caithream Ciùil (Prògram Ciùil Rèidio Beò) - beò bho Thalla Eaglais Cuimhneachan Mhàrtainn ann an Steòrnabhagh aig Fèis Cheilteach nan Innse Gall 2016.
  • Mac 'Ille Mhìcheil (Prògram Ciùil Rèidio Beò) - Iain Mac Ille Mhìcheil agus a chàirdean a’ cur an deireadh-seachdain air a chasan le còmhradh, craic agus ceòl!
  • Spòrs na Seachdain (Spòrs Rèidio) – prògram seachdainneach de spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, le Iain Moireasdan.


2017 News Archive Tasglann Naidheachdan 2017

MG ALBA and Bòrd na Gàidhlig offer a new “LearnGaelic” Scholarship at The Glasgow School of ArtMG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic” aig Sgoil Ealain Ghlaschu
SPFL announces new broadcast deal with BBC ALBASPFL a’ foillseachadh cùmhnant craolaidh ùr le BBC ALBA
Annual Report 2016/17Aithisg Bhliadhnail 2016/17
FilmG 1010mh FilmG
Casting Opportunities in two dramasCothroman cleasachd ann an dà dhràma ùr
MA Television Fiction Writing scholarshipSgoilearachd cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein
YOUNG ARDNAMURCHAN SPORTS COMMENTATOR AND FILMG WINNER GOES BEHIND THE SCENES AT LIVE GLASGOW WARRIORS MATCHNEACH-AITHRIS ÒG IS BUANNAICHE FILMG À ÀIRD NAM MURCHAN A’ DOL AIR CÙL CHÙISEAN AIG GÈAM BEÒ GLASGOW WARRIORS
Key long-term production contractsPrìomh chùmhnantan riochdachaidh fad-ùine
BBC Gaelic Apprenticeship programmePreantasachd Gàidhlig aig a’ BhBC
Briseadh na Cloiche / The Breaking of the Stone DebutSealladh air Briseadh na Cloiche
Celtic Media Festival bursary schemeBursaraidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Celtic Media Festival nominationsGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Statement from Maggie CunninghamAithris bho Magaidh Choineagan
FilmG AwardsDuaisean FilmG
FilmG live streamDuaisean FilmG beò air-loidhne
MG ALBA appointment boosts creative teamSgioba phrògraman MG ALBA ga neartachadh



2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman