GàidhligEnglish

News Naidheachdan

20 June 2017

CASTING OPPORTUNITIES IN TWO NEW DRAMAS FOR BBC ALBA

MG ALBA, Solus Productions and Sorbier Productions are searching for new acting talent for two dramas aimed at children and young people.

Solus Productions will be holding auditions in Skye, Benbecula, Glasgow and Stornoway between 19-24 June looking for two young male actors to take part in an international drama-documentary series Small Hands 2, produced by LOOKSFilms. The series will features stories based on letters and diaries from the WW2 interlaced with documentary and archive for transmission on BBC ALBA in 2018/19.

Jim Webster from Solus said “Solus are delighted to be involved in Small Hands 2 and we look forward to seeing what talent the auditions yield. Anyone unable to attend an audition can get in touch via our email address and we can look at submissions online”.

Sorbier Productions have also been busy in the last few weeks auditioning for a lead young female actor and young male supporting lead actor for a children’s drama that is also part of an international project operated through the EBU (European Broadcasting Union) aimed at children aged 6-9. The Gaelic film will be seen across Europe and beyond and in exchange children’s films from across Europe will be available for transmission on BBC ALBA in 2018.

Patsi MacKenzie from Sorbier added “It's exciting to embark on production of an original Gaelic film for youngsters, within a European framework, where the cinematic legacy is so rich and inspiring. Sorbier aims to produce a highly crafted, stand-out story that will resonate beyond Scotland. We're especially thrilled by the enthusiastic response we've had during the casting process, from primary aged Gaelic speakers interested in performance. Lots of fresh, young talent is coming to the fore”

Margaret Cameron, BBC ALBA, said “To have not one but two short drama productions with opportunities for young Gaelic actors is such a fantastic piece of news. We hope young performers come forward and help us put our Gaelic dramas on the map in Europe”.

Small Hands 2 is produced by LOOKSFilms with production support by Solus Productions. The EBU drama film is produced by Sorbier Productions.

Further details on auditions are available at mail@solusproductions.tv or 0141 353 2502.

20 Ògmhios 2017

BBC ALBA a’ tabhann cothroman cleasachd ann an dà dhràma ùr

Tha MG ALBA, le na companaidhean Solus agus Sorbier, a’ sireadh tàlant cleasachd ùr airson dà dhràma a bhios ag amas air clann agus òigridh.

Bidh Solus Productions a’ tadhal air an Eilean Sgitheanach, Beinn na Faoghla, Glaschu agus Steòrnabhagh eadar 19 agus 24 Ògmhios airson coinneachadh ri òigridh agus iad a’ sireadh dithis ghillean (14-16) airson pàirt a ghabhail ann an dràma aithriseach eadar-nàiseanta air am bheil Clann an Dara Chogaidh, agus a tha air a riochdachadh le LOOKSFilms.

‘S e sreath le dràma a bhios an seo, stèidhichte air litrichean is leabhraichean latha bhon Dàrna Cogadh, agus air a shnìomh le stuth aithriseach agus tasglainn. Thèid an t-sreath a chraoladh air BBC ALBA ann an 2018/2019.

Thuirt riochdaire Solus, Jim Webster: “Tha Solus cho toilichte a bhith an lùib Clann an Dara Chogaidh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri toraidhean na deuchainn-chluiche. Mura bheil duine air chomas a bhith an làthair, cuiribh fios thugainn air p-d agus faodaidh sinn coimhead ri tagraidhean air-loidhne.”

Tha Sorbier Productions air a bith trang o chionn grunnan sheachdainean a’ sireadh chleasaichean òga – nighean agus gille - airson dràma chloinne a tha mar phàirt de dh’ iomairt eadar-nàiseanta eile tron EBU (European Broadcasting Union), agus a bhios ag amas air clann eadar 6 is 9 bliadhna a dh’aois. Thèid am film Gàidhlig seo a chraoladh tron Roinn Eòrpa agus nas farsainge, agus mar phàirt den iomlaid thèid filmichean chloinne bho iomadh ceàrnaidh den Roinn Eòrpa a chraoladh air BBC ALBA ann an 2018.

A rèir Patsi NicCoinnich bho Sorbier: “’S e rud air leth taitneach a th' ann a bhith a’ riochdachadh film Gàidhlig do dh'òigridh, fo bhratach Eòrpach, leis an dìleab iongantach a th' aig na dùthchannan sin ann an dràma. Tha sinn an dùil film a dhèanamh a sheasas a-mach, an Alba agus nas fhaid' air falbh. Tha sinn gu h-àraid air ar dòigh, a bhith a’ faicinn clann le Gàidhlig bho air feadh na dùthcha a' gabhail ùidh sa phròiseact, le miann mòr aca a bhith air beulaibh chamara. Tha an t-uabhas tàlant ùr a' nochdadh."

Às leth BBC ALBA, thuirt Mairead Chamshron: “’S e naidheachd mhìorbhaileach a tha ann gu bheil dà dhràma ghoirid gu bhith againn agus gu bheil cothroman gu bhith nan cois do chleasaichean òg le Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gun tig na cleasaichean sin air adhart agus gun cuidich iad gus cliù dràma Gàidhlig àrdachadh air feadh na Roinn Eòrpa.”

Tha Clann an Dara Chogaidh air a riochdachadh le LOOKSFilms le taic bho Solus Productions. Tha dràma EBU air a riochdachadh le Sorbier Productions.

Bidh barrachd fiosrachaidh mu na deuchainnean rim faighinn aig mail@solusproductions.tv no 0141 353 2502.


2017 News Archive Tasglann Naidheachdan 2017

MG ALBA and Bòrd na Gàidhlig offer a new “LearnGaelic” Scholarship at The Glasgow School of ArtMG ALBA agus Bòrd Na Gàidhlig a’ tabhann Sgoilearachd “LearnGaelic” aig Sgoil Ealain Ghlaschu
SPFL announces new broadcast deal with BBC ALBASPFL a’ foillseachadh cùmhnant craolaidh ùr le BBC ALBA
Annual Report 2016/17Aithisg Bhliadhnail 2016/17
FilmG 1010mh FilmG
Casting Opportunities in two dramasCothroman cleasachd ann an dà dhràma ùr
MA Television Fiction Writing scholarshipSgoilearachd cùrsa Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein
YOUNG ARDNAMURCHAN SPORTS COMMENTATOR AND FILMG WINNER GOES BEHIND THE SCENES AT LIVE GLASGOW WARRIORS MATCHNEACH-AITHRIS ÒG IS BUANNAICHE FILMG À ÀIRD NAM MURCHAN A’ DOL AIR CÙL CHÙISEAN AIG GÈAM BEÒ GLASGOW WARRIORS
Key long-term production contractsPrìomh chùmhnantan riochdachaidh fad-ùine
BBC Gaelic Apprenticeship programmePreantasachd Gàidhlig aig a’ BhBC
Briseadh na Cloiche / The Breaking of the Stone DebutSealladh air Briseadh na Cloiche
Celtic Media Festival bursary schemeBursaraidh Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Celtic Media Festival nominationsGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Statement from Maggie CunninghamAithris bho Magaidh Choineagan
FilmG AwardsDuaisean FilmG
FilmG live streamDuaisean FilmG beò air-loidhne
MG ALBA appointment boosts creative teamSgioba phrògraman MG ALBA ga neartachadh



2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman