GàidhligEnglish

News Naidheachdan

27 September 2016

MG ALBA announce competition to find best Mod Vlogger

MG ALBA (The Gaelic Media Service) has launched a new video competition to find the best Vlogger at the Royal National Mod 2016.

Vlog a’ Mhòid/Mod Vlog will be open to entries from anyone participating in the Mod in any way whether it be as a performer, TV viewer, radio listener, competition adjudicator or Mod supporter.

Suggested vlog subjects could include Mod preparation, such as rehearsals, travel, preparing to go on stage, receiving the marks, watching the programmes, ceilidhs, massed choirs or the journey home.

The competition starts on Tuesday 27 September, and will be open until Tuesday 25 October. It will have two age categories, with prizes being awarded in the Under 18 and Adult categories. The prize for each category will be a Go-Pro camera.

All vlogs must be filmed on mobiles, be in Gaelic, the subject matter must be about the Mod and films should be no longer than three minutes duration. Full details of the competition can be found here.

Competitors can choose to make one vlog, separate vlogs or a series of vlogs. In order to assist potential vloggers, Calum MacLean, of the BBC’s The Social has provided a Vlog Dos and Don’ts guide, which can be viewed here

The competition has the support of Mod organisers An Comunn Gàidhealach. Iseabail Mactaggart, MG ALBA Director of Development and Partnerships said: “One of MG ALBA’s objectives is to encourage more people to create more of their own content, using Gaelic, on digital media. Gaelic is at the heart of the Mod, and the event is a great opportunity for a vlog competition. We are looking forward to seeing the vlogs, and to seeing them being shared as much as possible”.

Mòd 2016 will open in Stornoway on Friday 14 October and will come to a close with the Massed Choirs performance on Saturday 22 October.

27 Sultain 2016

Co-fharpais ùr MG ALBA – Vlog a’ Mhòid

Tha MG ALBA air co-fharpais bhidio ùr a chuir air bhog gus a’ Vlogger as fheàrr a lorg aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2016.

Bidh Vlog a’ Mhòid fosgailte airson neach sam bith a tha an sàs sa Mhòd ann an dòigh sam bith – a’ gabhail pàirt mar fharpaiseach, ga choimhead air an tbh, ag èisteachd air rèidio, mar bhritheamh no mar neach-taic a’ Mhòid.

Faodaidh na vlogan a bhith a’ gabhail a-steach ullachadh airson a’ Mhòid, siubhal, a’ dèanamh deiseil airson a dhol air an àrd-ùrlar, a’ faighinn nan comharran, a’ coimhead nam prògraman, a bhith a’ coimhead no a’ frithealadh nan cèilidhean agus nan còisirean air fad a’ seinn còmhla no an turas dhachaigh.

Tòisichidh a’ cho-fharpais Dimàirt 27 Sultain agus bidh e fosgailte gu Dimàirt 25 Dàmhair. Bidh dà roinn aois ann, le duaisean gan toirt seachad san roinn Fo aois 18 agus san roinn airson Inbhich. Gheibh iadsan a bhuannaicheas anns gach roinn camara Go-Pro.

Feumaidh gach vlog a bhith clàraichte air fòn-làimhe, feumaidh e a bhith sa Ghàidhlig agus mun Mhòd agus nas giorra na trì mionaidean. Gheibhear na riaghailtean mionaideach an seo.

Faodaidh farpaisich roghnachadh a bhith a’ cruthachadh aon vlog, vlogan air leth no sreath de vlogan. Gus cuideachadh a thoirt dhaibhsan aig a bheil ùidh ann an vlog a chruthachadh, tha Calum MacIlleathain, bho The Social aig a’ BhBC, air stiùir vlog ullachadh (Dèan sin/Na dèan seo) a tha ri fhaighinn an seo.

Tha An Comunn Gàidhealach, a bhios a’ cur a’ Mhòid air dòigh, taiceil mun cho-fharpais. Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh & Co-bhanntachdan MG ALBA: “’S e fear de amasan MG ALBA daoine a bhrosnachadh gus stuth fèin chruthaichte sa Ghàidhlig a dhèanamh airson nam meadhanan didseatach. Tha Gàidhlig aig cridhe a’ Mhòid agus tha an tachartas na dheagh chothrom airson co-fharpais vlog a chur air bhog. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri na vlogan fhaicinn agus am faicinn air an co-roinn cho fad is farsaing ’s a ghabhas”.

Fosglaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 ann an Steòrnabhagh Dihaoine 14 Dàmhair, a’ crìochnachadh le na còisearan air fad a’ seinn còmhla Disathairne 22 Dàmhair.


2016 News Archive Tasglann Naidheachdan 2016

Mòd Vlog winnersBuannaichean Vlog a’ Mhòid
FilmG 2017FilmG 2017
Celtic Formats Pilot Scheme 2016/17Sgeama pìleat Fòrmatan Ceilteach 2016/17
Big Gaelic SurveySuirbhidh Mhòr na Gàidhlig
Gaelic writers' surveyBeachdan gan sireadh air leasachadh tàlant sgrìobhadh
Strategic team reinforcing commitment to Gaelic BroadcastingSgioba ro-innleachdail a' daingneachadh dealas go Chraoladh Gàidhlig
Vlog a’ Mhòid / Mòd VlogVlog a’ Mhòid
Bannan - international audiencesBannan - luchd-amhairc eadar-nàiseanta
Charter reference to Gaelic broadcasting welcomedFàilte air iomradh sa Chairt Rìoghail air craoladh Gàidhlig
BBC ALBA Head Of Content set for new role at TG4Ceannard Phrògraman BBC ALBA air ainmeachadh mar Cheannard ùr TG4
BBC ALBA - new schedule of programmes for Autumn 2016BBC ALBA - clàr ùr de phrògraman airson Foghar 2016
Political support for Gaelic broadcasting remains wide-ranging and strongTaic làidir ann bho air feadh na roinn phoilitigeach airson craoladh Gàidhlig
Demand for increased resources for BBC ALBAIarrtas airson BBC ALBA nas trease
Annual Report 2015-16Aithisg bhliadhnail 2015-16
BBC ALBA success at the RTS Scotland AwardsSoirbheachas aig Duaisean RTS Alba
BBC Charter ReviewCairt Rìoghail A’ BhBC
Ofcom appointed two new MG ALBA Board membersDà bhall ùr air an ainmeachadh air Bòrd MG ALBA
MG ALBA TV Writing Scholarship for Gaelic SpeakersCothroman Sgoilearachd MG ALBA ann an Sgrìobhadh Ficsean airson luchd-labhairt na Gàidhlig
Little by Little, has been redesigned as new on LearnGaelic.ScotTha làrach-lìn Beag air Bheag air a cur air bhog às ùr air LearnGaelic.Scot
MG ALBA supports Gaelic media apprenticeshipMG ALBA a’ gabhail pàirt ann an sgeama preantasachd ùr
BBC Radio nan Gàidheal celebrating double success at the Celtic Media Festival 2016BBC Radio nan Gàidheal air dà dhuais a bhuannachadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016
3 BBC ALBA programmes shortlisted in RTS Scotland awards3 prògraman BBC ALBA air geàrr-liosta duaisean RTS
BBC ALBA is set to move up the EPGBBC ALBA a' gluasad suas an EPG
The Best Place to Work in TV 2016Àite as fheàrr a bhith ag obair ann an telebhisein 2016
Celtic Media Festival ShortlistGeàrr-Liost Fèis nam Meadhanan Ceilteach
HAMISHHAMISH
Celtic Media Festival 2016Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2016
FilmG online streamFilmG ga chraoladh beò
Live CurlingCroladh beò

2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman