GàidhligEnglish

News Naidheachdan

19 November 2015

BBC ALBA ANNOUNCES ENHANCED BROADCAST PACKAGE OF SCOTS TRAD MUSIC AWARDS LIVE COVERAGE AVAILABLE TO A WORLDWIDE AUDIENCE

Na Trads / Scottish Traditional Music Awards 2015
BBC ALBA – Saturday 5 December, 9.00 – 11.00pm

With the 2015 MG ALBA Scots Trad Music Awards set to take place in Dundee on Saturday 5 December, BBC ALBA has confirmed its plans for coverage of the event, widely regarded as the biggest night of the Scots Traditional music calendar.

Since 2008 BBC ALBA has provided coverage from the awards which are now broadcast live and the channel will once again be bringing viewers and listeners the best from this year’s event taking place at Caird Hall, Dundee. And for the first time ever, included in this year’s package will be worldwide coverage on www.bbc.co.uk/alba with BBC Radio Scotland also broadcasting the awards live from the event.

Hosting the evening will be the prodigiously-talented duo, Mary Ann Kennedy and Tony Kearney. Along with presentations of awards across sixteen categories, the evening will feature live performances from a host of top Scottish performers including renowned Gaelic singer Cathy Ann MacPhee who will be travelling from Canada for the occasion, as well as the Peatbog Faeries and Duncan Chisholm, who won Album of the Year 2014.

Event founder and promoter Simon Thoumire, said: “I am thrilled and delighted that BBC ALBA will once again be bringing the MG ALBA Scots Trad Music Awards to audiences throughout the UK and it’s a huge bonus that the awards will also be broadcast worldwide bringing Scotland’s music and song to new international audiences.”

Margaret Cameron, BBC ALBA Executive Producer, said: “BBC ALBA is delighted to be working with Bees Nees Media and other partners including Dundee City Council to bring the awards to a wider audience of viewers and listeners both at home and on a worldwide stage through our enhanced broadcast package. It’s sure to be a fantastic night with a great line-up reflecting Scottish Traditional Music at its very best.”

Sharon Mair, Editor Radio Music, Events and Partnerships for BBC Scotland, said: “BBC Radio Scotland has a great track record of supporting Scottish traditional music so we’re delighted to be broadcasting live from the MG ALBA Scots Trad Music Awards for the first time on Saturday 5th December. This is a true collaboration between all the organisations involved and will bring the best of traditional music to our audiences.”

City of Dundee Lord Provost Councillor Bob Duncan, said: “Dundee City Council is delighted to welcome such a prestigious national music event to the city for the first time and I am certain that Dundee will put on a fantastic show for the BBC ALBA and worldwide audiences as well as those visiting the city for the event. I am also pleased that Dundee’s very own Catriona Mackay who won the Instrumentalist of the Year category at last year’s awards will be performing as part of the evening’s entertainment.”

Na Trads / Scottish Traditional Music Awards 2015 programme will be broadcast live on BBC ALBA from Dundee on Saturday 5 December starting at 9pm and will be repeated on Friday 11 December at 9.50pm. BBC Radio Scotland is available on 92-95FM with live coverage from the event.

19 Samhain 2015

OIDHCHE DUAISEAN NA TRADS 2015 AIR BBC ALBA RI FHAIGHINN BEÒ AIR FEADH AN T-SAOGHAIL

Na Trads / Scottish Traditional Music Awards 2015
BBC ALBA – Disathairne 5 Dùbhlachd, 9.00 – 11.00f

Le oidhche Duaisean Na Trads MG ALBA 2015 air fàire ann an Dùn Dè air Disathairne 5 Dùbhlachd, tha BBC ALBA air dearbhadh gum bi an oidhche ri fhaicinn beò air tbh agus cuideachd, airson a’ chiad uair, air feadh an t-saoghail air www.bbcalba.co.uk/alba

Tha BBC ALBA air a bhith a’ craoladh nan duaisean bho 2008 agus am-bliadhna bheir an t-seanail na bhios a’ tachairt ann an Talla Caird beò chun luchd-amhairc. Agus airson a’ chiad uair, bidh cothrom aig daoine air feadh an t-saoghail an oidhche fhaicinn air www.bbc.co.uk/alba le Radio Scotland cuideachd a’ craoladh beò bhon tachartas.

Thèid an oidhche a lìbhrigeadh le dithis air a bheil sinn uile eòlach - Màiri Anna NicUalraig agus Tony Kearney. A bharrachd air duaisean ann an 16 gnè, bidh còmhlan-ciùil agus seinneadairean leithid Cathy Ann Nic a’ Phi, na Peatbog Faeries agus Donnchadh Siosalach a’ toirt thugainn ceòl beò.

Thuirt Simon Thoumire bho Hands up for Trad, a bhios a’ cur nan duaisean air dòigh: “Tha mi uabhasach toilichte gu bheil BBC ALBA gu bhith a’ craoladh bho na duaisean a-rithist agus cuideachd gu bheil oidhche nan duaisean gu bhith ri fhaicinn agus ri chluinntinn air feadh an t-saoghail agus dha thoirt gu luchd-amhairc às ùr.”

Thuirt Mairead Chamshron, Àrd-Riochdaire às leth BBC ALBA: “Tha BBC ALBA toilichte a bhith ag obair còmhla ris a’ chompanaidh riochdachaidh Bees Nees Media agus buidhnean eile mar Comhairle Baile Dhùn Dè airson Na Trads a thoirt gu luchd-èisteachd agus luchd-amhairc air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus air feadh an t-saoghail cuideachd airson a’ chiad uair. ’S e oidhche air leth a bhios ann le cuid den luchd-ciùil as fheàrr ann an ceòl Traidiseanta na h-Alba a’ nochdadh”.

Thuirt Sharon Muir, Neach-deasachaidh BBC Radio Scotland: “Tha eachdraidh agus cliù aig Radio Scotland le bhith a’ toirt taic do cheòl traidiseanta Albannach agus tha sinn fìor thoilichte Na Trads a chraoladh beò airson a’ chiad uair air Disathairne 5 Dùbhlachd. ’S e fìor co-bhanntachd a tha seo eadar na diofar bhuidhnean a tha an sàs ann, a bheir an ceòl traidiseanta as fhèarr chun an luchd-èisteachd againn.”

Chuir Comhairle Baile Dhùn Dè fàilte air Na Trads leis a’ Chomhairliche Bob Duncan, Pròbhaist Baile Dhùn Dè ag ràdh: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomhsa às leth Baile Dhùn Dè fàilte a chur air tachartas Duaisean Na Trads MG ALBA. Tha mi cinnteach gur e tachartas air leth a bhios ann airson a h-uile duine a bhios an làthair san talla agus na bhios a’ coimhead agus ag èisteachd air BBC ALBA agus air feadh an t-saoghail. Tha mi fìor thoilichte cuideachd gu bheil Catriona NicAoidh à Dùn Dè gu bhith na pàirt den tachartas.”

Chithear Na Trads 2015 beò air BBC ALBA air Disathairne 5 Dùbhlachd a’ tòiseachadh aig 9f le ath-chraoladh air Dihaoine 11 Dùbhlachd. Gheibhear BBC Radio Scotland air 92-95FM le craoladh beò bhon tachartas.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman