GàidhligEnglish

News Naidheachdan

28 January 2015

HIGHEST NUMBER OF ENTRIES YET FOR GAELIC SHORT FILM COMPETITION

Short film 2

Budding filmmakers have submitted a record breaking number of entries to this year’s FilmG, MG ALBA’s national Gaelic short film competition.

An amazing 79 films have been entered for this year’s competition, with 51 submissions in the youth category and 28 adult entries.

All films can now be viewed online from today (Wednesday 28 January) and voting for your favourite film is now open until the March 20 - the week before the glitzy awards ceremony in Glasgow.

As usual there was a strong entry in the Youth Category with youngsters covering a variety of topics including the First World War with films such as ‘Gealladh an t-Saighdeir’ (The Soldier’s Promise) by Plockton High School and ‘Cogadh gun Chiall’ (Senseless War) by Mallaig High School. Other films like ‘An Agallamh’ (The Interview) by Lochaber High School covered the challenging issue of self-harm whilst Sgoil Shamhraidh Dhrama (Gaelic Drama Summer School) decided to go for comedy with their film ‘Gaol an t-Samhraidh’ (Summer Love).

The Open Category saw an increase in the number of films made by community groups including ‘Siuthad a Sheònaid’ by Skye Highland Dance Group, Dannsairean an Eilein Sgitheanaich and ‘Gealladh Dualchais’ (a promise to our heritage) by Gairloch Heritage Museum. These films were made possible by additional funding from the Scottish Government specifically for workshops with community groups.

Short film screen shot 3

FilmG was as popular as ever with students from around the country. These include an animated film, ‘Romansa Sèimh’ (Gentle Romance) by Duncan and Jordonstone animation student Fiona McAndrew as well as five films by students at Sabhal Mòr Ostaig, Scotland’s National Centre for Gaelic Language and Culture. These include a comedic take on Danny MacAskil’s ‘The Ridge’ film by TV Course Students called ‘Crisdean Cunnartach’ (Dangerous Christopher) as well as a light-hearted film on unrequited love called ‘Gealladh gun choileanadh’ (Unfulfilled Promise).

FilmG Project Manager, Floraidh Forrest, said: “It is great to have another crop of Gaelic films available online from this year’s competition. Those who made films have gone to a lot of effort in terms of developing their stories, as well as filming and editing, and we’ve had great fun watching their entries. We can already spot the stars of the future shining through!”

Iseabail Mactaggart who supervises the project on behalf of MG ALBA is also delighted with this year’s competition, “FilmG keeps going from strength to strength and it’s great to see a record number of entries in the seventh year of the competition. Yet another increase in entries in testament to the effort of FilmG project staff in engaging both young people and adults in both the art of filmmaking and the language of Gaelic. The project helps to build confidence in language media skills but it also brings lots of interesting and creative ideas to the fore.”

All films can be viewed online at www.filmg.co.uk on Wednesday 28 January. The judges will decide on their shortlists in the middle of February with the winners being announced at the glitzy awards ceremony taking place at the Old Fruitmarket in Glasgow on Friday 27 March..

28 Faoilleach 2015

ÀIREAMH AS MOTHA DE DH'FHILMICHEAN ANN AN CO-FHARPAIS NAM FILMICHEAN GOIRID

Short film 2

Tha FilmG, co-fharpais nàiseanta nam filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA, air 79 filmichean fhaighinn am bliadhna, 51 ann an roinn na h-òigridh agus 28 ann an roinn nan inbheach. Tha a h-uile film ri fhaicinn air-loidhne an-diugh (Diciadain 28 Faoilleach) agus faodaidh tu bhòtadh airson an fhilm as fheàrr leat gu 20 Màrt, an t-seachdain ron chuirm mhòr ann an Glaschu.

Mar as àbhaist, fhuaireadh filmichean math ann an roinn na h-òigridh agus bha daoine òga air caochladh chuspairean mar a' Chiad Chogadh a thaghadh ann am filmichean a leithid 'Gealladh an t-Saighdeir' le Àrd-sgoil a' Phluic agus 'Cogadh gun Chiall' le Àrd-sgoil Mhalaig. Tha am film, 'An Agallamh' le Àrd-sgoil Loch Abar' a' dèiligeadh le fèin-dhochann, cuspair dùbhlanach dhà-rìreabh, agus chuir Sgoil Shamhraidh Dhràma romhpa comadaidh fheuchainn anns an fhilm, 'Gaol an t-Samhraidh'.

Bha àrdachadh mòr ann an àireamh nam filmichean san roinn fhosgailte le buidhnean coimhearsnachd a leithid 'Siuthad a Sheònaid' le Dannsairean an Eilein Sgitheanaich agus 'Gealladh Dualchais' le Taigh-tasgaidh Gheàrrloch. Bha na filmichean seo an eisimeil taic a bharrachd le Riaghaltas na h-Alba a chuireadh mu choinneimh bhùithtean-obrach le buidhnean coimhearsnachd.

Short film screen shot 3

Bha fèill mhòr air FilmG a-rithist am measg oileanach air feadh na dùthcha. Rinn Fiona NicGilleAnndrais, oileanach beò-dhealbhaidh aig Duncan and Jordonstone, am film 'Romansa Sèimh' agus fhuaireadh còig filmichean le oileanaich Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, 'Crìsdean Cunnartach' nam measg, atharrais èibhinn le oileanaich a' chùrsa telebhisein air 'The Ridge' le Danny MacAsgaill, agus film ait romansach air a bheil 'Gealladh gun choileanadh'.

Thuirt Flòraidh Forrest, Manaidsear Pròiseict FilmG: "Tha e na thlachd mòr gu bheil filmichean Gàidhlig na bliadhna ri fhaicinn air-loidhne a-nis. Chaidh mòran oidhirp a dhèanamh a' dealbhadh nan sgeulachdan, gam filmeadh agus gan deasachadh, agus bha spòrs againn fhìn gan coimhead. Tha sinn cinnteach gu bheil sinn air rionnagan ùra nam bliadhnaichean ri teachd fhaicinn a' deàlradh sna filmichean seo!"

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, a tha a' stiùireadh a' phròiseict às leth MG ALBA, mu cho-fharpais na bliadhna, "'S ann a tha FilmG a' sìor-dhol am feabhas a h-uile bliadhna agus tha e uabhasach math an uiread seo a dh' fhilmichean fhaicinn san t-seachdamh bliadhna den cho-fharpais. Bidh am pròiseact a' toirt misneachd dha daoine òga gu h-àraid le sgilean cànain is na meadhanan, ach tha e na mheadhan cuideachd air iomadh beachd inntinneach is cruthachail a thoirt am follais."

Chithear a h-uile film air-loidhne aig www.filmg.co.uk bho Dhiciadain 28 Faoilleach. Nì na britheamhan taghadh nan geàrr-liostaichean am meadhan a' Ghearrain agus thèid an luchd buannachaidh fhoillseachadh aig cuirm spaideil nan duaisean aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu, Dihaoine 27 Màrt.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman