GàidhligEnglish

News Naidheachdan

10 March 2015

MG ALBA FOCUSES ON DRIVING ECONOMIC PROSPERITY

Gaelic independent production companies could help create jobs and deliver economic prosperity, a leading media body has said.

Maggie Cunningham, chairperson of MG ALBA – which operates BBC ALBA in partnership with the BBC – made the assessment at a reception held by the organisation at 11 Downing Street in London, and hosted by the Chief Secretary to the Treasury, Danny Alexander, MP.

Ms Cunningham said she was confident that Gaelic originated programming had the potential to drive creative industries’ growth, including through internationalisation.

Ms Cunningham said: “BBC ALBA works with more than 22 independent production companies to provide content for the channel, and in 2013, 643 hours of original programming were commissioned. We are confident that Gaelic language originated programming, at its richest and best, has a powerful resonance that has the potential to cross borders.”

Chief Secretary to the Treasury Danny Alexander said: “Our Gaelic culture, language and heritage is not just important in the Highlands and Islands but is a vitally important part of the diversity of the United Kingdom.

“Having grown up on Colonsay and later in the Highlands for most of my life, I am proud to have been the first UK Treasury Minister to give funding to MG ALBA, helping you invest in high quality Gaelic language drama.

“I am delighted to welcome MG ALBA to Downing Street, to highlight their work and celebrate the contribution of Gaelic to the cultural character and strength of the United Kingdom.”

MG ALBA’s statement comes after recent research by Highlands and Islands Enterprise (HIE) that showed the potential economic value of Gaelic as an asset to the wider Scottish economy could be worth more than £100million per annum.

10 Màrt 2015

FÒCAS MG ALBA AIR SOIRBHEACHAS EACONOMAIGEACH

Tha gnìomhachasan cruthachail na h-Alba ann an deagh àite gus obraichean a chruthachadh agus soirbheachas eaconomaigeach a lìbhrigeadh, a rèir prìomh bhuidheann nam meadhanan.

B’ e seo a thuirt Magaidh Choineagan, cathraiche MG ALBA – a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC – aig tachartas, air aoigheachd aig Danny Alexander BP, Prìomh Rùnaire Roinn an Ionmhais, aig 11 Sràid Downing ann an Lunnainn.

Thuirt a’ Bh-uas Choineagan gu robh i misneachail gun robh an comas aig prògraman Gàidhlig fàs a thoirt air na gnìomhachasan cruthachail, tro mhargaidhean eadar nàiseanta am measg eile.

Thuirt a’ Bh-uas Choineagan: “Tha BBC ALBA ag obair le còrr is 22 companaidh riochdachaidh neo-eisimeileach gus prògraman a dhèanamh airson na seanail agus ann an 2013 chaidh 643 uairean a thìde de phrògraman an coimiseanadh. Tha sinn misneachail gu bheil beairteas ann am prògraman air an dèanamh ann an Gàidhlig agus gu bheil an comas aca a bhith soirbheachail thar chrìochan”.

Thuirt Danny Alexander Prìomh Rùnaire Roinn an Ionmhais: “Chan ann a-mhàin air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a tha ar cànan, cultar agus dualchas Gàidhlig cudromach. Tha iad cuideachd nam pàirt air leth cudromach a thaobh iomadachd na RA.

“An dèidh a bhith air mo thogail an toiseachd ann an Colbhasa agus an uair sin air a’ Ghàidhealtachd airson a’ mhòr chuid de mo bheatha, tha mi moiteil gur mi a’ chiad Mhinistear Ionmhais san RA a thug maoineachadh do MG ALBA, a’ toirt taic dhuibh ann a bhith a’ maoineachadh dràma Ghàidhlig de dh’àrd chàileachd.

“Tha mi sònraichte toilichte fàilte a chur air MG ALBA do Shràid Downing gus an obair aca a shoilleireachadh agus gus comharrachadh na tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri beatha agus neart chulturail na RA.”

Tha an aithris seo bho MG ALBA a’ tighinn an dèidh rannsachadh a chaidh a dhèanamh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a sheall gu faodadh luach eaconomaigeach de chòrr is £100 millean gach bliadhna a bhith aig a’ Ghàidhlig mar so-mhaoin a thaobh eaconomaidh na h-Alba san fharsaingeachd.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman