GàidhligEnglish

News Naidheachdan

6 October 2015

MG ALBA REQUESTS INCREASED COMMITMENT TO GAELIC PROGRAMMING IN BBC ROYAL CHARTER CONSULTATION

MG ALBA, which operates BBC ALBA in partnership with the BBC, has said that a commitment to increase original, high quality programming on BBC ALBA should form part of the BBC’s next Royal Charter.

The request has been put forward by MG ALBA as part of its response to the UK Government Department for Culture, Media & Sport public consultation on BBC charter review.

The organisation said that it was time to create a stronger BBC ALBA by asking the BBC to produce 10 hours of original programming per week for the channel for the next 10 years of the charter, in comparison to the current 4.4 hours currently developed.

If facilitated, such a commitment would bring BBC ALBA into line with the in-house programming contribution the BBC currently makes to Welsh language broadcaster S4C.

BBC ALBA started broadcasting in September 2008 and has been an outstanding success since its launch, currently reaching on average more than 700,000 viewers per week in Scotland, in addition to more than 100,000 BBC iPlayer views each week.

The channel reaches on average between 16% and 17% of viewers each week in Scotland, and 70% of Gaelic users.

However, this is set against a backdrop of a high programme repeat rate. On current funding, only 1.7 hours of originations, including news, are possible per day – significantly short of an ambition of three hours per day. This creates a repeat rate on BBC ALBA of 73%.

Maggie Cunningham, chairperson of MG ALBA, said: “BBC ALBA has enjoyed considerable success since its launch seven years ago and as the first channel delivered under BBC licence through a partnership, it is unique in its achievements.

“The channel now reaches more than 700,000 viewers per week and has cemented its place in Scottish broadcasting, valued by both Gaelic and non-Gaelic speakers alike.

“However, the channel cannot stand still. The high viewership of BBC ALBA has been achieved despite the significant number of repeats on the channel and it is clear that we must make progress in order to serve our Gaelic audience in a more comprehensive manner. We cannot risk audience fatigue setting in.

“A lack of resources means that there is no weekend news available in Gaelic and there is a significant lack of original programmes for children and young people. There are also major gaps in comedy, entertainment and programming for learners.

“We should not be downbeat about BBC ALBA given what it has achieved but with the BBC’s help, we can build for the next stage of the channel’s life and increase the number of hours of high quality programmes per week, matching the contribution made by the BBC to other platforms such as S4C in Wales.”

MG ALBA also said that such a commitment would contribute to both promoting the Gaelic language and to supporting Scotland’s creative sector.

Ms Cunningham continued: “We take great pride in the role BBC ALBA has played in supporting our creative sector, with more than 20 indigenous production companies thriving thanks to commissions for content from the channel. A stronger BBC ALBA would be better placed to build upon this growth and share the existing expertise that will see the next generation of programme makers develop and flourish in Scotland.

“An increase in new, original programming would also significantly increase the linguistic benefits of the channel. BBC ALBA makes a significant contribution to the normalisation of Gaelic and Gaelic culture in mainstream Scottish society but in order to keep doing this, it must retain a strong appeal to national audiences as well as the core audience and provide a platform that has the potential to attract potential new learners and new participants in Gaelic medium education.”

MG ALBA’s full response to the charter review consultation can be viewed here

6 Dàmhair 2015

MG ALBA AG IARRAIDH BARRACHD NUADH PHRÒGRAMAN AN LÙIB GEALLTANASAN A’ BhBC SAN ATH CHAIRT RÌOGHAIL

Tha MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, air a ràdh gum bu chòir do bharrachd nuadh-phrògraman den ìre as fheàrr a bhith an lùib gealltanasan a’ BhBC san ath Chairt Rìoghail.

Tha an t-iarrtas seo air a chur air adhart le MG ALBA mar phàirt den fhreagairt aca gu co-chomhairle phoblach Riaghaltas na RA air ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC.

Thuirt a’ bhuidheann gu robh an t-àm ann BBC ALBA a dhèanamh nas treise le bhith ag iarraidh air a’ BhBC 10 uairean de nuadh-phrògraman a dhèanamh gach seachdain airson na seanail airson na h-ath 10 bliadhna den Chairt Rìoghail, an coimeas ris na 4.4 uairean a tha an-dràsta gan dèanamh.

Nan tachradh seo, bhiodh co-ionannach ann leis na tha am BBC a’ dèanamh in-thaigh airson na seanail Chuimreach S4C.

Thòisich BBC ALBA a’ craoladh san t-Sultain 2008 agus bhon uair sin tha an t-seanail air soirbheachadh gu mòr, le àireamh chuimseach de còrr is 700,000 neach-amhairc gach seachdain ann an Alba, a thuilleadh air 100,000 seallaidhean seachdaineil air an iPlayer.

Tha an t-seanail a’ ruigsinn gu cuimhseach eadar 16% agus 17% de luchd-amhairc gach seachdain ann an Alba, le ruigse de 70% an lùib Ghàidheil.

Ach tha an t-soirbheas seo a dh’aindeoin àrd ìre de ath-chraolaidhean. Leis a’ mhaoineachadh a th’ ann an-dràsta, chan eil ach 1.7 uairean de nuadh-phrògraman, a’ gabhail a-steach naidheachdan, comasach gach là – pìos air falbh bhon mhiann de thrì uairean gach là. Tha seo a’ cruthachadh ìre ath-chraolaidh de 73%.

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: “Tha BBC ALBA air a bhith soirbheachail bho chaidh i air an àidhear bho chionn seachd bliadhna, agus mar sheanail a tha air a lìbhrigeadh fo chead-craolaidh ann an co-bhanntachd, cha robh leithid a-riamh ann.

“Tha an t-seanail a-nis a’ ruigsinn còrr is 700,000 neach-amhairc gach seachdain agus air àite a chosnadh dhi fhèin ann an àrainneachd craolaidh na h-Alba, luachmhor do gach cuid luchd-bruidhinn na Gàidhlig agus iadsan aig nach eil Gàidhlig.

“Ach chan urrainn don t-seanail fuireach na tàmh. Tha an ìre àrd de luchd-amhairc air a bhith air a choileanadh a dh’aindeoin an àireamh àrd de ath-chraolaidhean agus tha e follaiseach gu feum sinn adhartas a dhèanamh gus ar luchd-coimhid Gàidhlig a fhrithealadh. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach fhàs an luchd-coimhid sgìth den t-seirbheis.

“Tha cion ghoireasan a’ ciallachadh nach eil naidheachdan air an deireadh sheachdain ri fhaighinn ann an Gàidhlig, a thuilleadh air gainnead phrògraman chloinne agus prògraman airson daoine òga. Tha uireasbhaidhean cuideachd ann an comadaidh, dhibhearsain agus luchd-ionnsachaidh.

"Leis na tha BBC ALBA air a choileanadh, chan eil adhbhar ann a bhith dì-mhisneachail ach le taic a’ BhBC tha cothrom ann togail air an ath ìre de bheatha na seanail agus àrdachadh a dhèanamh san àireamh de phrògraman gach seachdain, a’ dèanamh co-ionnanachd leis na tha am BBC a’ dèanamh airson S4C sa Chuimrigh.”

Thuirt MG ALBA cuideachd gum biodh an dealas seo a’ cuideachadh le bhith a’ brosnachadh na cànain agus gu ruige taic a chur gu roinn cruthachail na h-Alba.

Thuirt Magaidh Choineagan cuideachd: “Tha sinn uabhasach moiteil anns na tha BBC ALBA air a dhèanamh ann a bhith a’ cur taic ri ar roinn cruthachail, le còrr is 20 companaidh riochdachaidh dùthchasail air fàs ri linn prògraman a tha iad a’ lìbhrigeadh don t-seanail. Nam biodh BBC ALBA nas treise bhiodh i ann an àite nas fheàrr cuir ris an fhàs seo agus an t-eòlas a th’ againn a cho-roinn a leanas gu leasachadh agus neartachadh an ath ghinealach de luchd-dèanaimh nam prògraman ann an Alba.

“Bhiodh prògraman ùra cuideachd a’ neartachadh na tha an t-seanail a’ dèanamh gus Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig a dhèanamh nas nàdarraich ann am beatha làitheil muinntir na h-Alba. Airson seo a dhèanamh, feumaidh an t-seanail leantainn oirre le bhith tarraingeach do luchd-amhairc nàiseanta a thuilleadh air a’ phrìomh luchd-amhairc, agus le bhith a’ dèanamh seo, luchd-ionnsachaidh ùra a thàladh an cuide ri com-pàirtichean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Gheibhear freagairt slàn MG ALBA an seo


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman