GàidhligEnglish

News Naidheachdan

8 January 2015

BBC ALBA’S FLAGSHIP DRAMA HAS VIEWERS HOOKED

Bannan

BBC ALBA’s new drama series Bannan has proved to be a major attraction for the channel’s Gaelic speaking audience. Bannan topped the third quarter of the 2014 viewing table, with the exceptionally high viewing figure of 62 per cent of the Gaelic audience for episode one; the most popular series since the Channel launched on Freeview in 2011.

Produced by Christopher Young (Young Films), whose film credits include Gregory’s Two Girls and The Inbetweeners Movie, and directed by Gaelic speaking actor, Tony Kearney, Bannan is the first drama series commissioned by the BBC ALBA and has been a cause of much excitement and interest since filming was announced.

Alan Esslemont, Head of Content at MG ALBA, said: “We are thrilled at how well Bannan has been received by viewers although not surprised! It’s very compelling telly; the characters are intriguing and the series depiction of a 21st century rural Scottish community is so accurate. There are also many scenes featuring breath-taking backdrops of Skye’s impressive mountains and shorelines.

“It’s a series which has received positive feedback from both our Gaelic and English speaking audiences but its make-up is inherently Gaelic. Young Films and Tony Kearney were determined that the entire production of Bannan would be carried out through the medium of Gaelic.”

The series follows the story of Màiri MacDonald’s return home to the island which she left eight years previously, having turned her back on her family and the community, its claustrophobia and its customs. She initially returns for the funeral of a family friend but the emotional ties (‘bannan’) see her remain on the island longer than anticipated. Màiri’s journey reawakens the unresolved conflicts that are rooted in her memory of home: love and hate, past and present, constriction and freedom. The one person with whom she must renew her ‘bannan’ is the only person she wants to remain firmly in her past.

BBC ALBA ended another successful year with a packed schedule of new programmes ranging from entertainment shows to documentaries, live sport and traditional music to children’s programmes. In the year ahead the channel will continue to build on its success with audiences across Scotland and develop its range of original programming for its core Gaelic speaking audience throughout 2015.

8 Faoilleach 2015

LUCHD-AMHAIRC BBC ALBA AIR AM BEÒ-GHLACADH LE DRÀMA

Bannan

Tha prìomh-luchd-amhairc BBC ALBA air a bhith air am beò-ghlacadh leis an t-sreath ùr dràma, Bannan. Le 62% den phrìomh luchd-amhairc a’ coimhead a’ chiad phrògram san t-sreath, b’ e am prògram a bu shoirbheachail bho chaidh an t-seanail air Freeview ann an 2011. Fhuair am prògram an àireamh a bu mhotha de luchd-amhairc ann an 2014.

Air a riochdachadh le Christopher Young (Young Films) agus air a stiùireadh leis a’ chleasaiche Ghàidhealach Tony Kearney, ’s e Bannan a’ chiad sreath dràma a chaidh a choimiseanadh le BBC ALBA agus tha e air aire an luchd-coimhid a ghlacadh.

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman MG ALBA: “Ged nach eil e na iongnadh dhuinn, tha sinn air leth toilichte mar a tha Bannan air còrdadh ris ar luchd-amhairc. Tha na caractaran cho tarraingeach agus tha e a’ sealltainn coimhearsnachd iomallach Albannach an là an-diugh ann an dòigh chreidsinneach. A thilleadh air an sin, tha seallaidhean àlainn an Eilean Sgitheanaich air na prògraman a dhèanamh air leth tlachdmhor.

“Tha an t-sreath air moladh fhaighinn bhon phrìomh luchd-amhairc, a thuilleadh air ar luchd-amhairc coitchinne ach ’s e cruth Gàidhlig a th’ air a’ phrògram anns a h-uile seadh. Bha Young Films agus Tony Kearney daingeann nam beachd gum biodh riochdachadh Bannan gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.”

Tha an t-sreath a’ leantainn sgeul Mhàiri NicDhòmhnaill – tè òg a tha a’ tilleadh gu eilean a h-àraich an dèidh ochd bliadhna sa bhaile mhòr. Bha Màiri 18 nuair a dh’fhàg i; aig an àm bha i airson astar a chur eadar i fhèin agus an t-àite, a teaghlach agus an cuid dòighean, a bha air a sàrachadh. ’S e tìodhlacadh a tha ga tàladh air ais ach tha e na rùn tilleadh dhan bhaile mhòr cho luath ’s a bhios e seachad. Ach tha Màiri air dìochuimhneachadh nam ‘bannan’ – na nithean a bha ga ceangail ris an àite o thùs.

Thug BBC ALBA bliadhna shoirbheachail eile gu crìch le measgachadh de phrògraman airson gach aois, bho phrògraman dhibhearsain, spòrs beò agus ceòl traidiseanta gu prògraman chloinne. Leanaidh an t-seanail air an t-soirbheas sin ann an 2015, a’ leasachadh a cuid nuadh-phrògraman airson prìomh luchd-amhairc na Gàidhlig.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman