GàidhligEnglish

News Naidheachdan

17 March 2015

TEN NEW EPISODES OF BANNAN COMMISSIONED FOR BBC ALBA

BBC ALBA’s new Gaelic drama Bannan – the first drama series to be produced for the channel – has been re-commissioned for a further ten episodes.

Bannan

The announcement follows Bannan’s nomination in the drama series category at Celtic Media Festival 2015, to be held in Inverness next month. The shortlist sees the BBC ALBA show vying for the honour alongside acclaimed programmes including Shetland and Sherlock.

The new programmes will take the total number of episodes produced to 18. Bannan debuted at the Edinburgh Film Festival last year and subsequently broadcast on BBC ALBA last autumn. The next five episodes are currently in post production with a further 10 in development.

Co-funded by MG ALBA and Creative Scotland, Bannan is filmed on the Isle of Skye and is produced by The Inbetweeners’ Chris Young and directed by Tony Kearney. The series tells the story of Màiri MacDonald’s return to the island home she deserted eight years ago, leaving her family and the place, its claustrophobia and its customs. She initially returns for the funeral of a family friend but the emotional ties (‘bannan’) see her remain on the island.

Margaret Mary Murray, head of service for BBC ALBA, said: “Bannan has been a major step forward for the channel and we are delighted to be able to commit to the development and production of a substantial number of new episodes.

“Chris Young’s production and Tony Kearney’s direction have not only captured the outstanding landscape in which the drama is set but also a real sense of the interwoven lives on the island community.”

Chris Young, who produces the series for Young Films, said: “We have been delighted with the reception Bannan has received thus far, and the new episodes will allow the writers and the actors to really develop the characters.

“The new series contains powerful stories featuring contemporary issues - with a beautiful landscape as a backdrop. Such tales have a universal resonance, and we are confident that the audience will be surprised and delighted with what we have in store for them this Autumn.”

17 Màrt 2015

DEICH PRÒGRAMAN ÙRA DE BANNAN AIRSON BBC ALBA

Tha dràma ùr BBC ALBA, Bannan – a’ chiad dràma a chaidh a riochdachadh airson na seanail – air ath-choimiseanadh fhaighinn airson deich prògraman eile.

Bannan

Tha an naidheachd seo a’ tighinn an dèidh do Bhannan a bhith air ainmeachadh sa ghnè sreath dràma aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2015, a thèid a chumail ann an Inbhir Nis an ath mhios. Bidh Bannan taobh ri taobh ri sreathan dràma ainmeil leithid Shetland agus Sherlock anns an fharpais.

Le na prògraman ùra seo, bidh 18 prògraman air an riochdachadh gu h-iomlan. Chaidh Bannan a shealltainn an toiseachd aig Fèis Film Dhùn Èideann an-uiridh agus an uair sin chaidh a chraoladh air BBC ALBA as t-Fhoghar. Thathas an dùil gun tèid a’ chiad chuibhreann de na prògraman ùra an craoladh nas fhaide air adhart sa bhliadhna, le clàradh a’ gabhail àite tro mhìosan an Earraich agus an t-Samhraidh.

Co-mhaoinichte le MG ALBA agus Alba Chruthachail agus riochdaichte le Chris Young agus air a stiùireadh le Tony Kearney, tha Bannan dha chlàradh air an Eilean Sgitheanach. Tha an t-sreath a’ leantainn sgeul Mhàiri NicDhòmhnaill – tè òg a tha a’ tilleadh gu eilean a h-àraich an dèidh ochd bliadhna sa bhaile mhòr. Bha Màiri 18 nuair a dh’fhàg i; aig an àm bha i airson astar a chur eadar i fhèin agus an t-àite, a teaghlach agus an cuid dòighean, a bha air a mùchadh. A’ tilleadh airson tìodhlacadh, tha e na rùn tilleadh dhan bhaile mhòr cho luath ’s a bhios e seachad. Ach tha Màiri air dìochuimhneachadh nam ‘bannan’ – na nithean a bha ga ceangal ris an àite o thùs agus a tha a-nis dha tàladh gus fuireach nas fhaide.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceann Seirbheis BBC ALBA: “Tha Bannan air a bhith na cheum air adhart chudromach airson na seanail agus tha sinn toilichte dha-rìribh an cothrom a bhith againn gealltanas a thoirt seachad airson leasachadh agus riochdachadh phrògraman ùra san t-sreath.

“Tha obair riochdachaidh Chris agus obair stiùiridh Tony air chan ann a-mhàin cruth-tìre àlainn an Eilean Sgitheanaich a ghlacadh agus a thaisbeanadh ach cuideachd beatha nan caractaran a thoirt beò sa choimhearsnachd eileanach aca.

Thuirt Chris Young, a riochdaich na sreath airson Young Films: “Tha sinn air a bhith uabhasach toilichte gu ruige seo mar a tha Bannan air còrdadh ri daoine. Tha na prògraman ùra seo a’ toirt cothrom do na sgrìobhadairean agus na cleasaichean na caractaran a leasachadh gu mòr.

“Bidh an t-sreath ùr làn sgeulachdan chumhachdach, le sùil air cuspairean an là an-diugh suidhichte ann an àrainneachd àlainn an Eilean Sgitheanaich. Tha na sgeulachdan againn a’ bualadh air cuspairean beatha farsaing agus tha sinn cinnteach gum bi an luchd-amhairc air an dòigh leis na th’ againn dhaibh as t-Fhoghar!”


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman