GàidhligEnglish

News Naidheachdan

22 June 2015

CREATIVE INDUSTRIES BENEFITING FROM GAELIC BROADCAST SUCCESS

Annual Report

Scotland’s creative industries are benefiting from a major contribution from Gaelic broadcasting, MG ALBA, the Gaelic media service said today.

BBC ALBA, the Gaelic TV channel, now produces more than 600 hours of programmes per year for national broadcast in Scotland.

Publishing MG ALBA’s annual report for the last year, Maggie Cunningham, chair, said: “We take great pride in the role that MG ALBA plays in stimulating economic activity within the burgeoning creative sector in Scotland, enabling 22 indigenous production companies to thrive.

“The programmes that are being made by these companies for MG ALBA alone have led to the creation of 215 jobs. For example, MG ALBA’s contract for Bannan generated on the island of Skye alone 14 full time equivalent jobs and £690,000 of gross value added.

“Gaelic broadcasting already makes a contribution of more than £23 million to the creative industries and so much more can be achieved for the industry in general through collaboration and co-production.

“We have invited producers to diversify their revenue streams on the back of high quality Gaelic content during the year to enhance their contribution to the creative sector. This is an important industry in Scotland and MG ALBA can – and does – have a serious part to play in helping generate future success.

“MG ALBA has grown into an experienced broadcast organisation wholly committed to playing its part in stimulating the creative sector both at home and internationally.”

In its annual report, MG ALBA stated that all elements of Gaelic media - BBC ALBA, LearnGaelic.net and FilmG - continue to perform strongly.

Ms Cunningham said: “BBC ALBA is a relatively young but highly successful channel and is accepted as part of the Scottish broadcasting landscape and we continue to invest as much as possible in home-grown programming.

"The accomplishments of BBC ALBA, FilmG and LearnGaelic.net – all of which are aided by valued partnerships with other organisations – all contribute to our ongoing success and deliver substantial benefits to those who access and enjoy them.

"We are delighted our audience figures for BBC ALBA remain strong at more than 700,000 and the channel's reach continues to far exceed expectations. We have also seen a substantial rise in the number viewing BBC ALBA through the BBC iPlayer and are delighted that in March this year we had 20,000 unique visitors to the LearnGaelic website – more than double for the same month last year.”

A public consultation undertaken by MG ALBA revealed a desire from some of the respondents to build more on the Gaelic culture.

Ms Cunningham said:" We continue to encourage the utmost care to Gaelic content in each and every programme. We are at one with the audience on this subject and we expect to make significant progress in the year to come."

The consultation also highlighted the need for MG ALBA and the channel to serve better the needs of younger people.

Donald Campbell, chief executive of MG ALBA, said: "We know from existing research that under 45s are currently underserved by BBC ALBA and the younger demographics watch less BBC ALBA and also, in general, watch less TV. The greater involvement of younger people both in Gaelic media and Gaelic learning will be crucially important in the years to come.

"Gaelic media and broadcasting does face challenges with issues such as the BBC Royal Charter renewal and funding. We will need to spare no effort in ensuring the integrity and success of BBC ALBA is maintained as well as developing new partnership arrangements that may improve future funding."

"Although Gaelic is a minority language, BBC ALBA continues to reach a wide and diverse audience and there has been a very substantial increase of people viewing online via the BBC iPlayer.”

 

22 An t-Ògmhios 2015

NA GNÌOMHACHASAN CRUTHACHAIL A’ FAIGHINN BUANNACHD TRO SHOIRBHEAS CRAOLADH GÀIDHLIG

Annual Report

Tha gnìomhachasan cruthachail na h-Alba a’ faighinn buannachd mhòr bho na tha craoladh Gàidhlig a’ cur riutha, thuirt MG ALBA, seirbheis nam meadhanan Gàidhlig an-diugh.

Tha BBC ALBA, an t-seanail telebhisein Gàidhlig, a-nis a’ riochdachadh còrr air 600 uairean a thìde de phrògraman gach bliadhna airson an craoladh air feadh Alba.

A’ foillseachadh aithisg bhliadhnail MG ALBA airson na bliadhna a dh’fhalbh, thuirt Magaidh Choineagan, an Cathraiche: “Tha sinn moiteil dha-rìribh san àite a th’ aig MG ALBA ann a bhith a’ brosnachadh obair eaconomach taobh a-staigh na roinne chruthachail a tha a’ sìor fhàs ann an Alba, ga dhèanamh comasach do 22 companaidh riochdachaidh dhùthchasail a bhith soirbheachail.

“Tha na prògraman a tha dèante le na companaidhean seo airson MG ALBA fhèin air 215 obraichean ùra a chruthachadh. Mar eisimpleir, tha cùmhnant MG ALBA airson Bannan air 14 obraichean co-ionann ri làn ùine a chruthachadh air an Eilean Sgitheanach fhèin, a thuilleadh air £690,000 de luach iomlan.

“Tha craoladh Gàidhlig cuideachd air còrr is £23 millean a chur ris na gnìomhachasan cruthachail agus gabhaidh tòrr a bharrachd a bhith air a choileanadh airson a’ ghnìomhachais tro cho-obrachadh agus tro cho-riochdachadh.

“Tha sinn air cuireadh a thoirt do riochdairean an taic a bha sinn a’ toirt airson an t-susbaint Ghàidhlig a chleachdadh gus maoin eile a thàladh agus na sruthan-maoin aca fhèin a leudachadh gus cur ris an roinn chruthachail. ’S e gnìomhachas cudromach dha-rìribh tha seo ann an Alba agus àite sònraichte agus fìor chudromach aig MG ALBA ann a bhith a’ cuideachadh le soirbheas san àm ri teachd.

“Tha MG ALBA a-nis na bhuidheann craolaidh aig a bheil fìor eòlas agus a tha ag obair gu làn dhealasach gus a phàirt a chluich ann a bhith a’ brosnachadh na roinne chruthachail gach cuid aig an taigh agus gu h-eadar-nàiseanta.”

San aithisg bhliadhnail aca, thuirt MG ALBA gu robh gach mìr de na meadhanan Gàidhlig – BBC ALBA, LearnGaelic.net agus FilmG - a’ leantainn orra a bhith soirbheachail.

Thuirt a’ Bh-uas Choineagan: “Tha BBC ALBA na seanail an ìre mhath òg ach soirbheachail dha-rìribh agus a tha aithnichte san àrainneachd craolaidh ann an Alba agus tha sinn a’ leantainn oirnn le bhith a’ cur nas urrainn dhuinn de sheilbheach ann am prògraman dùthchasach.

“Tha na tha BBC ALBA, FilmG agus LearnGaelic.net air a choileanadh - gach fear dhiubh air a lìbhrigeadh le taic luachmhor bho cho-bhanntachdan le buidhnean eile – a’ cur ris an t-soirbheas againn a’ dol air adhart agus a’ lìbhrigeadh bhuannachdan dhaibhsan a bhios gan cleachdadh agus a bhios a’ faighinn toileachas asta.

“Tha sinn fìor thoilichte gu bheil àireamhan luchd-amhairc airson BBC ALBA fhathast làidir aig còrr is 700,000 agus tha ruigse na seanail fada air thoiseach air na bhathar an dùil. Tha sinn cuideachd air àrdachadh susbainteach fhaicinn san àireamh de dhaoine a tha air a bhith a’ coimhead BBC ALBA tro iPlayer a’ BhBC agus tha sinn air leth toilichte sa Mhàrt am-bliadhna gu robh an àireamh de dhaoine a tha a’ tighinn às ùr gu làrach-lìn LearnGaelic aig 20,000 – còrr is dùblachadh bhon aon mhios an-uiridh.”

B’ e aon de na toraidhean a thaing a-mach à co-chomhairle phoblach a chùm MG ALBA, gu robh miann aig prìomh luchd-amhairc na Gàidhlig barrachd a chur ris a’ chultar Ghàidhlig.

Thuirt a’ Bh-uas Choineagan: “Tha sinn a’ leantainn oirnn a’ toirt dlùth aire gu bheil prìomhachas air a thoirt dhan Ghàidhlig anns gach prògram. Tha sinn air an aon ràmh ris an luchd-amhairc air a’ chuspair seo agus tha sinn an dòchas gum faic sinn piseach mòr air an t-suidheachadh sin anns a’ bhliadhna a tha romhainn.”

Chomharraich a’ cho-chomhairle cuideachd gu robh feum aig MG ALBA agus aig an t-seanail barrachd a dhèanamh gus feumalachdan dhaoine òga a fhrithealadh.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Tha fios againn bho rannsachadh a th’ ann nach eil BBC ALBA a’ freagairt air daoine fo aois 45 agus gu bheil daoine òga a’ coimhead nas lugha de BhBC ALBA, agus cuideachd, san fharsaingeachd, a’ coimhead nas lugha de thelebhisean. Tha e deatamach gum bi daoine òga an sàs anns gach cuid, na meadhanan Gàidhlig agus ionnsachadh Gàidhlig, sna bliadhnaichean air thoiseach.

“Tha dùbhlain air thoiseach air na meadhanan Gàidhlig agus air craoladh, mar thoradh air ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC agus a thaobh maoineachadh. Ni sinn ar n-uile dhìcheall iomlanachd agus soirbheas BBC ALBA a ghlèidheadh a thuilleadh air a bhith a’ leasachadh cho-bhanntachdan ùra a dh’fhaodadh cur ri maoineachadh san àm ri teachd.”

“Ged is e mion-chànan a th’ anns a’ Ghàidhlig, tha BBC ALBA a’ leantainn le bhith a’ ruigsinn farsaingeachd agus eadar-mheasgachadh de luchd-amhairc agus tha àrdachadh susbainteach air a bhith san àireamh de dhaoine a’ coimhead air iPlayer a’ BhBC.”

 

Annual report cover 14-15 Annual Report and Accounts 2014 / 2015Aithisg Bhliadhnail & Cunntasan 2014 / 2015
Public Consultation MG ALBA Public ConsultationCo-Chomhairle Phoblach MG ALBA

Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman