GàidhligEnglish

News Naidheachdan

19 August 2014

Government announces an additional £1 million for MG ALBA

Danny Alexander & Donald Campbell

The Chief Secretary to the Treasury, Danny Alexander, today announced that the funding provided by the UK government to MG ALBA from 2014-16 would increase by £1m, doubling the government’s overall contribution to £2 million.

This additional £1 million is being made available this year (2014-15) to support MG ALBA in producing high-quality Gaelic language content, including original dramas, and continue providing a valued service for Gaelic speakers in Scotland. This builds on last year’s announcement by the government of £1 million for MG ALBA in 2015-16, demonstrating the UK government’s sustained support for minority language broadcast services.

MG ALBA will use the extra funding to build on the success BBC ALBA has already achieved since it was established, reaching over 750,000 viewers a week on average.

Over 80 people from the independent production sector, the BBC and MG ALBA work at the MG ALBA campus, in Stornoway on the Isle of Lewis, broadcasting and producing Gaelic language programmes.

While visiting the MG ALBA campus, Chief Secretary to the Treasury, Danny Alexander, said:

“I am delighted to be able to announce another £1 million of funding for MG ALBA this year. As someone who grew up in the islands, I know how important this service is to Gaelic speakers throughout Scotland and want to see it continue to grow.

“Last year, I announced the first UK government funding for this service, to help them invest in quality Gaelic language drama. MG ALBA came back to me earlier this year, to say they could get this work going more quickly, and I am delighted to be able to give a positive response to today.

“The Gaelic language is an important part of the cultural heritage of this country, so it is right that the UK government should help.

“This is an illustration of how Scotland has the best of both worlds – the UK’s broad shoulders coupled with devolution allows real investment in public services and the flexibility to spend it where it is needed.”

Maggie Cunningham, chairperson of MG ALBA, which operates BBC ALBA in partnership with the BBC, welcomed the additional investment in the channel.

She said: “This additional support is most welcome as it helps enable the channel to drive forward its commitment to developing programme-making in key areas of the channel’s creative operations. “It is very reassuring to see continuing support for Gaelic and BBC ALBA from across the political spectrum at both Scottish and UK levels.

19 Lùnastal 2014

An Riaghaltas a’ foillseachadh millean nota a bharrachd airson MG ALBA

Danny Alexander & Donald Campbell

An-diugh, dh’fhoillsich Danny Alexander BP, Àrd-Rùnaire an Ionmhais, gun deigheadh àrdachadh de mhillean nota a chuir ri maoineachadh MG ALBA airson 2014-16, a’ dùblachadh tabhartas an Riaghaltais gu h-iomlan gu £2m.

Bidh am millean nota seo ri fhaotainn am-bliadhna (2014-15) gus obair MG ALBA ann a bhith a’ lìbhrigeadh stuthan Gàidhlig aig àrd ìre a choileanadh, nam measg nuadh-dràma, agus a bhith a’ tairgse seirbheis luachmhor airson luchd-bruidhinn na Gàidhlig. Tha seo a’ togail air a’ mhillean nota a bharrachd a chaidh ainmeachadh an-uiridh leis an Riaghaltas airson MG ALBA ann an 2015-16, a’ sealltainn taic leantainneach an Riaghaltais airson seirbheisean craolaidh mion-chànain.

Cuiridh MG ALBA an t-airgead a bharrachd gu feum gus togail air an t-soirbheas a th’ air a bhith aig BBC ALBA bho thòisich e, le cuibheasach de luchd-amhairc seachdainneach de còrr is 750,000.

Tha còrr is 80 neach bhon roinn riochdachaidh neo-eisimeileach, am BBC agus MG ALBA ag obair aig àrainn MG ALBA ann an Steòrnabhagh air Eilean Leòdhais, a’ craoladh agus a’ riochdachadh phrògraman Gàidhlig.

Air thuras gu àrainn MG ALBA, thuirt Danny Alexander BP, Àrd-Rùnaire an Ionmhais:

“Tha mi air leth toilichte am maoineachadh a bharrachd a tha seo airson MG ALBA fhoillseachadh am-bliadhna. Chaidh mise a thogail sna h-eileanan, agus tha làn fhios agam cho cudromach ’s a tha an t-seirbheis seo airson luchd-bruidhinn na Gàidhlig and tha mi airson a faicinn a’ dol am meud agus a’ fàs.

“An-uiridh, dh’fhoillsich mi a’ chiad maoineachadh bho riaghaltas na RA airson na seirbheis seo, gus cuideachadh a thoirt dhaibh le dràma Gàidhlig. An dèidh do MG ALBA a ràdh na bu thràithe am-bliadhna gum biodh iad air chomas an obair seo a choileanadh nas tràithe, tha mi air leth thoilichte an naidheachd seo a sgaoileadh an-diugh.

“Tha Gàidhlig na pàirt chudromach de dhualchas chultarail ar dùthcha agus tha e iomchaidh gu bheil Riaghaltas na RA a’ toirt cuideachadh seachad.

“The seo mar shamhla air mar a tha a’ chuid as fheàrr aig Alba bho gach taobh – tha guailnean leathan na RA ann an co-bhonn le fèin-riaghladh na h-Alba a’ ceadachadh airgead-seilbhe brìoghmhor a chuir gu ruige seirbheisean poblach agus sùbailteachd a chosg far a bheil feum.”

Chuir Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA a tha a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, fàilte air an airgead-seilbhe seo airson na seanail.

Thuirt i: “Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an taic a bharrachd seo agus bheir e cothrom dhan t-seanail a gualainn a chur ri leasachadh phrògraman anns na roinnean as cudromaiche de dh’obair chruthachail na seanail.

Tha e a’ toirt fois inntinn dhuinn a bhith a’ faicinn taic a’ leantainn airson na Gàidhlig agus airson BBC ALBA bho raon fharsaing phoilitigeach aig ìre na h-Alba agus na RA.”


2014 News Archive Tasglann Naidheachdan 2014

BBC ALBA festive highlightsClàr Nollaig agus Bliadhn’ Ùr BBC ALBA
Trad Awards ShortlistGeàrr-liosta Na Trads
Royal National Mòd 2014Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014
Trad Awards 2014Duaisean na Trads 2014
FilmG WorkshopsBùth-obrach FilmG
BBC ALBA Autumn LaunchClar Foghair BBC ALBA
FilmG launched for a seventh yearFilmG ga chur air bhog
UK government funding increaseAn Riaghaltas a’ foillseachadh àrdachadh ri maoineachadh MG ALBA
Hebridean Celtic Festival - LiveFhèis Cheilteach Innse Gall - Beò
Media Skills online resourceGoireas Sgilean-Meadhanan air-loidhne
Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan MG ALBA 2013/14MG ALBA's Annual Report and Accounts 2013/14
Director of Development and PartnershipStiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd
Bannan premièrePremière Bannan
MG ALBA welcomes additional fundingMG ALBA a’ cur fàilte air maoin ùr
Celtic Media Festival AwardsDuaisean Celtic Media Festival
FilmG AwardsDuaisean FilmG
Celtic Media Festival shortlistGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
FilmG shortlists onlineGeàrr-liosta FilmG air-loidhne
FilmG films onlineFilmichean FilmG air-loidhne
Go JettersGo Jetters

2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman