GàidhligEnglish

News Naidheachdan

10 November 2014

INVERNESS TO HOST SCOTS TRAD AWARDS 2014

Robert Robertson

SHORTLIST ANNOUNCED FOR MG ALBA SCOTS TRAD MUSIC AWARDS

The most prestigious awards ceremony in the traditional music calendar, theMG Scots Trad Music Awards,are returning for their 12th consecutive year and bringing the party to Inverness on Saturday 13 December.

After weeks of anticipation and thousands of nominations from the public, the shortlist for the MG ALBA Scots Trad Music Awards has been unveiled – honouring Scotland’s best traditional musicians, with some of the biggest names nominated across 16 categories.

The glamorous awards will take place at Inverness Leisure on Saturday 13th December, with tickets available via Eden Court Theatre (www.eden-court.co.uk) or by calling the box office on 01463 234 234. The public have until Friday 28th November to cast their vote for who they want to see win in each category, including Event of the Year, Album of the Year, Composer of the Year and Instrumentalist of the Year, by logging online at www.scotstradmusicawards.com/voting . Winners from each category will be the artist who receives an equal combination of the most industry and fan votes.

Throughout their 12-year history, the awards have continued to showcase the best of Scottish traditional musicians and bands.

Amongst the names to watch this year is Robyn Stapleton, one of the nominees for Scots Singer of the Year, who gave a beautiful performance at The Commonwealth Games this year, singing the specially commissioned song “Here’s To All Ur Common Wealth” as part of the Big Song Relay. Stapleton is also the winner of the 2014 BBC Radio Scotland Young Traditional Music Award.

There are also a number of prominent nominees in this year’s Gaelic Singer of the Year category, including Angus MacLeod and Mischa Macpherson. Macpherson’s folk trio were among the hottest offerings at this year’s ever-popular Piping Live! Glasgow International Piping Festival. Folk group Barluath, nominated in the Up and Coming Artist of the Year category, will join Mischa Macpherson in showing that trad music is increasingly popular with younger generations.

Skerryvore, Skippinish, Peatbog Faeries and Gavin Marwick’s Journeyman Spectacular will battle it out for the coveted Live Act of the Year award, while Julie Fowlis and Scott Wood Band are amongst the Folk Band of the Year nominees this year.

Event founder and promoter Simon Thoumire says: “We are thrilled to bring the ScotsTrad Awards to Inverness to celebrate our 12th year. As a city, Inverness has a great music scene and having just recently hosted The Royal National Mod, we know there is a wealth of support for trad music in the area. This year’s nominees are of such a high calibre and really showcase the burgeoning talent we have in the Scotland’s traditional music scene. We’d like to thank MG ALBA for their continued support of the awards and to Inverness for welcoming us with open arms. We are excited to make this year our biggest and best year yet, so make sure you get your ticket and join in the celebrations on Saturday 13 December.”

10 Samhain 2014

DUAISEAN NA TRADS AIR AIS AIRSON AN 12MH BLIADHNA

Robert Robertson

GEÀRR-LIOSTA AIR AINMEACHADH AIRSON DUAISEAN CEÒL TRAIDISEANTA ALBANNACH MG ALBA 2014

An dèidh a bhith a’ coimhead air adhart ris fad sheachdainean agus an dèidh iomadach ainm fhaighinn bhon phoball, tha fios a-nis cò a th’ air geàrr-liosta na bliadhna seo de Dhuaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA.

’S e seo an 12mh bliadhna de na duaisean a bhios a’ comharrachadh agus a’ toirt urram do luchd-ciùil traidiseanta na h-Alba agus thèid tachartas sònraichte a chumail ann an ‘Inverness Leisure’ air Disathairne 13mh Dùbhlachd.

Gheibhear fiosrachadh agus tiocaidean airson oidhche nan duaisean bho Cùirt Eden (www.eden-court.co.uk) no air 01463 234234

Tha cothrom aig a’ phoball bhòtadh ann an 16 raon, a’ gabhail a-steach Clàr na Bliadhna, Sgrìobhaiche na Bliadhna, Tachartas na Bliadhna agus Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna le bhith a’ dol gu www.scotstradmusicawards.com/voting. Dùnaidh a’ bhòt phoblach air Dihaoine 28 Samhain.

Thuirt Simon Thoumire a stèidhich an tachartas a tha ga chur air adhart: “Tha sinn glè thoilichte Duaisean Na Trads a chur air adhart airson an 12mh bliadhna. Mar cathair-bhaile tha Inbhir Nis làn ceòl traidiseanta agus às dèidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 a bhith anns a’ bhaile tha fios againn gu bheil taic mhòr anns an sgìre airson ceòl traidiseanta. Bu mhath leinn taing a thoirt do MG ALBA airson an taic a tha iad a’ cur ris na Duaisean agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri oidhche Na Trads ann an Inbhir Nis air Disathairne 13 Dùbhlachd. ’S e tachartas mìorbhailteach a bhios againn ann an Inbhir Nis agus b’ fheàrr dhuibh ur tiocaidean fhaighinn an-dràsta.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA, a thug goistidheachd dhan tachartas:

“Tha sinn air ar dòigh a bhith nar luchd-goistidh air Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA am-bliadhna. Tha an co-bhanntachd eadar MG ALBA agus Hands up for Trads air cur ri gach cuid ceòl traidiseanta agus Gàidhlig agus tha e na thlachd a bhith a’ faicinn nan dàimhean sin a’ sìor fhàs. Tha na tha de luchd-ciùil tàlantach ùra a tha a’ bruidhinn no ag ionnsachadh na Gàidhlig na adhbhar mhisneachd dhuinne a tha an sàs anns na meadhanan Gàidhlig. Tha sinn a’ brosnachadh iadsan aig a bheil ùidh ann an ceòl traidiseanta feum a dhèanamh de BhBC ALBA, LearnGaelic.net (www.learngaelic.net) agus FilmG (www.filmg.co.uk). Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Hands up for Trad a-rithist agus gu tachartas soirbheachail ann an Inbhir Nis.”

Am measg na bhios a’ cluich beò air an oidhche ann an Inbhir Nis bidh Shooglenifty, Ceòl nam Feis, Cruinn agus Fiddlers Bid.


2014 News Archive Tasglann Naidheachdan 2014

BBC ALBA festive highlightsClàr Nollaig agus Bliadhn’ Ùr BBC ALBA
Trad Awards ShortlistGeàrr-liosta Na Trads
Royal National Mòd 2014Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014
Trad Awards 2014Duaisean na Trads 2014
FilmG WorkshopsBùth-obrach FilmG
BBC ALBA Autumn LaunchClar Foghair BBC ALBA
FilmG launched for a seventh yearFilmG ga chur air bhog
UK government funding increaseAn Riaghaltas a’ foillseachadh àrdachadh ri maoineachadh MG ALBA
Hebridean Celtic Festival - LiveFhèis Cheilteach Innse Gall - Beò
Media Skills online resourceGoireas Sgilean-Meadhanan air-loidhne
Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan MG ALBA 2013/14MG ALBA's Annual Report and Accounts 2013/14
Director of Development and PartnershipStiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd
Bannan premièrePremière Bannan
MG ALBA welcomes additional fundingMG ALBA a’ cur fàilte air maoin ùr
Celtic Media Festival AwardsDuaisean Celtic Media Festival
FilmG AwardsDuaisean FilmG
Celtic Media Festival shortlistGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
FilmG shortlists onlineGeàrr-liosta FilmG air-loidhne
FilmG films onlineFilmichean FilmG air-loidhne
Go JettersGo Jetters

2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman