GàidhligEnglish

News Naidheachdan

29 May 2014

MG ALBA ANNOUNCES KEY APPOINTMENT TO SENIOR MANAGEMENT TEAM

Iseabail Mactaggart

MG ALBA (the Gaelic Media Service) has announced the appointment of Iseabail Mactaggart to the post of Director of Development and Partnership. The new role is aimed at strengthening the commercial and creative impact of the Gaelic media production sector.

Ms MacTaggart, from Islay, was until recently the Member for Scotland on the Content Board of Ofcom and takes up her post with MG ALBA with immediate effect.

Iseabail began her broadcast career at BBC Radio nan Gaidheal, before moving to London where she progressed latterly to become part of the senior editorial team on BBC Radio 5 Live’s Breakfast programme in London. She then moved into a communications role in the private sector for one of the world’s top ten single malts, Bowmore, and going on to take further senior roles within the company. Since then, in addition to her Ofcom role, other public appointments have included membership of the Board of Highlands and Islands Enterprise.

Donald Campbell, Chief Executive of MG ALBA, said: “In its first six years, BBC ALBA has gone from strength to strength with outstanding viewing figures. One of the fundamentals of that success has been the creativity of our production partners.

“We want to build on that, by working with our production partners and other agencies, to further strengthen the offering we make to BBC ALBA’s audience, and further leverage the economic and creative impact Gaelic broadcasting makes. Iseabail is a highly respected professional who has extensive broadcast experience, both operationally and strategically, and that, combined with her international commercial perspective, will provide the insight we seek to build on the success of the channel.”

Iseabail Mactaggart said: “BBC ALBA is at an exciting junction, with strong viewing figures, imaginative plans for drama and the ambition to increase the number of originations on the channel. Positioning the Gaelic production sector to further strengthen its economic and creative output is a challenge I look forward to, and I am delighted to be part of the continuing success of BBC ALBA.”

29 Cèitean 2014

STIUIRICHE ÙR AIG MG ALBA AIR AINMEACHADH

Iseabail Nic an t-Sagairt

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) air Iseabail Nic an t-Sagairt ainmeachadh mar Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd, obair a bhios ag amas air a’ bhuaidh choimeirsealta agus chruthachail aig na companaidhean a tha ag obair ann an roinn nam meadhanan Gàidhlig a neartachadh.

’S ann à Ìle a tha Iseabail agus gus o chionn goirid bha i a’ riochdachadh Alba air Bòrd ‘Content’ Ofcom. Thòisich Iseabail san dreuchd aig MG ALBA air 27 Cèitean.

Thòisich Iseabail a dreuchd craolaidh aig BBC Radio nan Gàidheal, mus do ghabh i obair ann an Lunnainn far an robh i mu dheireadh mar phàirt den sgioba a bha os cionn am prògram Bracaist aig BBC Radio 5 Live. Ghluais i bhon sin gu obair conaltraidh san roinn phrìobhaidich leis a’ bhuidheann uisge-beatha Bowmore, mus do ghabh i dreuchdan eile aig àrd ire sa chompanaidh. Bhon uair sin, a thuilleadh air obair Ofcom, tha dreuchdan poblach air a bhith aice, nam measg na Ball air Bòrd Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA: “Anns a’ chiad sia bliadhna, tha BBC ALBA air a dhol bho neart gu neart le àireamhan luchd-coimhid aig ìre shònraichte. Aig bunait an soirbheachais sin tha na companaidhean riochdachaidh agus an cuid prògraman cruthachail.

“Tha sinn airson togail air an sin, tro bhith ag obair le ar com-pàirtichean craolaidh agus buidhnean eile gus neartachadh na tha sinn a’ toirt gu luchd-coimhid BBC ALBA agus airson cur ris a’ bhuaidh eaconamach agus chruthachail a th’ aig craoladh Gàidhlig. ‘S e neach-proifeiseanta le àrd-chliù a tha ann an Iseabail le eòlas farsaing air craoladh, aig ìre obrachaidh agus ro-innleachdail. Le sin agus a cuid eòlas air gnothaichean coimeirsealta eadar-nàiseanta, gheibhear lèirsinn iomchaidh gus togail air soirbheachas na seanail.”

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt: “Tha BBC ALBA aig àm sònraichte, le àireamhan luchd-coimhid làidir, planaichean inntinneach airson dràma agus miann fàs a dhèanamh air nuadh-phrògraman ùra airson na seanail. Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair còmhla ris an roinn neo-eisimeileach Ghàidhlig gus na toraidhean eaconamach agus cruthachail a neartachadh agus tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh a bhith mar phàirt den t-soirbheachas leantainneach aig BBC ALBA.”


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman