GàidhligEnglish

News Naidheachdan

8 December 2014

A FESTIVE FEAST OF PROGRAMMES ON BBC ALBA

Turas Tony

DOWNLOAD BBC ALBA FESTIVE TELEVISION HIGHLIGHTS PDF

BBC ALBA has unveiled its festive television highlights for the Christmas and New Year period featuring exciting entertainment for all ages as well as compelling documentaries, live sport, traditional music and children’s programmes.

Among the Christmas highlights is a special Turas Tony / Tony’s Travels programme following well-known actor and director Tony Kearney as he takes on a poignant challenge to follow in his late father's footsteps and attempt to take on the UK's highest mountain as he enters the Ben Nevis Race.

BBC ALBA will also be delving into the fashion industry with a revealing documentary – Am Balach MacCuidhein / McQueen of Scots – paying homage to one of the UKs most avant-garde fashion designers, Lee Alexander McQueen. Told by renowned and stylish broadcaster Cathy MacDonald - herself a self-confessed devotee to McQueen - this programme will reveal the magnitude of influence his Scottish roots had on this creative genius's work.

Cathy MacDonald will also feature in another hour-long documentary as she tracks the story of fictional Detective Fin MacLeod in Sàr-Sgèoil: Lewis Trilogy. Peter May’s Lewis Trilogy is one of the most popular crime series of recent years and Cathy follows the path taken by the central character of these best-selling novels. Her travels take her through the Hebrides, from her native Lewis to Eriskay in the south. En route, she visits the dramatic locations and meets the real life characters who inspired the author.

Gemma Steele - Kenya

Further from home, a special three part series - Dilleachdain Gemma / Gemma's Orphans – follows the remarkable story of 23 year old Glasgow student Gemma Steele who is responsible for the wellbeing of 25 children at the orphanage she built in Nakuru, Kenya. In her latest project, Gemma, who won the 2014 Young Scot Unsung Hero Award, is building a new orphanage in Kenya in conjunction with a Glasgow-based humanitarian design organisation which will provide beds for 40 children and with the space to expand. We follow Gemma as she strives to ensure the build is on track to completion within its tight eight week deadline before she returns to her university studies in Scotland in September.

Music also takes centre stage in BBC ALBA’s festive programming, with Cuirm @ Celtic: Capercaillie featuring a special concert from the one of the world’s foremost Celtic bands recorded during Capercaillie’s 30th anniversary year.

Manran

We will also follow Gaelic band, Mànran through their most important year yet starting with the release of their second album. As the six lads travel to America, Germany, the Western Isles and around Scotland performing their mix of Scottish pipes and Irish Uilleann pipes with a modern traditional feel, they reveal the ups and downs of life on the road.

Tartan Pride

Sports fans are also well-catered for with Tartan Pride, a programme charting the football rivalry between Scotland and England which began at the world’s first international football match in Glasgow in 1872 and still retains a cultural and historical significance that resonates in Scottish society more than 140 years later.

There is also no halting the action on the pitch during the Christmas and New Year period, with live games from the Scottish Championship with Dumbarton v Falkirk and Falkirk v Raith Rovers as well as top flight highlights from the Scottish Premiership. This will be complemented by oval ball action as PRO12 rugby with Edinburgh v Treviso and Munster v Leinster screened live on the channel.

For younger viewers, a Gaelic adaptation of The BFG – The Big Friendly Giant is scheduled on Christmas Day. The classic Roald Dahl story of Sophie, an orphan who goes on a magical journey with a big friendly giant, creating wonderful dreams, offers great family viewing.

And as always, programmes marking the arrival of both Christmas Day and the New Year will be particular highlights. An Oidhche ron Nollaig captures the excitement and anticipation of Christmas Eve through specially commissioned illustrations, music and verse. Four readers, ranging from a grandfather figure sitting by the fireside to a little girl climbing the stairs to bed will share their sense of delight and anticipation at this magical time of year. Earlier on Christmas Eve, an Alleluia! Christmas Special will feature contributions from Darren MacLean, Glasgow Gaelic Musical Association, Mairi MacInnes and James Graham.

Viewers will also be able to see the New Year 2015 in style with BBC ALBA’s live Hogmanay Cèilidh from Kilmallie Hall, Lochaber. Presenters Cathy MacDonald and Kirsteen MacDonald will be joined by a host of musical talent including Leo Moran, co-founder of The Saw Doctors and Anthony Thistlethwaite, co-founder of The Waterboys, who together form The Leo and Anto Acoustic Project. They will be joined by Skippinish, Ellen MacDonald, Seudan, multi award winning female choir, Atomic Piseag, as well as the foot stomping Glenfinnan Ceilidh Band.

Margaret Mary Murray, Head of Service for BBC ALBA, said: “We are looking forward to bringing viewers another wonderful mix of festive programming for all the family. Our Christmas and New Year schedule has been exceptionally popular in recent years and we hope the eclectic line-up of entertainment, documentaries, music, sport and children’s programming will provide something for everyone to enjoy at this special time of year.”

8 Dùbhlachd 2014

CLÀR NOLLAIG AGUS BLIADHN’ ÙR BBC ALBA

Turas Tony

LUCHDAICH A-NUAS PDF DE CLÀR NOLLAIG AGUS BLIADHN’ ÙR BBC ALBA

Dh’fhoillsich BBC ALBA clàr ùr de phrògraman airson na Nollaig agus na Bliadhn’ Ùire le pailteas ann airson a h-uile duine eadar dràma, prògraman-aithris, spòrs beò, ceòl traidiseanta agus prògraman chloinne.

Am measg na bhios ri fhaicinn bidh Turas Tony. Anns a' phrògram sònraichte seo bidh an cleasaiche ainmeil Tony Kearney a' cur bhuaithe cofhurtachd obair telebhisein is e ag amas air dùbhlan pearsanta a bhios deuchainneach dha bhodhaig agus a dhùisgeas cianalas na chridhe. Tha Tony a' siubhal ann an làraich-coise athar nach maireann is e a' ruith suas a' bheinn as àirde san rìoghachd ann an Rèis Beinn Neibheis.

Cuiridh Am Balach MacCuidhein an cèill cho mòr 's a bha a’ bhuaidh aig a fhreumhaichean Albannach air an dealbhadair aodaich cliùiteach Lee Alexander McQueen. Treòraichidh an craoladair Cathy NicDhòmhnaill sinn tro na ceanglaichean Gàidhealach aige agus nì sinn ùmhlachd air an obair a rinn a mhàthair a’ rannsachadh ainm teaghlaich MhicCuidhein cho fada air ais ri linn nan Seumasach.

Ann an Sàr Sgeòil, tha Cathy NicDhòmhnaill a’ siubhal tron àrainneachd agus a' tachairt ri na daoine a ghluais mac-meanmna Peter May gu trì leabhraichean ainmeil a sgrìobhadh suidhichte anns na h-Eileanan Siar.

Gemma Steele - Kenya

Aig aois dìreach 17 rinn Gemma Steele à Uibhist a Deas suas a h-inntinn gun robh i airson dilleachdain ann an Kenya a chuideachadh. Taobh a-staigh 6 mìosan ge-tà bha cunnart ann gu feumadh a' chlann an taigh-cùraim fhàgail ri linn cion airgid. Thàinig Gemma gu co-dhùnadh ann an 2008 a dh'atharraicheadh slighe a beatha - chuir i air dòigh iomairt carthannais ùr - St Jerome's - son taigh-dhilleachdan ùr a thogail. San t-sreath seo de thrì prògraman, gheibh sinn sealladh togarrach mun bhoireannach òg, treun is deanadach, Gemma Steele.

Tha ceòl mar phàirt chudromach de chlàr na Nollaig cuideachd. Chithear Cuirm @ Celtic: Capercaillie, an cuideachd còmhlan air a bheil meas agus iarraidh mhòr is iad a' comharrachadh nan deich bliadhna fichead aca còmhla.

Manran

Tha an còmhlan-ciùil Mànran, air buaidh mhòr a thoirt air saoghal ciùil Gàidhlig. Tha sinn a' leantainn nan gillean air chuairt tro Na Stàitean Aonaichte, A' Ghearmailt, Na h-Eileanan Siar agus ann an sgìrean na h-Alba a' faighinn sealladh air an dòigh beatha air chuairt agus na tha an cois a bhith a' stiùireadh an gnothaichean fhèin is iad a' deasachadh an dàrna clàr.

Tartan Pride

Tha gu leòr ann cuideachd airson luchd-leantainn spòrs anns a’ phrògram Tartan Pride. Ann an 1872 chluich Alba agus Sasainn a' chiad gheam ball-coise eadar-nàiseanta air an t-saoghal, a' cruthachadh sgeulachd aig a bheil buaidh chun latha an-diugh a thaobh faireachdainn, cultar agus eachdraidh an lùib sluagh na h-Alba.

Tha gu leòr ri fhaicinn air a’ phàirc eadar na Nollaig agus na Bliadhn’ Ùire, le geamaichean beò bhon SPFL le Dumbarton v Falkirk agus Falkirk v Raith Rovers a thilleadh air na pìosan as fheàrr bho phrìomh lìog na h-Alba. Bidh rugbaidh gu leòr ann cuideachd bho PRO12 le Edinburgh v Treviso agus Munster v Leinster beò air an t-seanail.

Cuiridh An Oidhche ron Nollaig an cèill aoibhneas an ama seo tro aithris shònraichte, dealbhan mìneachail agus ceòl àlainn. Bidh Tony Kearney agus Linda NicLeòid am measg an luchd-aithris agus bidh ceòl ùr ann bho Julie Fowlis agus Eamon Doorley. Nas ainmiche air an oidhche ron Nollaig cuideachd bidh Alleluia na Nollaig le Darren MacIllEathain, Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, Màiri NicAonghais agus Seumas Greumach.

Airson an òigridh tha tionndadh Gàidhlig de Sgeulachd Roald Dahl The Big Friendly Giant - turas-dhànachd Sophie ’s i a’ coinneachadh ri fuamhaire a bhios a’ cruthachadh bhruadaran, ri fhaicinn air Là na Nollaig.

Gheibh luchd-amhairc BBC ALBA cuireadh gu Cèilidh na Bliadhn’ Ùire ann an Talla Bhaile Chill Mhàilidh ann an Loch Abar le aoighean sònraichte, cèol agus craic gu leòr ann an cuideachd Chathy NicDhòmhnaill agus Khirsteen NicDhòmhnaill. A’ cur an oidhche air a casan bidh an còmhlan Skippinish agus nan cuideachd bidh Ellen Dhòmhnallach, Seudan, Atomic Piseag agus an Glenfinnan Cèilidh Band. A thilleadh air an sin cluinnidh sinn òrain ainmeil bho dhithis luchd-ciùil cliùteach, Leo Moran bho na Saw Doctors agus Anthony Thistlewaite bho Na Waterboys, The Leo and Anto Acoustic Project. Cèilidh air leth airson fàilte a chuir air 2015!

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil beartas de phrògraman againn airson ar luchd-amhairc aig an t-àm sònraichte seo den bhliadhna. Le dràma Gàidhlig, prògraman aithris, ceòl, spòrs agus prògraman chloinne, tha rudeigin againn sa chlàr don h-uile duine”.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman