GàidhligEnglish

News Naidheachdan

10 October 2014

BBC ALBA SCREENS COVERAGE OF THE 2014 ROYAL NATIONAL MÒD FROM INVERNESS

BBC ALBA will broadcast daily programmes from this year’s Royal National Mòd in Inverness.

The Mòd, organised by An Comunn Gàidhealach, is the Gaelic community’s most prestigious festival celebrating cultural heritage, Gaelic language, music and arts.

Produced by BBC Gàidhlig and presented by Cathy MacDonald, BBC ALBA will be broadcasting five programmes showcasing the best of the festival from Monday 13th to Friday 17th October.

The run of shows includes live coverage of one of the most prestigious moments of the festival – Thursday’s Traditional Gold Medal Final for singing.

Radio nan Gàidheal will also be at the Mòd to provide live broadcasts of many of the week’s events – including the ever-popular Mire ri Mòir cèilidh on Friday at 10am – and live coverage of the Rural Choirs on Thursday from 1.30pm. The choirs will be competing for the Lorn Shield and the Sheriff MacMaster Campbell Memorial Quaich and BBC ALBA will also feature the choir winners on the same evening. Radio listeners will also be able to enjoy the evening TV programmes. All week, other than the Wednesday evening, the shows will be broadcast simultaneously on both TV and Radio services.

The latest news, interviews and regular updates throughout the week will also be provided for viewers and listeners with news teams from An Là on BBC ALBA and Aithris na Maidne and Aithris an Fheasgair on BBC Radio nan Gàidheal reporting from across the festival.

The BBC ALBA programmes include:

  • Monday 13th, 10.00pm – 11.30pm: Cathy MacDonald presents highlights from the first day of the Children's Mod in Inverness, primarily for Gaelic learners. Amongst the performers will be the winners of the main singing competition for learners, the James C MacPhee Memorial Medal. This programme will be repeated on Radio nan Gàidheal the following day at midday.
  • Tuesday 14th, 10.00pm – 11.30pm: Songs, poetry and fun from the second day of the Children's Mod when native speakers are to the fore. Amongst the successful performers will be the winners of the main prize of the day, An Comunn Gàidhealach Silver Medal. Another chance to listen to this programme will be available when it repeats on Radio nan Gàidheal on Wednesday at midday.
  • Wednesday 15th, 10.00pm – 11.00pm: Cathy MacDonald presents highlights from Inverness with singers from the solo competitions throughout the day. Amongst the talented performers will be the winners of the Silver Pendant for adult learners.
  • Thursday 16th, 7.30pm – 10.00pm: Live coverage of the traditional gold medal competition for singing from the Royal National Mod. Along with Cathy, providing analysis of the competition will be Gaelic broadcaster Morag MacDonald and Skye singer Art Cormack. They will provide their own thoughts on the performances and also a reaction to the final result. Also featured on the show will be the winners of the prestigious Comunn Gàidhealach Gold Medals and the main winners from the rural choir competitions held earlier that day. Live coverage will also be simulcast on Radio nan Gàidheal.
  • Friday 17th, 10.00pm – 11.30pm: Coverage of the main choral winners of the day will feature from the final concert of the week. Amongst the choirs featured will be the winners of the Esme Smyth Trophy, the Mull and Iona Shield, the Margrat Duncan Memorial Trophy and the main prize of the day, the Lovat and Tullibardine Shield.
Mòd 2014 programming will also cater for younger viewers. Radio nan Gàidheal’s Aileag, presented by Shona MacVicar, will air on Wednesday 15th at 4.00pm with the best moments from the Children’s Mòd. Megan MacLellan and Derek MacIntosh will present BBC ALBA’s Dè a-nis on Thursday 16th at 6.00pm and will take the audience on an exciting journey through Scotland's newest city along with performances from young singers and musicians.

For regular updates as well as video and audio highlights from the Royal National Mòd 2014, visit the BBC ALBA website at www.bbc.co.uk/alba. This year video clips of the winning performances can be enjoyed worldwide on the site.

10 Dàmhair 2014

BBC ALBA A' CRAOLADH A' MHÒID NÀISEANTA RÌOGHAIL À INBHIR NIS

Bidh BBC ALBA a' craoladh phrògraman gach latha bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna ann an Inbhir Nis.

'S e am Mòd, a chuireas An Comunn Gàidhealach air bhonn, an fhèill as cliùitiche do dhùthchas, cànan, ceòl is ealain ann an saoghal na Gàidhlig.

Air a riochdachadh le BBC Gàidhlig agus air a lìbhrigeadh le Cathy NicDhòmhnaill, bidh còig prògraman air BBC ALBA, a' toirt thugaibh taghadh dhen chuid as fheàrr on fhèis o Dhiluain 13mh gu Dihaoine 17mh Dàmhair.

Bidh aon de na tachartasan as prìseile den fhèill am measg na bhios ri fhaicinn – beò Diardaoin, Farpais crìochnachaidh an t-seann nòis.

Bidh Radio nan Gàidheal aig a' Mhòd cuideachd, a' toirt thugaibh mòran de thachartasan na seachdain beò. Nam measg, madainn Dihaoine aig 10m bidh Mòrag Dhòmhnallach le aon de phrìomh thachartasan craolaidh a’ Mhòid, Cèilidh Mire ri Mòr. Bidh farpais nan còisirean dùthchail Diardaoin bho 1.30 feasgar air adhart. 'S ann am farpais do Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul a bhios na còisirean, agus bidh BBC ALBA a' sealltainn mar a chaidh don fheadhainn leis an deach an latha air an dearbh oidhche. Thèid a’ mhòr chuid de phrògraman a chraoladh aig an aon àm air rèidio agus telebhisean.

Fad na seachdain bidh naidheachdan, agallamhan agus an seanchas as ùire ann do luchd-èisteachd is luchd-coimhead, le sgiobaidhean-naidheachd bho An Là aig BBC ALBA agus bho Aithris na Maidne agus Aithris an Fheasgair air BBC Radio nan Gàidheal ag aithris fhad 's a bhios an fhèill an gnìomh.

Am measg nam prògraman air BBC ALBA bidh:

  • Diluain 13mh, 10.00f – 11.30f: Bidh Cathy NicDhòmhnaill a' toirt thugaibh taghadh bhon chiad latha de Mòd na Cloinne ann an Inbhir Nis, a' mhòr chuid dhiubh nan luchd-ionnsachaidh. Am measg eile, bidh an fheadhainn a bhuinnig a' phrìomh fharpais-seinn do luchd-ionnsachaidh, Bonn Cuimhneachan Sheumais C Mhic a' Phì. Thèid am prògram seo ath-chraoladh air Radio nan Gàidheal an ath latha aig 12f.
  • Dimàirt, 14mh, 10.00f – 11.30f: Òrain, bàrdachd agus spòrs bhon dara latha de Mhòd na Cloinne, nuair a bhios clann fhileanta a' gabhail pàirt. Am measg na bhios a' nochdadh, bidh na farpaisich a choisinn prìomh dhuais an latha, Bonn Airgead a' Chomuinn Ghàidhealaich. Thèid seo ath-chraoladh Diciadain aig 12f.
  • Diciadain 15mh, 10.00f – 11.00f: Bidh Cathy NicDhòmhnaill a’ toirt thugaibh na pìosan as fheàrr bho cho-fharpaisean seinn aon neach. Am measg na bhios ann, bidh buannaiche An Aigeallan Airgid airson inbhich ag ionnsachadh Gàidhlig.
  • Diardaoin 16mh, 7.30f – 10.00f: Craoladh beò de dh'fharpais nam bonn òir do sheinn a rèir an t-seann nòis aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Còmhla ri Cathy bidh Mòrag Dhòmhnallach agus Art Cormack. Cuideachd air a’ phrògram bidh iadsan a bhuannaich co-fharpaisean Buinn Òir a’ Chomunn Ghàidhealaich. Bidh BBC Radio nan Gàidheal ga chraoladh cuideachd.
  • Dihaoine 17mh, 10.00f – 11.30f: Bidh a’ chèilidh mu dheireadh dhen t-seachdain ann, agus na còisirean a bhuinnig an-diugh ann, am measg eile.

Bidh prògraman de Mhòd 2014 ann don òigridh cuideachd agus cuiridh luchd-leantail Aileag is Dè a-nis? fàilte air na prògraman as fheàrr leotha ann an Inbhir Nis, far am bi Megan Nic Gill-Fhaolain agus Derek Mac an Tòisich gar toirt air chuairt a’ bhaile.

Airson an fhios as ùire bho Mhòd 2014, thèid gu www.bbc.co.uk/alba.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman