GàidhligEnglish

News Naidheachdan

1 July 2014

MG ALBA LAUNCHES ONLINE RESOURCES AIMED AT YOUNGSTERS KEEN ON WORKING IN GAELIC MEDIA

A new online resource aimed at youngsters between 15-21 years with a keen interest in working in the media, specifically Gaelic media, have been launched today (Tuesday 1 July) by MG ALBA, the Gaelic Media Service.

Media Skills

The information will provide invaluable advice for enthusiastic youngsters to develop and enhance their skills in the Gaelic media industry be it as a hobby or a possible career choice.

As well as providing resources on career possibilities, study courses and work experience opportunities, they will be able to learn how some familiar faces in the sector got to where they are now.

Speaking on behalf of MG ALBA, Mary Ann MacInnes said: “We thought it would be great for youngsters to have an almost one-stop-shop of resources offering advice on getting into the media, as well as for those who simply wanted to develop their media skills. Our new web pages will present all the information they need in a user-friendly and interactive manner.”

Renowned director of ‘Still Game’ and BBC ALBA comedy ‘Dà Là san Dàmhair’, Michael Hines gave his support to the site.

Michael said: “I am happy to help with anything that encourages participation and training for all ages. With information on production companies such as my own who produce programmes for BBC ALBA, there are more opportunities than ever before out there and I think these pages will give young people a fantastic set of tools and information on where to start”.

With careers advice and links to My World of Work, amongst others, the website re-directs people to already existing and helpful websites rather than creating a lot of content.

Peigi Ann Scott (S6) from the Nicolson Institute in Stornoway said: “This is a great resource. We are very fortunate to have such a useful website, where we can find information on various future career paths and how to progress in our chosen vocation. The website is very attractive and I found it useful that there were links to other websites. I would highly recommend it to everyone”.

For more information and to access the online resources (designed by Cànan) please visit the bilingual pages here.

1 Iuchar 2014

MG ALBA A’ FOILLSEACHADH GOIREAS AIR-LOIDHNE AIRSON DAOINE ÒGA LE ÙIDH SNA MEADHANAN

An-diugh, dh’fhoillsich MG ALBA goireas airson daoine òga eadar 15-21 bliadhna a dh’aois le ùidh ann a bhith ag obair sna meadhanan, gu h-àraidh sna meadhanan Gaidhlig.

Sgilean-Meadhanan

Bheir am fiosrachadh comhairle air leth feumail do dhaoine òga, dealasach an cuid sgilean a leasachadh ann an gnìomhachas nam meadhanan Gaidhlig, airson adhbharan cur-seachad no airson a bhith a’ coimhead ri ’s dòcha dreuchdan eadar-dhealaichte.

A thuilleadh air a bhith a’ libhrigeadh ghoireasan airson cothroman ann an dreuchdan, cùrsaichean agus cothroman eòlas-obrach, gheibh iad a-mach ciamar a fhuair daoine ’s dòcha a dh’aithnicheas iad chun nan obraichean sa bheil iad an-diugh.

Thuirt Mairi Anna NicAonghais bho MG ALBA: “Bha sinn den bheachd gum biodh e math nam biodh na goireasan a tha a-muigh ann an sin air an tarraing còmhla ann an aon àite a thaobh a bhith a’ toirt comhairle air mar a gheibhear a-steach dhan ghnìomhachas no mar a dh’fhaodar sgilean-mheadhanan a thoirt air adhart. Bheir na duilleagan ùra seo am fiosrachadh sin dhaibh ann an dòigh fhurasta.”

Thug Michael Hines, a tha ainmeil mar Stiùiriche ‘Still Game’ agus comadaidh BBC ALBA “Dà Là san Dàmhair”, a làn-thaic don làrach.

Thuirt e: “Tha mise toilichte a bhith an sàs ann an rud sam bith a tha a’ brosnachadh chom-pàirteachas agus trèanadh airson aois sam bith. Le fiosrachadh air companaidhean riochdachaidh mar an fhear agam fhèin a tha a’ dèanamh phrògraman airson BBC ALBA, tha barrachd chothroman a-muigh an sin na bh’ ann a-riamh roimhe agus tha mi a’ smaoineachadh gun toir na duilleagan seo dòighean mhatha agus fiosrachadh don òigridh air ciamar a thòisicheas iad”. Le comhairle air dreuchdan agus ceanglaichean gu My World of Work am measg eile, tha an làrach a’ stiùireadh dhaoine gu làraich agus fiosrachadh a tha mu thràth ann, seach a bhith a’ cruthachadh tòrr stuthan às ùr.

Thuirt Peigi Anna Scott bho Sgoil MhicNeacail: “’S e goireas fìor mhath a tha seo. Tha sinn gu math fortanach gu bheil leithid de làrach-lìn ann far am faigh sinn fiosrachadh air dreuchdan agus ciamar a thèid sinn air adhart nar beatha-obrach. Tha na duilleagan uabhasach tarraingeach agus tha e feumail a thaobh nan ceanglaichean gu làraich eile”.

Airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson an goireas (dealbhte le Cànan) fhaicinn, tadhail an seo.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman