GàidhligEnglish

News Naidheachdan

15 July 2014

BBC ALBA BRINGS HEBCELT LIVE TO A SCREEN NEAR YOU

HebCelt main arena. Credit Leila Angus, Brighter Still
HebCelt main arena. Credit Leila Angus, Brighter Still

Music fans around the country can tune into the sights and sounds of the biggest ever Hebridean Celtic Festival when it features in two nights of live TV broadcasts.

BBC ALBA will exclusively show two hours of live music from the award-winning festival in Stornoway between 10p.m. and midnight on Friday 18 and Saturday 19 July, with additional programmes featuring the best sets from the event to be shown on the channel later in the year.

This will be the fifth year HebCelt has showcased on BBC ALBA and the third year of live coverage from the event which is regarded as one of the best music festivals of the summer.

The 19th annual HebCelt will run from 16-19 July and will feature its biggest ever programme of nearly 40 acts. As well as its two main stages in the festival arena, a new acoustic stage has been introduced this year for the first time and there will also be performances in An Lanntair arts centre in Stornoway and in community venues in Lewis and Harris.

Around 16,000 people from across the globe – double the size of the host town – are expected at the event to see headliners Levellers, Big Country and Donnie Munro as well as, among others, Rachel Sermanni, Cara Dillon, Duncan Chisholm, Cajun band Magnolia Sisters, from the US, and Canadian outfit Gordie MacKeeman and His Rhythm Boys.

A Gaelic Showcase is being staged to promote the language and culture and the festival’s support for young, emerging talent is demonstrated by coveted stage slots given over to Inverness-based band Hò-rò winners of HebCelt’s One Step Further contest and Glasgow singer songwriter Sophie Rogers who also won her place at the event.

Caroline MacLennan, HebCelt’s director said: “Seeing the festival live on TV is the next best thing to actually being there and we are delighted to be working with BBC ALBA again to provide extensive coverage of the event.

“The live broadcasts and programmes capture the wonderful atmosphere at HebCelt and showcase the festival and the islands to a large audience.”

Alan Esslemont, head of content for BBC ALBA, said: “Our live HebCelt package of programmes has proved extremely popular with our viewers and we very much look forward to this year’s festival which welcomes some top acts in the music scene. For festival goers who can’t attend in person we are delighted to be bringing the best of HebCelt direct to their screens.”

15 Iuchar 2014

BBC ALBA A’ TOIRT FÈIS CHEILTEACH INNSE GALL THUGAIBH BEÒ

HebCelt main arena. Credit Leila Angus, Brighter Still
HebCelt main arena. Credit Leila Angus, Brighter Still

Bidh cothrom aig luchd-èisteachd air feadh na dùthcha seallaidhean agus ceòl bho Fhèis Cheilteach Innse Gall fhaicinn beò air BBC ALBA thairis air dà oidhche.

Thèid dà uair a thide de cheòl beò a chraoladh à Steòrnabhagh le BBC ALBA bhon Fhèis eadar 10f agus meadhan oidhche Dihaoine 18mh agus Disatharne 19mh Iuchar. Thèid prògraman a bharrachd a chraoladh nas fhaide air adhart sa bhliadhna, a’ toirt thugaibh taghadh de na còmhlan-ciùil a nochd aig an Fhèis.

Seo an coigeamh bliadhna a tha Fèis Cheilteach Innse Gall air prògraman a chlàradh dha BBC ALBA agus an treas bliadhna a thèid an tachartas a chraoladh beò, tachartas a tha air aithneachadh mar aon de na Fèisean ciùil as fhèarr a chìthear tron samhradh.

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall air a bhith ruith a-nis airson naoi bliadhna deug agus chìthear an tachartas as motha a tha air a bhith aca a-riamh am bliadhna eadar 16 agus 19 Iuchar le suas ri 40 còmhlain a’ gabhail pàirt. A bharrachd air an dà phrìomh stèids anns an teanta, tha stèids acoustic ùr gu bhith ruith am bliadhna airson a’ chiad uair. A bharrachd air an seo bidh tachartasan san Lanntair, Steòrnabhagh, agus ann an tallaichean coimhearsnachd air feadh Leòdhas agus na Hearadh.

Tha dùil ri mu 16,000 luchd amhairc bho air feadh an t-saoghail a bhith an làthair, a dhà uidhir ’s a tha fuireach ann am baile Steòrnabhaigh fhèin, airson còmhlain mòr mar Na Levellers, Big Country agus Donnie Rothach fhaicinn agus cuideachd Rachel Sermanni, Cara Dillon, Duncan Chisholm, Na Magnolia Sisters às Na Stàitean Aonaichte, agus an Canèidianach Gordie MacKeeman ‘s na Rhythm Boys.

Tha Taisbeanadh Gàidhlig gu bhith air a chuir air dòigh gus an cànan ’s an cultar a bhrosnachadh. Tha an Fhèis a’ toirt taic dha tàlant ùr, òg le bhith ruith farpais airson cothrom nochdadh air stèids HebCelt. Bhuannaich an còmhlan-ciùil, Hò-rò, à Inbhir-Nis an duais One Step Further aig Fèis Cheilteach Innse Gall agus bhuannaich an sgrìobhadair ciùil, Sophie Rogers, à Glaschu àite aig an tachartas cuideachd.

Thuirt Stiùiriche HebCelt, Caroline NicIllinnein: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri BBC ALBA a-rithist airson taghadh farsaing bhon Fhèis a chraoladh. Tha na craolaidhean beò agus na prògraman eile a’ glacadh an fhaireachdainn a th’ aig an Fhèis agus a’ taisbeanadh an Fhèis agus na h-eileanan chun mhòr-shluaigh.”

Thuirt Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA: “Tha an sreath phrògraman beò bho HebCelt air còrdadh gu mòr ri ar luchd-amhairc agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri Fèis na bliadhna seo a tha a’ cur fàilte air feadhainn den luchd-ciùil as fheàrr a th’ ann. Dhan fheadhainn aig a bheil ùidh anns an Fhèis ach nach urrainn a bhith ann iad fhèin, tha sinn fìor thoilichte na tachartasan as fheàrr aig an Fhèis a thoirt dìreach dhan dachaigh aca tro phrògraman BBC ALBA”.


2014 News Archive Tasglann Naidheachdan 2014

BBC ALBA festive highlightsClàr Nollaig agus Bliadhn’ Ùr BBC ALBA
Trad Awards ShortlistGeàrr-liosta Na Trads
Royal National Mòd 2014Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014
Trad Awards 2014Duaisean na Trads 2014
FilmG WorkshopsBùth-obrach FilmG
BBC ALBA Autumn LaunchClar Foghair BBC ALBA
FilmG launched for a seventh yearFilmG ga chur air bhog
UK government funding increaseAn Riaghaltas a’ foillseachadh àrdachadh ri maoineachadh MG ALBA
Hebridean Celtic Festival - LiveFhèis Cheilteach Innse Gall - Beò
Media Skills online resourceGoireas Sgilean-Meadhanan air-loidhne
Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan MG ALBA 2013/14MG ALBA's Annual Report and Accounts 2013/14
Director of Development and PartnershipStiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd
Bannan premièrePremière Bannan
MG ALBA welcomes additional fundingMG ALBA a’ cur fàilte air maoin ùr
Celtic Media Festival AwardsDuaisean Celtic Media Festival
FilmG AwardsDuaisean FilmG
Celtic Media Festival shortlistGeàrr-liosta Fèis nam Meadhanan Ceilteach
FilmG shortlists onlineGeàrr-liosta FilmG air-loidhne
FilmG films onlineFilmichean FilmG air-loidhne
Go JettersGo Jetters

2019 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2019
2018 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2018
2017 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2017
2016 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2016
2015 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2015
2014 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2014
2013 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2013
2012 News ArchiveTasglann Naidheachdan 2012


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman