GàidhligEnglish

News Naidheachdan

11 February 2014

FILMG SHORTLIST ANNOUNCED

FilmG poster

FilmG, MG ALBA’s Gaelic Short Film Competition, has announced the shortlists for this year’s competition with budding filmmakers, community groups and school groups from around the country making the final cut.

This year’s FilmG theme, ‘Rùn’ (Love/Secret/Intention) inspired an array of new ideas and stories from filmmakers making it an exciting yet difficult job for the jury to pick out the best from this year’s entries.

The jury panels comprised of a variety of BBC ALBA and Freelance industry professionals, including ‘Dè a-nis?’ presenter Derek MacIntosh and previous FilmG winner Elly Welch.

Elly said: “It was a great experience judging this year’s batch of films. Having gone through this process myself I understand how important it is to encourage and recognise new talent, and there was certainly a lot to be excited about this year. Every film that has made it onto the shortlists is of a very high standard and I hope that as many people as possible enjoy watching the films.”

Schools in the Western Isles have had a particularly strong showing with all four films made by their four high schools being shortlisted in a number of categories. They include, Sgoil Lionacleit’s ‘An Tòimhseachan’ (The Riddle) for Best Production, Best Performance and the FilmG Prize for Gaelic, Castlebay High school’s ‘An Càirdeas Carach’ (The Fickle Friendship) for the FilmG Theme Award and the FilmG Prize for Gaelic, Sir E. Scott’s ‘Ceòl ann an Sgoil Sir E. Scott’ (Music in Sir. E. Scott School) for the FilmG Prize for Gaelic and the Nicolson Institute’s music video ‘Latha Math’ (A Good Day) for the Best Music Video.

Glasgow Gaelic School have also done very well with three of their four films making the shortlists. They are ‘A’ Tarraing à Bond’ (Poking Fun at Bond) for Best Film, ‘Caraidean Ceòlach’ (Musical Friends) for the FilmG Theme Award and Best Performance and the film ‘A’ Choinneamh’ (The Meeting) shortlisted for the FilmG Prize for Gaelic. Another notable entry on the shortlist is independent young filmmaker Shannon MacLean documentary film ‘Gaol nan Eilean’ (Island Love). This film is about what makes the Isle of Mull so special and is shortlisted for Best Film.

It wasn’t just school pupils who showed their talent for filmmaking this year. The Open category, which is for aspiring filmmakers over the age of seventeen and community groups, also featured some real gems on their shortlists. The Western Isles have also had a strong showing in this category, Keith Patrick Stringer’s ‘Taigh a’ Mhuirt’ (Home Kill) shortlisted for Best Film and for the FilmG Theme Award. Dòmhnall Eòghainn MacKinnon’s film about Seilebost School in Harris shortlisted for Best Documentary and Rachel Kennedy from Lewis shortlisted for her performance in ‘Latha Eile, Saoghal Eile’ (Another Day, Another World).

Films from the North end of Skye have done extremely well this year in making the shortlists. Kilmuir Drama Group have made a comedy film called ‘Na Slapagan’ (The Bachals) that has been shortlisted for Best Community Film. Kilmuir’s ‘Brògan Beaga’ (Wee Toots) has been shortlisted twice for the Best Community Film and the Best Documentary Film. And Cameron Ross from Ellishadder made a film called ‘Dìneasaran air an Eilean Sgitheanach’ (Dinosaurs on the Isle of Skye) which has been shortlisted for Best Documentary Short.

All the shortlists are now available online on the FilmG website, where you can also view all entries in this year’s competition. The winners will be announced at the prestigious FilmG awards ceremony taking place at the Old Fruitmarket in Glasgow on Friday 14 March, keep an eye on social media for information about tickets. Providing entertainment at this year’s ceremony will be up-and-coming Irish band ‘Seo Linn’. They became an internet sensation last year when they collaborated with Irish summer school ‘Coláiste Lurgan’ to produce a Gaelige music video of Avicii’s ‘Wake Me Up’. It received well over 3 million hits on Youtube and boosted interest in the language amongst teenagers in across Ireland as well as internationally.

11 Gearran 2014

GEÀRR-LIOSTA FILMG AIR FHOILLSEACHADH

FilmG poster

Tha FilmG, Farpais Filmichean Goirid Gàidhlig MG ALBA air geàrr-liosta na bliadhna-sa ainmeachadh agus filmeadairean, buidhnean coimhearsnachd is sgoiltean air a bhith gu math soirbheachail.

Bhrosnaich cuspair na bliadhna-sa ‘Rùn’ beachdan ùra, inntinneach, rud a rinn obair nam britheamhan air leth doirbh. Air pannal nam britheamhan bha luchd-proifeasanta bho BhBC ALBA agus a’ ghnìomhachas, nam measg Derek Mac an Tòisich agus tè a bhuannaich a cheana, Elly Welch.

Thuirt Elly: “Bha e fìor mhath a bhith air pannal nam britheamhan am bliadhna-sa. Às dèidh dhomh fhèin a bhith an sàs san fharpais a cheana tha mi a’ tuigsinn cho fìor chudromach sa tha e a bhith a’ brosnachadh dhaoine agus a’ sireadh tàlant às ùr. Agus bha gu leòr den sin ann am bliadhna. Tha gach film a ràinig ìre geàrr-liosta aig ìre glè mhath agus mholainn-sa dhan a h-uile duine a dhol gan coimhead.”

Tha sgoiltean sna h-Eileanan an Iar air a bhith air leth soirbheachail agus na ceithir filmichean a chaidh an dèanamh le na ceithir àrd-sgoiltean an sin air a’ chùis a dhèanamh faighinn air a’ gheàrr-liosta. Nam measg tha ‘An Tòimhseachan’ le Sgoil Lionacleit airson Riochdachadh agus Cluiche as Fheàrr agus airson Duais Gàidhlig FilmG, Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil le ‘An Càirdeas Carach’ airson Duais Chuspair FilmG agus an cuid Ghàidhlig, Sgoil Sir E. Scott le ‘Ceòl ann an Sir E. Scott’ airson Duais Ghàidhlig FilmG agus Sgoil Mhic Neacail leis am bhidio ciùil acasan ‘Latha Math’ airson Bhidio Ciùil as Fheàrr.

Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a bhith gu math soirbheachail cuideachd le trì de na ceithir filmichean acasan air geàrr-liosta. ’S iad sin ‘A Tarraing à Bond’ airson Film as Fheàrr, ‘Caraidean Ceòlach’ airson Duais Chuspair FilmG agus Cluiche as Fhèarr agus ‘A’ Choinneamh’ a th’ air a’ gheàrr-liosta airson Duais Gàidhlig FilmG.

Am measg an fheadhainn a tha airidh air an ainmeachadh tha am filmeadair òg Shannon NicIlleathain à Muile a rinn am film goirid ‘Gaol nan Eilean’ mu dheidhinn Eilean Mhuile agus carson a tha e sònraichte. Tha e air a’ gheàrr liosta airson am Film as Fheàrr.

Cha b’ e sgoilearan a mhàin a bha soirbheachail am bliadhna-sa. Tha an roinn fhosgailte airson filmeadairean os cionn seachd bliadhna deug agus buidhnean coimhearsnachd air a bhith soirbheachail cuideachd. Às na h-Eileanan an Iar tha Keith Patrick Stringer air a bhith soirbheachail leis am film aige ‘Taigh a’ Mhuirt’ air a’ gheàrr-liosta airson Film as Fheàrr agus Duais Chuspair, Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain leis am film aige mu dhùnadh Sgoil Sheileboist sna Hearadh airson Film Aithriseach as Fheàrr agus Raonaid Cheanadach airson a cluiche ann an ‘Latha Eile, Saoghal Eile’.

Tha filmichean à ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air a bhith air leth soirbheachail am bliadhna-sa. Tha Sgioba Dràma Chille Mhoire air comadaidh a dhèanamh, ‘Na Slapagan’, a th’ air a’ gheàrr-liosta airson Film Coimhearsnachd as Fheàrr. Tha na ‘Brògan Beaga’ à Cille-Mhoire air a’ gheàrr-liosta dà thuras airson Film Coimhearsnachd as Fheàrr agus Film Aithriseach as Fheàrr. Cuideachd, rinn Cameron Ross à Eiliseadar film goirid ‘Dìneasaran air an Eilean Sgitheanach’ a th’air a’ gheàrr-liosta airson Film Aithriseach as Fheàrr.

Tha na geàrr-liostan air fada-nis rim faotainn air loidhne air làrach-lìn FilmG far am faicear cuideachd na filmichean air fad. Thèid an fheadhainn a bhuannaich an ainmeachadh aig Cuirm nan Duaisean a thèid a chumail aig an Seann Fruitmarket ann an Glaschu air 14 Màirt. Cumaibh cluais ri claisneachd airson fios a bharrachd mu thiceadan.

A’ cumail ceòl ri luchd-amhairc nan duaisean am-bliadhna bidh ‘Seo Linn’, còmhlan òg à Èirinn a choisinn cliù dhaibh fhèin an uiridh nuair a thug iad fhèin is sgoilearan à Coláiste Lurgan an dreach fhèin air an òran aig Avicii ‘Wake Me Up’. Sheall còrr math is 3 millean neach air am bhidio air Youtube, agus a bharrachd air sin tha i air ùidh ann an Gaeilge a bhrosnachadh a-measg dheugairean ann an Èirinn agus gu h-eadar nàiseanta.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman