GàidhligEnglish

News Naidheachdan

29 January 2014

ANOTHER BUMPER YEAR FOR FILMG AS 76 FILMS ARE SUBMITTED ACROSS BOTH CATEGORIES

FilmG Poster Eilidh Rankin and Dog

MG ALBA’s national Gaelic short film competition, FilmG, has received an amazing 76 films this year, 46 in the Youth Category and 30 adult entries. All films can now be viewed online and you can vote for your favourite film until the 10th February when the judges’ shortlists will be announced.

This year saw an increase in the number of music videos being submitted, all of which are of a very high standard. They include a video of the track 'Eilean a' Cheò' (Misty Isle) by Niteworks which was shot in Glasgow. It provides a modern day interpretation of the original folk song, portrayed through a young couple's relationship breakdown. Another compelling music video entry is Phill Todd’s ‘Còmhla Riut-sa’ (With You) which depicts young twins that are separated when their croft is attacked by marauders, and they find themselves desperately searching for sanctuary.

Domhnall Eòghainn MacKinnon who won ‘Best Music Video’ at last year’s FilmG awards has this year made a beautiful and moving documentary called ‘An Sgoil Bheag Mu Dheireadh’ (The Last Little School). This film is about the closure of the remote little school of Sheilbost on the Isle of Harris which has clearly left a hole in the heart of the local community.

The films submitted in the Youth category set the benchmark in terms of production quality and ideas getting higher. Teenagers really made an effort to film outside of the school gates and the results are clearly reflected in the quality of their films.

Also notable this year was the increase in comedy films, they include Glasgow Gaelic School’s ‘A Tarraing À Bond’ (Taking the Mickey out of Bond) which is shot in a mockumentary style and has a range of interesting and entertaining characters. Also extremely funny are two of the music videos entries, they are ‘Ailean Dubh às Lochaidh’ (Dark-haired Allan of Lochy) by Dingwall Academy and ‘Latha Math’ (Good Day) by the Nicolson Institute. Both films clearly show that the schools had a lot of fun making their films and worked well together as a team.

Floraidh Forrest, FilmG Project Manager said: “This year we are delighted both with the number of entries and with the quality of entries. Both categories cover a range of topics and engage very well with the theme ‘Rùn – Love, Secret, Intent’ that was set for them at the launch of the competition. I’d encourage as many people as possible to watch these films and to vote for their favourites”.

All films can be viewed online at www.filmg.co.uk on 28 Tuesday January. The judges’ shortlists will be revealed in the middle of February with the winners being announced at the glitzy awards ceremony in Glasgow on Friday 14th March.

29 Faoilleach 2014

BLIADHNA AIR LETH SOIRBHEACHAIL LE 76 FILMICHEAN EADAR AN DÀ ROINN

FilmG Poster Eilidh Rankin and Dog

Tha bliadhna air leth soirbheachail air a bhith aig FilmG, farpais bhliadhnail filmichean goirid MG ALBA, le 76 film goirid gan cruthachadh, 46 dhuibh sin le òigridh agus 30 ann an roinn nan inbheach. Gheibhear na filmichean air fad rin coimhead air loidhne agus faodar bhòtadh airson an fhear as fheàrr leat gu meadhan an ath mhìos (10 Gearran) nuair a thèid geàrr liosta nam britheamhan fhoillseachadh.

Chaidh an àireamh de fhilmichean ciùil suas gu mòr am bliadhna sa agus iad uile aig ìre fìor mhath. Nam measg tha film ghoirid leis a’ chomhlan Niteworks a chaidh a chlàradh ann an Glaschu. Thug iadsan dreach ùr air an Òran ainmeil aig Màiri Mhòr nan Òran “Eilean a’ Cheò” ‘s e sealltainn mar a tha càraid òg a’ sgaradh. Tha “Còmhla riut-sa”, bhidio ciùil le Phill Todd, ag innse sgeòil càraid a tha gan sgaradh bho chèile ‘s iad a’ sireadh fasgaidh às dèidh dhan chroit aca a bhith air a chreach.

Rinn Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain, a bhuannaich “Bhidio Ciùil as fheàrr” an uiridh, film aithriseach air leth airson farpais na bliadhna sa. Se film goirid a th’ ann mu dheidhinn Sgoil Sheilboist ‘s na Hearadh a chaidh a dùnadh o chionn ghoirid ach gu follaiseach a tha air beàrn mhòr fhàgail ann an cridhe a’ choimhearsnachd.

Tha filmichean na bliadhna sa aig sàr ìre a thaobh riochdachaidh, ‘s e gu math follaiseach gun do rinn cuid oidhirp mhòr na filmichean aca a chlàradh taobh a-muigh crìochan na sgoile rud a thug piseach air inbhe nam filmichean.

Tha an àireamh de fhilmichean comadaidh air meudachadh am bliadhna sa cuideachd. Nam measg tha film le Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, “A’ Tarraing À Bond”, anns a bheil farsaingeachd de charactaran inntinneach. Chithear bho bhith coimhead cuid de na filmichean cho spòrsail sa bha e dhan òigridh a bhith a’ clàradh nam filmichean gu sònraichte “Ailean Dubh às Lòchaidh” le buidheann à Inbhir Pheofharan agus “Latha Math” le Sgoil Mhic Neacail.

Thuirt Manaidsear Phròiseact FilmG, Flòraidh Forrest: “Tha sinne air ar dòigh am bliadhna-sa, chan ann a-mhàin leis an àireamh de dh’ fhilmichean ach cuideachd an ìre aig a bheil iad. Tha an dà bhuidheann, òigridh is inbhich, air dèiligeadh gu math le cuspair na bliadhna sa “Rùn” a chaidh a chur mun coinneamh aig toiseach gnothach. Mholainn sa dhan a h-uile duine aig a bheil ùidh ann am filmichean a dhol dhan coimhead agus bhòtadh airson an fhear as fheàrr leotha”.

Chithear na filmichean air fad air loidhne aig www.filmg.co.uk bho Dhimàirt 28 Faoilleach. Thèid geàrr liosta nam britheamhan fhoillseachadh ann am meadhan a’ Ghearrain agus thèid na bha soirbheachail ainmeachadh aig Fèis nan Duaisean ann an Glaschu air Dihaoine 14 Màrt.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman