GàidhligEnglish

News Naidheachdan

17 March 2014

STARS OF THE BIG SCREEN TURN OUT TO PRESENT NATIONAL GAELIC FILM AWARDS INCLUDING GREG HEMPHILL AND GARY LEWIS

Cathy MacDonald, Greg Hemphill, Mairi Morrison, Michael Hines and Catriona Shearer, guest presenters on the night at FilmG 2014

Stars of the big screen turned out in Glasgow (Friday, 14th March) to present a number of awards at the sixth National Gaelic Film Awards ceremony.

MG ALBA, the Gaelic Media Service, was celebrating another successful FilmG competition, its prestigious Gaelic screen talent awards, which were held at The Old Fruitmarket, Glasgow and hosted by Fiona MacKenzie, face of BBC ALBA, and Niall Iain Macdonald, TV & radio presenter.

Guest presenters at the event included renowned Scottish actor and comedian Greg Hemphill best known as Victor in the much loved Still Game sitcom and Glasgow born actor Gary Lewis who has starred on the big screen in films such as Billy Elliot and Gangs of New York as well as TV programmes including Silent Witness and the forthcoming HBO series, Outlander.

Also presenting awards were much loved Scottish broadcaster Cathy MacDonald, BBC Scotland news reporter, Catriona Shearer, ‘Dè a-nis?’ presenters Derek MacIntosh and Megan McLellan, director Michael Hines, producer and director Don Coutts, Debbie MacKay star of BBC ALBA’s new drama Bannan, award winning Gaelic band Mànran and Scottish Government Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages, Dr Alasdair Allan.

This year’s competition theme was ‘Rùn’ (Love/Secret/Intention) which inspired an array of ideas for filmmakers in both the 12-17 age-group and the adult category, with a total of 76 films being submitted.

Judges were particularly impressed with the quality of films in the 12-17 category with 46 entries being received and school pupils taking part from all across Scotland including Ullapool High School, Glasgow Gaelic School, Oban High School, Dingwall Academy and Castlebay High School.

All 2014 winners are listed below, with every film entered in this year’s FilmG competition available to view online at www.filmg.co.uk.

Actor, Greg Hemphill, said: “I had a fantastic evening at the FilmG awards ceremony. I attended back in 2009 when it was held in Inverness and amazed to see how it has gone from strength to strength in this time. I’d like to congratulate all the prize winners and I hope that they are able to use FilmG as a springboard into a career in the media.”

Announcing ongoing Scottish Government support for FilmG, Alasdair Allan, Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages said: "The FilmG awards offer a unique opportunity to combine a love of film making with the chance to develop Gaelic language skills. The competition's growing popularity shows how successful it is in sharing our heritage with a talented and creative audience.

"I am delighted to confirm our ongoing support, with £25,000 over the next year, and look forward to FilmG's continued success."

Maggie Cunningham, Chair of MG ALBA, said: “We are delighted that FilmG’s success has continued to grow from strength to strength since the inaugural awards in 2009. The competition received 76 films this year and we have been greatly impressed once again by the level of film-making from grassroots level with many repeat entries having greatly improved on previous years as a result of the workshop training and resources provided by industry professionals as part of the FilmG competition. In addition, some hopeful newcomers were encouraged to take part this year.

“The FilmG project helps build confidence in both media and language skills and supports the Curriculum for Excellence. The Scottish Government continues to recognise the good work of FilmG and has once again offered us their support for which everyone involved with the project is extremely grateful.

“This year’s winners were all of a very high standard and we’d like to congratulate those who took home a top award, as well as praise everyone for taking part and encourage those who may be interested in participating to have fun with Gaelic and make a short film for next year’s FilmG.”

FilmG has unearthed a wealth of creative talent within the Gaelic community since it was established six years ago, and was named Best Cultural Event at the 2012 Scottish Event Awards.

Providing entertainment on the night was up-and-coming Irish band ‘Seo Linn’ who became an internet sensation last year when they collaborated with Irish summer school ‘Coláiste Lurgan’ to produce a Gaelige music video of Avicci’s ‘Wake Me Up’.

17 Màrt 2014

GARY LEWIS AGUS GREG HEMPHILL AM MEASG CHLEASAICHEAN AINMEIL A’ TOIRT NAN DUAISEAN SEACHAD AIG CUIRM DHUAISEAN NÀISEANTA FILMICHEAN GÀIDHLIG

Cathy MacDonald, Greg Hemphill, Mairi Morrison, Michael Hines and Catriona Shearer, guest presenters on the night at FilmG 2014

Nochd cleasaichean ainmeil ann an Glaschu (Dihaoine 14 Màrt) airson duaisean a thoirt seachad aig an t-siathamh cuirm dhuaisean nàiseanta filmichean goirid Gàidhlig.

Bha MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, a’ comharrachadh bliadhna shoirbheachail eile de fharpais FilmG, duaisean iomraiteach filmichean goirid Gàidhlig, a chaidh a chumail aig seann Fruitmarket Ghlaschu. Os cionn cùisean aig a’ chuirm bha Fiona NicChoinnich bho BhBC ALBA agus Niall Iain Dòmhnallach.

Am measg an fheadhainn a bha a’ toirt dhuaisean seachad bha na cleasaichean ainmeil Greg Hemphill, a chluich Victor sa chomadaidh Still Game agus fear eile a rugadh an Glaschu, Gary Lewis a choisinn cliù dha fhèin sna filmichean Billy Elliott agus Gangs of New York agus prògraman tbh leithid Silent Witness agus Outlander a tha fhathast ri chraoladh.

Còmhla riutha a’ toirt seachad dhuaisean bha Cathy (Bhàn) NicDhòmhnaill, Catrìona Shearer a bhios a’ leughadh nan naidheachdan air a’ BhBC, Derek Mac an Tòisich agus Megan McLellan bho ‘Dè a-nis?’, an stiùiriche Michael Hines, Don Coutts a tha na riochdaire agus na stiùiriche, Debbie NicAoidh a bhios a’ nochdadh air an sgrion san dràma ùr Bannan a bhios ga chraoladh air BBC ALBA a dh’aithghearr, an còmhlan ainmeil Gàidhlig Mànran agus an Dr Alasdair Ailean, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan Alba ann an Riaghaltas na h-Alba.

Bhrosnaich cuspair farpais na bliadhna-sa ‘Rùn’ mòran bheachdan inntinneach airson filmichean eadar òigridh 12-17 agus inbhich le 76 film gan cur a-steach dhan fharpais uile gu lèir.

Bha na britheamhan buileach toilichte leis an ìre aig an robh filmichean òigridh 12-17 na bliadhna-sa le 46 filmichean gan dèanamh uile gu lèir agus sgoiltean air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt bho Àrd Sgoil Ulapuil, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Àrd Sgoil an Òbain, Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus Àrd Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil.

Tha an fheadhainn a bha soirbheachail uile air an ainmeachadh gu h-ìosal agus chithear na filmichean air fad an seo www.filmg.co.uk

Thuirt an cleasaiche Greg Hemphill: “Chòrd an oidhche rium fhèin glan. Bha mi aig cuirm nan duaisean mu thràth ann an 2009 nuair a chaidh a chumail ann an Inbhir Nis agus tha e na thoileachadh mòr a bhith a’ faicinn mar a chaidh e bho neart gu neart bhon uair sin. Bu mhath leam meal a naidheachd a chur air a h-uile duine a bha soirbheachail agus tha mi an dòchas gun cleachd iad an cothrom a tha seo airson ceum air adhart a ghabhail dhan ghnìomhachas.”

A’ foillseachadh taic leantainneach bho Riaghaltas na h-Alba airson FilmG, thuirt Dr Alasdair Ailean, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan Alba: “Tha duaisean FilmG a’ toirt cothrom air leth dha daoine a bhith a’ toirt na comasan aca ann a bhith a’ dèanamh filmichean agus a bhith a’ leasachadh sgilean cànain Gàidhlig còmhla. Tha soirbheachas a’ cho-fharpais a’ sealltainn mar a nì sinn co-roinn air ar dualchas le luchd-amhairc tàlantach agus cruthachail.

“Tha mi toilichte ar taic de £25,000 sa bhliadhna ri teachd fhoillseachadh agus a’ guidhe gach maith agus soirbheachas do FilmG.”

Thuirt Maggie Choineagan, Cathraiche MG ALBA: “Tha sinne air ar dòigh gur ann a’ sìor fhàs a tha FilmG bho chaidh a chur air bhonn an toiseach ann an 2009. Chaidh 76 film a chruthachadh airson an fharpais-sa agus tha sinn am-bliadhna a-rithist fo iongnadh leis an ìre aig a bheil na filmichean, chan e a-mhàin farpaisich ùr ach feadhainn a th’ air filmichean a chuir a-steach a cheana ’s a tha air piseach mòr a thoirt air an cuid obrach le taic bho dhaoine sa ghnìomhachas ann an lùib nam bùithtean-obrach a tha air an libhrigeadh às leth na farpais. A thilleadh air an sin bha luchd-filmidh ùr gam brosnachadh gus pàirt a ghabhail am-bliadhna.

“Tha FilmG a’ toirt brosnachaidh do dhaoine a thaobh sgilean cànain agus gam misneachadh a thaobh gnìomhachas nam meadhanan agus a thilleadh air an sin, tha e a’ snìomh a-steach cuideachd don Churraicealam airson Sàr-mhaitheis. Tha Riaghaltas na h-Alba air làn thaic a thoirt do dh’obair FilmG agus tha gach fear is tè a tha an lùib na h-obrach gu math taingeil airson sin.

“Tha ìre gach film a bhuannaich air a bhith aig sàr ìre agus bu mhath leinn meal a naidheachd a chur aig gach neach a choisinn duais. Bu mhath leinn cuideachd taing a thoirt dhan h-uile duine a chuir tagradh a-steach agus a h-uile misneachd a thoirt do dhaoine aig a bheil ùidh feuchainn air farpais na h-ath-bhliadhna.”

Tha FilmG air saidhbhreas de thàlant a thoirt am bàrr bho chaidh a stèidheachadh o chionn sia bliadhna agus chaidh ainmeachadh mar an Tachartas Cultarail as Fheàrr ann an 2012 le Duaisean Thachartasan Alba.

A’ cumail ceòl ri luchd-èisteachd air an oidhche bha an còmhlan Èireannach ‘Seo Linn’ a choisinn cliù dhaibh fhèin an-uiridh nuair a chluich iad còmhla ri ‘Colaiste Lurgan’ a’ toirt an dreach fhèin air an òran ainmeil aig Avicci ‘Wake Me Up’.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman