GàidhligEnglish

News Naidheachdan

3 April 2014

MG ALBA CELEBRATES AWARD WINS AT CELTIC MEDIA FESTIVAL

Da La san Damhair Glencoe

MG ALBA is celebrating after receiving two award wins at this year’s Celtic Media Festival.

BBC ALBA comedy Dà là san Dàmhair : Two days in October won best entertainment category whilst MG ALBA won the Best App award for its LearnGaelic app.

In its 35th year, the Celtic Media Festival is being held in St Ives (2 – 4 April) and is a celebration of the creative talent, languages and cultures of the Celtic broadcasting and media world, on screen and in broadcasting.

Dà là san Dàmhair : Two days in October was a one off comedy (broadcast Oct 2013) following six characters over two days in October as they set their sights on the Royal National Mòd. The hour long documentary was written by acclaimed Gaelic comedy writers Seonag Monk and Calum Mackinnon and directed and produced by Michael Hines of The Woven Thread.

The top cast included Greg Hemphill, star of ‘Still Game’ who teamed up with Mairi Morrison as husband and wife B&B owners Lenny and Flo; Tony Kearney as Torcuil, a dedicated Gaelic learner aiming for the Gold Medal; Fiona Macleod as Ishi, a Gaelic singer with a difference; Calum MacKinnon as WD, the wandering poet and David Walker who plays Neilleagan, an experienced adjudicator awaiting his call-up to judge the Gold Medal.

Winning the Best App award, the LearnGaelic Beginner’s Course : Buntús Cainte app is the result of a collaboration between MG ALBA and 32 Point Ltd and is the world’s first tablet app for learners of the minority languages Irish and Gàidhlig. The app was produced by Michelle Gallen of 32 Points Ltd with Alan Esslemont of MG ALBA as executive producer.

Teaming up award-winning illustrator Julie-Anne Graham, programmer Mehdi Gueddari and Gaelic producers Sarah Jane Campbell, Maoilios Caimbeul and Donald I MacDonald, the LearnGaelic app offers an engaging language learning tool with 60 lessons, more than 1,000 bespoke illustrations, 1,800 native speaker audio files and 1,800 test questions and learning games.

Alan Esslemont, head of content at MG ALBA, said: “It is fantastic news that BBC ALBA has scooped the best entertainment award at this year’s Celtic Media Festival. Written and produced by some of Scotland’s best talent and starring a stellar cast, Dà là san Dàmhair : Two days in October was a very clever and entertaining comedy which proved extremely popular with BBC ALBA viewers.

“We are also absolutely delighted that our LearnGaelic app has scooped the Best App award. We have worked very hard on this application and pride ourselves, along with 32 Points Ltd, with creating a learning tool that is as effective and rich as any app produced for major world languages.”

“We look forward to the remainder of the festival with anticipation as a number of other BBC ALBA programmes have been shortlisted across a range of award categories, which is testament to the rich Scottish content of Gaelic programmes on offer across many genres.”

Michael Hines, of The Woven Thread, said: “We are immensely proud that our first ever Woven Thread production has won such a prestigious award at the Celtic Media Festival. I have been a big fan of the festival as well as being giving master classes and know firsthand how difficult it is to win an international award.

“It is an absolute honor to win the best entertainment award and I would like to thank the team at BBC ALBA and MG ALBA who worked alongside us on this project, as well as my crew and all the cast members, without whom we would not have been in a position to create such an enjoyable piece of programming for the channel.”

For more information about the Celtic Media Festival and category shortlists visit www.celticmediafestival.co.uk

3 Giblean 2014

MG ALBA A’ CUR FÀILTE AIR DUAISEAN AIG FÈIS NAM MEADHANAN CEILTEACH

Da La san Damhair Glencoe

Tha MG ALBA a’ dèanamh toileachas ’s iad air dà dhuais a chosnadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach.

Choisinn comadaidh BBC ALBA, Dà là san Dàmhair, duais sa ghnè Cur-seachad as Fheàrr, le LearnGaelic a’ cosnadh duais airson an App as Fheàrr.

Tha an Fhèis ga cumail ann an St. Ives (2-4 Giblean), far am bi craoladairean a’ tighinn còmhla a’ comharrachadh iomadachd is càileachd na h-obrach a tha air a riochdachadh leis na dùthchannan Ceilteach.

B’ e comadaidh uair a thìde a bh’ ann an Dà là san Dàmhair (air a chraoladh san Dàmhair 2013), a’ leantainn sianar a tha gu math eadar-dhealaichte is iad air an tarraing chun fhèis airson adhbharan eadar-dhealaichte. Chaidh a sgrìobhadh le Seonag Monk is Calum MacFhionghain agus a riochdachadh agus a stiùireadh le Mìcheil Hines.

Chuir sinn eòlas air Greg Hemphill agus Màiri Mhoireasdan mar Flo & Lenny - càraid-pòsta a tha a’ ruith taigh-aoigheachd; Tony Kearney mar Thorcuil - fear a th' air a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus a tha ag amas air farpais a’ bhuinn òir; Fiona Nicleòid mar Ishi - caileag òg a tha a' cur a dreach fhèin air òran traidiseanta; Calum MacFhionghain mar WD - bàrd air chuairt a th' air a ghluasad fad na h-ùine agus Daibhidh Walker mar Neilleagan - eòlach na bhritheamh agus le shùil air smachd fhaighinn air prìomh fharpais na fèise.

Tha Buntús Cainte, an app airson luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic, na cho-bhanntachd eadar MG ALBA agus 32 Point Ltd agus na chiad app dha leithid airson tablet. Chaidh a riochdachadh le Michelle Gallen bho 32 Points Ltd, le Alan Esslemont bho MG ALBA na Àrd-riochdaire.

Le co-obrachadh eadar an dealbhadair Julie-Anne Graham, am prògramair Mehdi Gueddari agus na riochdairean Gàidhlig Sarah Jane Chaimbeul, Maoilios Caimbeul agus Dòmhnall I Dòmhnallach, tha an app seo a’ tairgse cothrom ionnsachaidh tarraingeach, le 60 leasan, còrr is 1,000 dealbh, 1,800 faidhle fuaim air an clàradh le fileantaich agus 1,800 ceist agus geama ionnsachaidh.

Thuirt Alan Esslemont, Ceann Phrògraman aig MG ALBA: “’S e naidheachd air leth a th’ ann gu bheil BBC ALBA air an duais seo fhaighinn. Le chuid sgrìobhadh, riochdachadh agus chluicheadairean ealanta, cha robh e na iongnadh gun do chòrd Dà là san Dàmhair ri luchd-amhairc BBC ALBA.

“Tha sinn cuideachd air ar dòigh glan gu bheil app LearnGaelic air an duais seo a chosnadh. Chaidh tòrr obair chruaidh a dhèanamh air agus tha a h-uile duine a bha an sàs sa phròiseact gu math pròiseil gu bheil e na shamhla de app cho math ’s a th’ ann airson cànan sam bith air feadh an t-saoghail.”

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ chòrr den Fhèis, le prògraman eile bho BBC ALBA air a’ gheàrr-liosta, a’ sealltainn an raoin fharsaing de phrògraman airson an luchd-amhairc air feadh iomadh gnè a tha a’ tighinn à Alba.”

Thuirt Mìcheil Hines, bhon chompanaidh The Woven Thread: “Tha sinn air leth moiteil gu bheil a’ chiad phrògram a rinn sinn aig The Woven Thread air duais cho cudromach agus tlachdmhor fhaighinn aig an Fhèis. Tha mi air mo thaic a chuir ris an Fhèis airson grunnan bhliadhnaichean a thuilleadh air cuideachadh a thoirt seachad le bùthan-obrach agus tha fios agam cho duilich ’s a tha e duais eadar-nàiseanta a chosnadh.

“Tha e na thlachd an duais seo a chosnadh agus bu mhath leam mo thaing a thoirt do na sgiobaidhean aig BBC ALBA agus MG ALBA, a thuilleadh air an criutha a rinn e comasach prògram cho tlachdmhor a dhèanamh airson na seanail.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig www.celticmediafestival.co.uk


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman