GàidhligEnglish

News Naidheachdan

26 June 2014

MG ALBA STRIVING TO BUILD ON SUCCESS OF GAELIC MEDIA SERVICES

MG ALBA, the Gaelic Media Service, today reported its most successful year to date, reflecting significant development of its core services.

In publishing its annual report, Maggie Cunningham, chair of MG ALBA, said the organisation has responded well to a fast-changing media landscape and continually strives to improve the benefits and impacts of Gaelic media.

MG ALBA operates BBC ALBA in partnership with the BBC, as well as the first-stop learners’ website Learn Gaelic and the FilmG short film competition.

During the past year, MG ALBA reported increases of:

  • • 13% in the percentage of the population of Scotland watching BBC ALBA each week
  • • 65% in the number of Gaelic programmes being watched on the iPlayer
  • • 97% in the users of www.learngaelic.net
  • • 23% in the number of entries into the FilmG competition
  • • 135% in the number of people using MG ALBA social media

The MG ALBA annual report can be read here and a message from Maggie Cunningham can be viewed here.

An average of 7 out of 10 Gaelic speakers watched the channel every week as part of the three quarters of a million weekly viewers in Scotland. The availability of BBC ALBA on all TV platforms and on the iPlayer, and the strong appeal of programming to a wide range of audience groups, also ensured the highest ever levels of awareness and approval for the channel.

One of the most noteworthy in the past year has been the success of the iPlayer as a distribution platform for Gaelic programmes, particularly for younger viewers who account for half of online viewing – most of it on mobile devices.

Additional funding from the Scottish Government and the Department of Media, Culture and Sport is enabling MG ALBA to enter long-term supply arrangements with the creative industries in Scotland.

Ms Cunningham said: “This promises to add value and increase cultural wealth within communities, as well as to create improved economic health in the sector. We expect outcomes to include higher quality content, heightened demand and diversified markets and audiences.”

Progress is being made on delivering the strategic objectives of MG ALBA - to grow BBC ALBA satisfaction among the core audience while maintaining national reach; to foster a culture of media entrepreneurship and creative leadership; and to secure a long-term settlement for the channel that will enable it to increase average daily originations from 1.7 hours to 3 hours.

Ms Cunningham said: “With additional funding, we are taking steps to put in place an adequate funding base for the channel. However the main challenge is for MG ALBA and the BBC to secure an adequate long-term settlement for the channel.

“We are committed to driving forward Gaelic media strategies in partnership with the BBC and with the Gaelic language agency, Bòrd na Gàidhlig and we will be working harder in the coming year to find new ways to engage, delight and surprise our audiences, and inspire more people in Scotland to get involved with Gaelic media.”

26 Ògmhios 2014

MG ALBA A’ STRÌ GUS TOGAIL AIR SOIRBHEACHAS SEIRBHEISEAN MEADHANAN GÀIDHLIG

Chomharraich MG ALBA bliadhna cho soirbheachail ’s a bha aca chun seo, le leasachaidhean cudromach ann am prìomh mìrean na buidhne, thuirt iad an-diugh.

Ann a bhith a’ foillseachadh na h-Aithisg Bhliadhnail an-diugh, thuirt Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagan, gu bheil am buidheann air dèiligeadh gu math ri àrainneachd nam meadhanan a tha a’ sìor atharrachadh agus gu bheil e air a bhith a’ strì fad na h-ùine gus buannachd agus buaidh nam meadhanan Gàidhlig a chur am meud.

Tha MG ALBA a’ ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, a thuilleadh air LearnGaelic, làrach-lìn airson luchd-ionnsachaidh agus FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid.

Sa bhliadhna a dh’fhalbh, chomharraich MG ALBA fàs de:

  • • 13% san àireamh às a’ cheud de dh’àireamh-sluaigh na h-Alba a bhios ag amharc BBC ALBA gach seachdain
  • • 65% de phrògraman Gàidhlig air am faicinn air iPlayer
  • • 97% ann an cleachdadh www.learngaelic.net
  • • 23% ann an àireamh fhilmichean airson FilmG
  • • 135% ann an cleachdadh nam meadhanan sòisealta aig MG ALBA

Faodar Aithisg Bhliadhnail MG ALBA a leughadh an seo agus teachdaireachd bho Mhagaidh Choineagan fhaicinn an seo.

Tha cuibheasachd de 7 a-mach à 10 luchd-bruidhinn na Gàidhlig a’ coimhead phrògraman gach seachdain, mar phàirt den trì chairteal mhillean luchd-amhairc seachdaineach an Alba. Ri linn ’s gu bheil BBC ALBA ri fhaighinn air gach ùrlar Tbh agus air an iPlayer, agus an tarraing mhòr anns na prògraman do mheasgachadh mòr de luchd-amhairc, tha barrachd dhaoine air feadh na dùthcha nas mothachail air an t-seanail agus nas riaraichte leis.

’S e fear de na leasachaidhean as cudromaich a thachair sa bhliadhna mu dheireadh soirbheachas an iPlayer mar ùrlar-sgaoilidh do phrògraman Gàidhlig, gu h-àraidh am measg luchd-amhairc òga a tha a’ cunntais airson leth nan seallaidhean air-loidhne – a’ chuid as motha den seo air innealan leithid taibleatan.

Tha maoineachadh a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba agus Roinn a’ Chultair, Mheadhanan agus Spòrs (DCMS) a’ toirt cothrom do MG ALBA a dhol an sàs ann an solaraichean fhad-ùine le na gnìomhachasan cruthachail ann an Alba.

Thuirt a’ Bh-uas Choineagan: “Bheir seo cothrom cur ri luach agus a bhith a’ meudachadh beairteas cultarail ann an coimhearsnachdan, cho math ri bhith a’ cur ri suidheachadh eaconamach na roinne. Tha dòchas againn gum bi dìleab an seo de phrògraman de dh’àrd chàileachd, tuilleadh iarrtas air an son is farsaingeachd air margaidhean is luchd-amhairc.”

Tha adhartas ga dhèanamh a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh amasan ro-innleachdail MG ALBA - prìomh luchd-amhairc BBC ALBA a shàsachadh ’s aig an aon àm a bhith a’ tàladh luchd-amhairc nas fharsainge gu nàiseanta; brosnachadh a thoirt air cultar gnìomhachais a thaobh nam meadhanan agus a thaobh ceannardas cruthachail; agus dòigh-maoineachaidh fhad-ùine a stèidheachadh airson na seanail gus àireamh de nuadh-phrògraman làitheil àrdachadh bho 1.7 uairean gu 3 uairean a thìde.

Thuirt a’ Bh-uas Choineagan: “Le maoineachadh a bharrachd tha sinn a’ gabhail cheumannan gus bun-maoineachaidh a chuir air chois airson na seanail. Ach ’s e am prìomh dhùbhlan a tha mu choinneamh MG ALBA agus am BBC maoineachadh iomchaidh fhad-ùine a chur air chois airson BBC ALBA.

“Tha dealas againn ro-innleachdan meadhanan Gàidhlig a thoirt air adhart ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC agus le Bòrd na Gàidhlig agus bidh sinn ag obair cho cruaidh is a ghabhas anns a’ bhliadhna a tha romhainn gus ar luchd-cleachdaidh a shàsachadh, le prògraman a bhitheas tlachdmhor, annasach agus aoibhneil agus gus an tuilleadh dhaoine a bhrosnachadh gu bhith an sàs anns na meadhanan Gàidhlig ann an Alba”.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman