GàidhligEnglish

News Naidheachdan

9 October 2013

BBC ALBA SCREENS COVERAGE OF THE 2013 ROYAL NATIONAL MÒD FROM PAISLEY

BBC ALBA will broadcast daily programmes from this year’s Royal National Mòd as it is held in Paisley for the first time in its 121 year history.

The Mòd, organised by An Comunn Gàidhealach, is the Gaelic community’s most prestigious festival celebrating cultural heritage, Gaelic language, music and arts.

Mod Choir running

Produced by BBC Gàidhlig and presented by highly acclaimed singer and musician Mary Ann Kennedy, BBC ALBA will be broadcasting five programmes showcasing the best of the festival from Monday 14th to Friday 18th October.

The run of shows includes live coverage of the one of the most prestigious moments of the festival – Thursday’s Traditional Gold Medal Final for singing.

Radio nan Gàidheal will also be at the Mòd to provide live broadcasts of many of the week’s events – including the ever-popular Mire ri Mòir cèilidh on Friday at 10am – and live coverage of the Rural Choirs on Thursday from 1.30pm. The choirs will be competing for the Lorn Shield and the Sheriff MacMaster Campbell Memorial Quaich and BBC ALBA will also feature the choir winners on the same evening.

The latest news, interviews and regular updates throughout the week will also be provided for viewers and listeners with news teams from An Là on BBC ALBA and Aithris na Maidne and Aithris an Fheasgair on BBC Radio nan Gaidheal reporting from across the festival.

The BBC ALBA programmes include:

  • • Monday 14th, 10.00pm – 11.30pm: Mary Ann Kennedy presents highlights from the first day of the Children's Mod in Paisley, primarily for Gaelic learners. Amongst the performers will be the winners of the main singing competition for learners, the James C MacPhee Memorial Medal.
  • • Tuesday 15th, 10.00pm – 11.30pm: Songs, poetry and fun from the second day of the Children's Mod when native speakers are to the fore. Amongst the successful performers will be the winners of the main prize of the day, An Comunn Gàidhealach Silver Medal.
  • • Wednesday 16th, 10.00pm – 11.00pm: Mary Ann Kennedy and special guests recount favourite Mod moments along with song performances from some of today's competition winners.
  • • Thursday 17th, 7.30pm – 10.00pm: Live coverage of the traditional gold medal competition for singing from the Royal National Mod. Live coverage will also be simulcast on Radio nan Gàidheal.
  • • Friday 18th, 10.00pm – 11.30pm: Coverage of the main choral winners of the day will feature from the final concert of the week.

Mòd 2013 programming will also cater for younger viewers and fans of Aileag and Dè a-nis? will be pleased to hear that their favourite programmes will be recording in Paisley where Megan MacLellan will join Derek MacIntosh as a new member of the Dè a-nis? team.

For regular updates as well as video and audio highlights from the Royal National Mòd 2013, visit the BBC ALBA website at www.bbc.co.uk/alba.

9 Dàmhair 2013

BBC ALBA A' CRAOLADH A' MHÒID NÀISEANTA RÌOGHAIL À PÀISLIG

Bidh BBC ALBA a' craoladh phrògraman gach latha bhon Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna. Ged a tha am Mòd a-nis ann fad 121 bliadhna, seo a’ chiad uair ann am Pàislig.

'S e am Mòd, a chuireas An Comunn Gàidhealach air bhonn, an fhèill as cliùitiche do dhùthchas, cànan, ceòl is ealain ann an saoghal na Gàidhlig.

Mod Choir running

Bidh BBC Gàidhlig a' riochdachadh còig prògraman, anns am bi seinneadair is neach-ciùil ainmeil Màiri Anna NicUalraig a' cur fàilte oirbh, a bhios ri fhaicinn air BBC ALBA. Bidh na prògraman sin a' toirt thugaibh taghadh dhen chuid as fheàrr on fhèis o Dhiluain 14mh gu Dihaoine 18mh Dàmhair.

Bidh aon de na tachartasan as prìseile den fhèill am measg na bhios ri fhaicinn – beò Diardaoin, Farpais crìochnachaidh an t-seann nòis.

Bidh Radio nan Gàidheal aig a' Mhòd cuideachd, a' toirt thugaibh mòran de thachartasan na seachdain beò. Nam measg, bidh farpais nan còisirean dùthchail Diardaoin bho 1.30 feasgar air adhart. 'S ann am farpais do Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul a bhios na còisirean, agus bidh BBC ALBA a' sealltainn mar a chaidh don fheadhainn leis an deach an latha air an dearbh oidhche. Air madainn Dihaoine bidh Mòrag Dhòmhnallach air Radio nan Gàidheal le aon de phrìomh thachartasan craolaidh a’ Mhòid, Cèilidh Mire ri Mòr a’ tòiseachadh aig 10m.

Fad na seachdain bidh naidheachdan, agallamhan agus an seanchas as ùire ann do luchd-èisteachd is luchd-coimhead, le sgiobaidhean-naidheachd bho An Là aig BBC ALBA agus bho Aithris na Maidne agus Aithris an Fheasgair air BBC Radio nan Gàidheal ag aithris fhad 's a bhios an fhèill an gnìomh.

Am measg nam prògraman air BBC ALBA bidh:

  • • Diluain 14mh, 10.00f – 11.30f: Bidh Màiri Anna NicUalraig a' toirt thugaibh taghadh bhon chiad latha de Mòd na Cloinne ann am Pàislig, a' mhòr chuid dhiubh nan luchd-ionnsachaidh. Am measg eile, bidh an fheadhainn a bhuinnig a' phrìomh fharpais-seinn do luchd-ionnsachaidh, Bonn Cuimhneachan Sheumais C Mhic a' Phì.
  • • Dimàirt, 15mh, 10.00f – 11.30f: Òrain, bàrdachd agus spòrs bhon dara latha de Mhòd na Cloinne, nuair a bhios clann fhileanta a' gabhail pàirt. Am measg na bhios a' nochdadh, bidh na farpaisich a choisinn prìomh dhuais an latha, Bonn Airgead a' Chomuinn Ghàidhealaich.
  • • Diciadain 16mh, 10.00f – 11.00f: Bidh Màiri Anna NicUalraig agus a h-aoighean a' bruidhinn air amannan àraidh aig a' Mhòd, agus bidh seinn bho chuid de dh'fharpaisich soirbheachail an latha ann cuideachd.
  • • Diardaoin 17mh, 7.30f – 10.00f: Craoladh beò de dh'fharpais nam bonn òir do sheinn a rèir an t-seann nòis aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Aig an aon àm, bidh BBC Radio nan Gàidheal ga chraoladh cuideachd.
  • • Dihaoine 18mh, 10.00f – 11.30f: Bidh a’ chèilidh mu dheireadh dhen t-seachdain ann, agus na còisirean a bhuinnig an-diugh ann, am measg eile.

Bidh prògraman de Mhòd 2013 ann don òigridh cuideachd: 's iongantach mura cur luchd-leantail Aileag is Dè a-nis? fàilte air na prògraman as fheàrr leotha ann am Pàislig, far am bi Megan Nic Gill-Fhaolain a' cur ris an sgioba aig Dè a-nis? Còmhla ri Derek Mac an Tòisich.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman