GàidhligEnglish

News Naidheachdan

28 June 2013

MG ALBA WELCOMES ADDITIONAL £1 MILLION INVESTMENT FOR GAELIC BROADCASTING

MG ALBA has welcomed confirmation of an extra £1 million to be made available for BBC ALBA’s budget from 2015-16.

The funding increase, announced as part of the UK Government’s Spending Round this week, will be provided to MG ALBA to spend on the channel which it operates in a unique partnership with the BBC. This additional expenditure will take the channel’s budget to approximately £15 million per annum.

Maggie Cunningham , chairperson of MG ALBA

Maggie Cunningham, chairperson of MG ALBA, said: “The news of extra funding for BBC ALBA comes as a welcome boost for the channel as it approaches its fifth anniversary.

“BBC ALBA has been a great success since 2008 and following its move onto Freeview two years ago, it has cemented its place as a vital part of Scottish broadcasting.

“The challenge now is to keep developing new and innovative forms of programme-making and ensure that BBC ALBA viewers, who have been so loyal to the channel, have continually interesting content to keep them engaged.

“BBC ALBA has received magnificent support from across the political spectrum since its inception and we thank the Chief Secretary to the Treasury for this additional commitment as well as the continuing support of the Scottish and UK Governments in helping us make the channel the success it has become.”

28 Ògmhios 2013

MG ALBA A’ CUR FÀILTE AIR AN TUILLEADH AIRGID AIRSON CRAOLADH GÀIDHLIG

Tha MG ALBA air fàilte a chuir air an naidheachd gun tèid £1 millean a bharrachd a chuir ri buidseat BBC ALBA bho 2015-16.

Thèid an àrdachadh seo ann am maoineachadh, a chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo san Ath-sgrùdadh air Cosg aig Riaghaltas Bhreatainn, a chuir tro MG ALBA gu ruige BBC ALBA, a tha iad a’ ruith ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Bheir seo buidseat na seanail gu timcheall air £15 millean gach bliadhna.

Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd seo agus an tuilleadh maoineachaidh airson BBC ALBA, agus sinn a’ tighinn faisg air còig bliadhna bho chaidh sinn air an èadhar.

Tha BBC ALBA air a bhith soirbheachail bho thòisich e a’ craoladh ann an 2008. Bho chaidh e air Freeview o chionn dà bhliadhna, tha e a-nis air àite a ghleidheadh dha fhèin ann an craoladh ann an Alba.

’S e an dùbhlan a tha romhainn a-nis prògraman ùra, ùr-ghnàthach a lìbhrigeadh do ar luchd-amhairc dìleas gus an cumail còmhla rinn.

Tha BBC ALBA air taic air leth fhaighinn air feadh an speactram politigeach air fad agus tha sinn taingeil do Phrìomh-Rùnaire Roinn an Ionmhais airson na tha e air tairgse dhuinn, a bharrachd air an taic leantainneach a tha sinn a’ faighinn bhon dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn gus an t-seanail a dhèanamh cho soirbheachail ’s a tha i.”


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman