GàidhligEnglish

News Naidheachdan

19 August 2013

FILMG 2014 LAUNCHED AS YOUNGSTERS ENCOURAGED TO ‘GO IT ALONE’ AND MAKE THEIR OWN FILMS

Run

FilmG, MG ALBA’s highly successful national Gaelic short film competition, has officially launched its sixth annual competition at an event for teenagers on the Isle of Skye.

Columba 1400 in Staffin hosted the event on Friday (August 16) where this year’s competition theme was also revealed by Dòl Eòin MacKinnon of band Macanta (from Harris and living in Glasgow) who scooped three top awards in FilmG 2013 for his music video.

Dòl Eòin còmhla ri deugairean

The theme ‘Rùn’ – Love, Secret or Intent – has been chosen to inspire new ideas for film-makers, community groups and young people wishing to take part in the 2014 contest.

Since its launch in 2008, FilmG has encouraged both young people and adults to pick up their cameras and explore their creative talents in conjunction with the use of the Gaelic language. FilmG entrants are asked to make a three to five minute short film in the language but both non-Gaelic speakers and learners are particularly encouraged to get involved, with language help available through the FilmG support programme, TàlantG.

This year young people are being encouraged to ‘go it alone’ and make their own films out-with the FilmG schools programme. Among the teenagers in attendance was Molly Robertson from Broadford on the Isle of Skye who entered her own film into last year’s competition and won £1,000 towards new equipment when she picked up the prize for Best Production in the 12-17 category.

Molly said: “Everything about FilmG was so exciting last year, especially being able to attend the awards ceremony. It’s great to have a project like FilmG to work towards!”

Floraidh Forrest, FilmG project manager, said: “We really want to encourage more youngsters like Molly to make films on their own or in groups with their friends. Recording and editing equipment is easy to come by and young people are very computer and technically literate these days, all they really need is a good idea to make a film, the rest is easy!”

Annette Kerr, project supervisor for MG ALBA, said: “FilmG has been a resounding success since its launch in 2008 and we are certain that the sixth annual competition will once again unearth new talent that can produce exciting short-films in Gaelic.

“Year-on-year, the quality of entries to FilmG has impressed our judging panel and the expectations we had about the creation of new Gaelic media content when we launched the competition have been well and truly surpassed.

“We would encourage everyone who has an interest in filmmaking - whether they are Gaelic speakers or not – to get involved and use the resources that are available through TàlantG to help get a film inspiration from the idea stage onto the big screen.”

As well as encouraging more young people to make films, the FilmG team would also like to see more community groups picking up a camera and making films documenting activities, events or people in their own locality.

To provide support for individuals and groups FilmG offer a range of resources which are available online and a variety of training workshops. Full details will be available on the FilmG website shortly, but anyone interested in making a film should contact the FilmG team directly via email fios@filmg.co.uk or alternatively visit FilmG Alba on Facebook.

19 Lùnastal 2013

FILMG NA BLIADHNA SA GA CHUR AIR BHOG AGUS ÒIGRIDH AIR AM BROSNACHADH GUS NA FILMICHEAN ACA FHÈIN A CHRUTHACHADH

Run

Tha FilmG, co-fharpais bhliadhnail filmichean goirid nàiseanta aig MG ALBA air fhoillseachadh gu h-oifigeil an-diugh aig cuirm dheugairean san Eilean Sgitheanach. Seo an t-siathamh co-fharpais bhliadhnail filmichean goirid nàiseanta aig MG ALBA.

Chaidh cuspair na bliadhna sa fhoillseachadh aig cuirm aig Columba 1400 ann an Stafainn le Dòl Eòin MacFhionghain (às na Hearadh ach a tha nis a’ fuireach ann an Glaschu). Tha esan na bhall den chòmhlan Macanta a bhuannaich trì duaisean cliùiteach an-uiridh airson am bhideo ciùil aige.

Dòl Eòin còmhla ri deugairean

’S e cuspair na bliadhna sa – ‘Rùn’ (rùn dìomhair, rùn gaoil) - ’s òigridh agus buidhnean coimhearsnachd gam brosnachadh gus beachdan ùr inntinneach a’ sgaoileadh le bhith cruthachadh na filmichean aca fhèin.

Tha FilmG airson òigridh agus inbhich a bhrosnachadh gus na tàlantan cruthachail aca a thoirt am bàrr tro mheadhan na Gàidhlig. Thathas ag iarraidh air daoine filmichean goirid eadar trì is còig a mhionaidean a chruthachadh sa Ghàidhlig. Cha leig luchd-ionnsachaidh agus daoine aig nach eil a chànan idir a bhith air am bacadh ’s cuideachadh gu leòr ri làimh le prògram cuideachaidh FilmG, TàlantG.

Chan fheum òigridh a bhith an eisimeil clas sgoile airson feuchainn air an fharpais – gu dearbh ’s ann a tha FilmG airson seo a bhrosnachadh. Am measg na bha làthair bha Molly Robasdan às an Ath Leathann a bhuannaich duais na bliadhna an-uiridh airson Riochdachadh, luach £1000 airson uidheamachd ùr.

Thuirt Molly “Bha a h-uile dad mun uiridh fìor mhath, gu sònraichte a bhith an comas a dhol gu Cuirm nan Duaisean. Tha e inntinneach dha rìreabh a bhith ag obair air pròiseact leithid FilmG.”

Thuirt Manaidsear Phròiseact FilmG, Flòraidh Forrest “ tha sinn gu sònraichte airson òigridh leithid Mholly a bhrosnachadh gus filmichean a dhèanamh leotha fhèin no còmhla rin caraidean. Tha uidheamachd clàraidh is gearradh ri làimh do dh’ òigridh còmhla ri sgilean coimpiutaireachd is teicneòlas. Chan eil dad a dhìth ach beachd mhath.”

Thuirt Annette Kerr bho Neach-aire a Phròiseact son MG ALBA “Tha FilmG air a bhith uamhasach fhèin soirbheachail bho chaidh a stèidheachadh ann an 2008 agus tha sinn cinnteach gum bith farpais na bliadhna sa a cheart cho soirbheachail ann a bhith toirt tàlant ùr cruthachail am bàrr.

“Gach bliadhna tha an tuilleadh san tuilleadh tàlant a’ tighinn am bàrr tron fharpais a-rèir am pannal bhritheamhan.

“Bheireadh sinn a h-uile misneachd do dhuine sam aig a bheil ùidh ann am filmichean goirid – as bith dè an ìre aig a bheil iad – bualadh orra. Tha taic gu leòr ri fhaotainn tron sgioba TàlantG airson na beachdan agaibh a thoirt air adhart chun an ath cheum gu ìre craolaidh.”

A thilleadh air òigridh a bhrosnachadh tha sgioba FilmG cuideachd airson buidhnean coimhearsnachd a mhisneachadh gus filmichean a dhèanamh mu thachartasan no daoine sa sgìre aca fhèin.

Bidh làn fhiosrachadh ri fhaotainn air làrach lìon FilmG a dh’aithghearr ach ma tha ùidh sam bith aig duine cuireadh iad fios gu fios@filmg.co.uk no aig FilmG Alba air Facebook.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman