GàidhligEnglish

News Naidheachdan

5 July 2013

BBC ALBA PASSES FIVE-YEAR MILESTONE AND PLEDGES TO DEVELOP DRAMA AND CHILDREN’S PROGRAMMING

Annual report 2012/13

BBC ALBA will celebrate its fifth anniversary this year with ‘great pride’ and a deep commitment to develop its range of original programming with a focus on drama and children.

MG ALBA, which operates BBC ALBA in partnership with the BBC, published its annual report today.

A video message from Maggie Cunningham, chairperson of MG ALBA, on the annual report is available to view at www.mgalba.com/video

Maggie Cunningham, chairperson of MG ALBA, said: “BBC ALBA has been an undisputed success since it started broadcasting five years ago in September 2008. The channel can take great pride in its achievements and we must ensure that this progress continues. “We are committed to developing children’s programming and multi-media resources and these areas stand side by side with drama as priorities for the channel.

“We have been inspired by and admire the global success achieved by Danish dramas Borgen and The Killing, and, looking ahead, we will continue to share experiences with our fellow minority language broadcasters such as S4C and TG4 to inspire our commissioning and funding strategies. While indigenous language crime programmes have been a success we will be looking at all options for developing drama for the channel.”

Funding for programmes remains a challenge but MG ALBA had been boosted by the injection of an extra £1 million of funding from 2015/16, as announced by Chief Secretary to the Treasury, Danny Alexander, in last week’s UK Government Spending Round.

Ms Cunningham also thanked the Scottish Government for their ongoing support and signalled that “MG ALBA will continue to engage with the BBC and the BBC Trust to leverage support for the channel and provide an even more valuable service for viewers”.

Ms Cunningham maintained that MG ALBA would not “sit on its hands” following this announcement and would strive to further develop creative funding initiatives which have already started, such as programme makers playing their part in raising finance. “We have to make our own good fortune. We need to continue to imaginatively use our existing resources,” she said.

Ms Cunningham said BBC ALBA had matured as a channel and its coverage of the Independence referendum will demonstrate its value as a Scottish broadcaster.

Donald Campbell, MG ALBA Chief Executive, said plans are in place to develop drama for BBC ALBA and also to build on the music and arts programming on the channel which has proved to be particularly popular with both Gaelic and non-Gaelic speaking audiences. “We would like to see it grow into a go-to channel for these genres”, he said.

Mr Campbell added: “2012-13 was the best ever year for audiences for BBC ALBA. Weekly reach Scotland-wide grew from 10.6% (436,000) to 15.6% (637,000). Interest in Gaelic-speaking communities also grew and the average reach of 79% in Quarter 4 was the highest recorded reach since the launch of the channel in 2008.

“This was also a record year for iPlayer viewing of BBC ALBA content with 4.1 million views of our programming, almost double the amount of viewing we received in 2011-12. This year also saw a significant shift from traditional PCs to mobile devices as a popular way to access iPlayer content, especially for younger audiences.”

5 Iuchar 2013

MG ALBA A’ COMHARRACHADH CÒIG BLIADHNA LE GEALLTANAS DRÀMA AGUS PRÒGRAMAN CHLOINNE A LEASACHADH

Annual report 2012/13

Bidh BBC ALBA a’ comharrachadh còig bliadhna air an èadhar am-bliadhna le moit agus gealltanas nuadh-phrògraman a leasachadh, le fòcas air dràma agus programme chloinne.

Dh’fhoillsich MG ALBA, a tha a’ ruith BBC ALBA ann an com-pàirteachais leis a’ BhBC , an Aithisg Bhliadhnail aca an-diugh.

Chithear teachdaireachd bhidio bho Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA, mun aithisg bhliadhnail air www.mgalba.com/video

Thuirt Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA: “Chan eil teagamh ann nach eil BBC ALBA air a bhith soirbheachail bho chaidh e air an èadhar o chionn còig bliadhna san t-Sultain 2008. Tha sinn moiteil de na rudan a chaidh an coileanadh agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun lean an adhartas seo.

“Tha prògraman chloinne agus goireasan lèir-chlaisneach, a thuilleadh air leasachadh dràma, nan prìomhachasan don t-seanail.

“Tha sinn air a bhith air ar brosnachadh agus tha meas mòr againn ann an soirbheas nam prògraman dràma às an Danmhairg, Borgen agus The Killing, agus a’ coimhead air adhart, leanaidh sinn le bhith a’ co-roinn ar n-eòlas le craoladairean mion-chànain eile leithid S4C agus TG4 gus cur ri ar ro-innleachdan coimiseanaidh agus maoineachaidh, a thuilleadh air a bhith a’ coimhead ri dràma a leasachadh airson na seanail.

Tha maoineachadh airson prògraman fhathast mar dhùbhlan, ach tha MG ALBA air togail fhaighinn leis an naidheachd gun tèid £1 millean a bharrachd a chuir ri buidseat BBC ALBA bho 2015-16, rud a chaidh ainmeachadh le Prìomh Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, an t-seachdain seo san Ath-sgrùdadh air Cosg aig Riaghaltas Bhreatainn.

Thug a Bh-uas Choineagan taing cuideachd do Riaghaltas na h-Alba airson an taic leantainneach agus thuirt i “gun lean MG ALBA le bhith a’ togail càirdeas leis a’ BhBC agus Urras a’ BhBC gus taic a chumail ris an t-seanail airson seirbheis buileach nas fheàrr a thoirt dhan luchd-amhairc”.

Dhaingnich a Bh-ual Choineagan gun dèanadh MG ALBA strì gus fuasglaidhean cruthachail a lorg a thaobh maoineachadh agus phrògraman, leithid luchd-dèanaidh nam prògraman a’ dèanamh oidhirp airgead a bharrachd a thogail. “Feumaidh sinn ar fortan fhèin a dhèanamh agus na goireasan a th’ againn an-dràsta an cuir chun feum as fheàrr.”

Thuirt i cuideachd: “Tha BBC ALBA air fàs mar sheanail agus bidh na bhios ri fhaicinn air An Referendum Neo-eisimeileachd air an t-seanail a’ sealltainn a luach mar craoladair Albannach.

Mhìnich Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA, gu bheil planaichean os làimh gus dràma a leasachadh air BBC ALBA, fhads aig an aon àm togail air prògraman ciùil agus prògraman ealain, a tha a’ còrdadh gu mòr an dà chuid ri luchd-bruidhinn agus iadsan nach eil a’ bruidhinn Gàidhlig. “Bu mhath leinn gum biodh BBC ALBA mar cheann-uidhe airson an luchd-amhairc a tha airson na gnèithean seo a choimhead”, thuirt e.

Thuirt e cuideachd: “B’ e 2012-13 a’ bhliadhna a b’ fheàrr fhathast airson BBC ALBA, le na h-àireamhan a b’ àirde a-riamh de luchd-amhairc. Dh’fhàs ruigse seachdaineach am measg sluagh na h-Alba bho 10.6% (436,000) gu 15.6% (637,000). Bha ùidh nan coimhearsnachdan far an robh Gàidhlig ga bruidhinn cuideachd a’ fàs agus b’ e an ruigsinneachd cuibheasach de 79% ann an Cairteal 4 an àireamh a b’ aìrde bho thòisich an t-seanail a’ craoladh ann an 2008.

Bha bliadhna cho math ’s a bh’ ann a-riamh cuideachd ann airson iarrtasan phrògraman air an iPlayer, le 4.1 millean seallaidhean de phrògraman BBC ALBA, cha mhòr a’ dùblachadh bho àireamhan 2011-12. Dh’atharraich an dòigh san robh daoine a’ coimhead nam prògraman cuideachd air a’ bhliadhna, le barrachd dhaoine gu h-àraidh am measg na h-òigridh a’ cleachdadh iPads agus an leithid seach an coimpiutair, gus prògraman BBC ALBA fhaicinn air an iPlayer.

MG ALBA's Annual Report and Accounts 2012/13 Aithisg Bhliadhnail agus Cunntasan MG ALBA 2012/13

Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman