GàidhligEnglish

News Naidheachdan

25 July 2012

BBC ALBA SECURE THREE YEAR DEAL FOR EXCLUSIVE SFL CHALLENGE CUP COVERAGE

BBC ALBA and the Scottish Football League (SFL) have agreed a new three year broadcast partnership which will see the channel continue to provide exclusive coverage of the Ramsdens Challenge Cup.

The new agreement maintains the fruitful partnership that has existed between BBC ALBA and the SFL since 2008.

The channel’s coverage of the 2012/2013 Challenge Cup competition will begin this Sunday, July 29, when Rangers make the trip to Glebe Park to take on Brechin City. The programme will begin at 3pm with the match starting at 3.05pm.

David Longmuir, SFL Chief Executive said “We are delighted to have reached this agreement with BBC ALBA who have supported the Scottish Football League since the channel launched in 2008. The coverage which the channel provides has helped to bring Scottish football at community level to wider audiences not only in Scotland but throughout the UK. We look forward to continuing our relationship with BBC ALBA for the next three years.”

Alan Esslemont, BBC ALBA’s Head of Content, said: “We are delighted with the new deal to provide exclusive Challenge Cup coverage for the next three years. The agreement gives both BBC ALBA and the SFL the chance to showcase the best action from teams across Scotland to as wide an audience as possible and hopefully this will assist the game in its efforts to grow its fan base even further in the coming years.

“BBC ALBA provides a broad range of Scottish and international programming to viewers and our commitment to Scottish sport is an important part of our schedules.

“Our coverage of SFL football over the last four years has already been extremely popular with viewers so we are pleased with the opportunity to continue that partnership.”

BBC ALBA provides a premier sports package in association with mneTV covering Scottish Premier League and Scottish Football League competition fixtures, PRO12 rugby and shinty.

25 Iuchar 2012


BBC ALBA AIR CÙMHNANT CRAOLAIDH TRÌ BLIADHNA AONTACHADH AIRSON CUPA DÙBHLAIN SFL

Tha BBC ALBA agus Lìog Ball-coise na h-Alba (SFL) air cùmhnant ùr trì bliadhna aontachadh far am bi BBC ALBA a’ craoladh gheamannan bho Chupa Dùbhlain Ramsdens.

Thòisich BBC ALBA a’ craoladh ball-coise SFL ann an 2008 agus tha an aonta ùr trì bliadhna a leantainn air na chaidh a dhèanamh roimhe.

Tòisichidh farpais 2012/2013 le sgioba ùr Rangers a’ tadhal air Brechin agus chithear an geama sin beò air Didòmhnaich 29 Iuchar bho 3f.

Thuirt Daibhidh Longmuir, Àrd-Oifigeir an SFL: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil sinn air an aonta ùr seo a ruighinn le BBC ALBA. Tha iad air a bhith gu math taiceil do bhall-coise an SFL fad ceithir bliadhna agus tha iad air an geama aig ìre coimhearsnachd a leudachadh a-mach gu luchd-amhairc air feadh Alba agus an Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair còmhla riutha thairis air an ath thrì bliadhna”

Chuir Alan Esslemont, Ceannard Phrògraman BBC ALBA fàilte air an aonta ùr. Thuirt e “Tha sinn air leth toilichte leis a’ chùmhnant ùr trì bliadhna seo airson Cupa Dùbhlain an SFL. Tha an t-aonta seo a’ toirt cothrom do BBC ALBA agus an SFL còmhla, sgiobaidhean bho air feadh Alba a thoirt gu aire sluaigh farsaing agus cothroman cuideachd fàs a dhèanamh le luchd-leantainn ball-coise thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha clàr-phrògraman farsaing aig BBC ALBA do luchd-amhairc agus tha spòrs cudromach mar phàirt den chlàr sin. Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth ris an SFL bho thòisich BBC ALBA agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn oirnn leis a’ cho-bhanntachd.”


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman