GàidhligEnglish

News Naidheachdan

10 December 2012

A FESTIVE FEAST OF PROGRAMMES ON BBC ALBA

BBC ALBA has unveiled its festive highlights for the Christmas and New Year period with family favourites and entertainment for all ages featuring compelling documentaries, live sport, traditional music and children’s programmes.

Among the Christmas Day highlights is The Band from Rockall, the story of Runrig’s Calum and Rory MacDonald as they record their first solo album outside of the band, and Rockettes, a programme following the engaging dancers of the cheerleading Scottish Pro-Dance group The Rockettes as they train, audition and perform their way through a season.

Throughout the festive season there are also appearances from a host of musical legends, with concerts including The Proclaimers at Hebcelt 2012, a look at Daniel O’Donnell’s 30 years in showbiz and a special documentary profile of the acclaimed actress and singer, Barbara Dickson, with interviews and song plus contributions from guest singers including Billy Connolly and Rab Noakes.

The very best sports action also plays a part in the festive line-up, with live action from the Scottish Premier League returning to free to air television as BBC ALBA screen exclusive coverage of the New Year Highland derby between Ross County and Inverness Caledonian Thistle.

The live football action will be complemented by ‘as live’ action from festive matches including Celtic v Ross County, Kilmarnock v Hearts and Hibernian v Celtic.

The oval ball will also be prominent on the channel, with the 1872 Cup rugby fixtures between Glasgow and Edinburgh in the PRO12, live on the weekends either side of Christmas.

Programmes marking the arrival of both Christmas Day and New Year will be particular highlights, with a Christmas Eve service broadcast at 11pm from St Mary & St Finnan Church, Glenfinnan in Lochaber. Youngsters from Lochaber Music School, Fèis Loch Abar and Mallaig High School Choir and the Kilmallie Singers will join the likes of Iain MacFarlane, Ingrid Henderson, Margaret Ford and Robert Robertson and local congregations for this ecumenical celebration.

Viewers will also be able to see the New Year 2013 in style with BBC ALBA’s live Hogmanay Cèilidh from Achnagairn House, Kirkhill, by Beauly. Presenters Derek ‘Pluto’ Murray and Kirsteen MacDonald will be joined by a host of musical talent including Mànran, Duncan Chisholm, Hamish Napier, Kathleen MacInnes, Rona Lightfoot and Dingwall Gaelic Choir.

Margaret Mary Murray, Head of Service for BBC ALBA, said: “We are looking forward to bringing viewers a fantastic mix of festive programming for all the family. Our Christmas and New Year schedule has proved to be hugely popular in recent years and we are sure that this year will be no exception.

“The line-up provides an eclectic mix of entertainment, music and documentaries coupled with some wonderful children’s programmes and fantastic live sport for armchair fans to enjoy.

“As always, our live Christmas Eve service and Hogmanay Cèilidh will be particularly special during this period and we hope the warmth and enjoyment of both these occasions will radiate to viewers at home and make them feel part of BBC ALBA’s festive offering this Christmas.”

10 Dùbhlachd 2012

CLÀR NOLLAIG AGUS BLIADHN’ ÙR BBC ALBA

Dh’fhoillsich BBC ALBA clàr ùr de phrògraman na Nollaig agus na Bliadhn’ Ùire le pailteas ri fhaicinn airson daoine de gach aois le prògraman aithris, spòrs beò, ceòl traidiseanta agus prògraman chloinne.

Am measg na bhios ri fhaicinn air Latha na Nollaig bidh The Band from Rockall, sgeulachd na bràithrean Calum is Ruairidh Dòmhnallach, sgrìobhaichean òrain Runrig, agus an sgeul mun chiad chlàr aca fhèin. Bidh cuideachd prògram ann a' dol air tòir saoghal gleansach, tarraingeach, spòrsail nan Rockettes.

Bidh ceòl gu leòr ann cuideachd le leithid The Proclaimers at HebCelt 2012, Daniel O'Donnell a’ comharrachadh 30 bliadhna sa ghnìomhachas agus prògram a’ toirt sùil air beatha an t-sàr sheinneadair agus an cleasaiche, Barbara Dickson.

Bidh spòrs gu leòr ann le geamannan beò bhon SPL le Ross County agus Inverness Caledonian le cuideachd geamannan ‘iar-beò leithid Celtic v Ross County, Kilmarnock v Hearts agus Hibernian v Celtic. Bidh spòrs de sheòrsa eile ri fhaicinn cuideachd le geamannan rugbaidh eadar Glaschu agus Dùn Èideann beò bho Chupa 1872 an deireadh sheachdain ro agus às dèidh Latha na Nollaig.

Bidh Seirbheis na h-oidhche ron Nollaig a’ tighinn à Eaglais Naomh Moire is Fhionnainn an Gleann Fhionnainn, Loch Abar. Am measg na bhios a’ gabhail pàirt bidh na seinneadairean Mairead Ford agus Raibeart MacDhonnchaidh, còmhla ri òigridh bho Sgoil Chiùil Loch Abair, Fèis Loch Abair agus Còisir Àrd-sgoil Mhalaig. Bidh Seinneadairean Chill Mhàillidh agus buill bho dhiofar eaglaisean san sgìre a' tighinn còmhla le coitheanal na h-eaglaise fhèin ann a bhith a’ seinn Laoidhean Nollaig.

Tha Cèilidh na Bliadhn’ Ùire a’ tighinn thugaibh beò à Taigh Achadh nan Càrn, Cnoc Mhoire, faisg air a’ Mhanachainn am bliadhna. Thèid am prògram a lìbhrigeadh le Kirsteen NicDhòmhnaill agus Derek ‘Pluto’ Moireach, a bhios a’ gealladh ceud mìle fàilte agus a’ tairgse cèol, craic agus cultair beò! Am measg nan seinneadairean agus luchd-ciùil bidh Mànran, Kathleen NicAonghais, Rona Lightfoot, Donnchadh Siosalach, Hamish Napier agus Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain. Thèid seo a-mach cuideachd beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis airson BBC ALBA: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil beartas de phrògraman againn airson ar luchd-amhairc aig an àm sònraichte seo den bhliadhna. Le cur-seachad, ceòl, prògraman aithris, prògraman chloinne agus spòrs gu leòr, tha rudeigin ann don h-uile duine. Bidh Seirbheis na h-oidhche ron Nollaig agus Cèilidh Oidhche Challainn gu h-àraidh tarraingeach agus tha sinn an dòchas gum bi an luchd-amhairc a tha a’ coimhead BBC ALBA a’ faireachdainn mar phàirt den a h-uile dad”.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman