GàidhligEnglish

News Naidheachdan

17 October 2012

"Crack the Code" with LearnGaelic at Mòd 2012

The partnership behind the LearnGaelic.net web resource has today (Wednesday 17 October) announced a number of developments of the site including a new promotional campaign targeting Gaelic Learners.

LearnGaelic screen grab

LearnGaelic with BBC An Là will provide two news clips chosen each week from BBC ALBA's An Là news programme. The video clips will be supported by translations and notes in English and text in Gaelic.

Look@LearnGaelic has been developed by Mòr Media and targets learners at Intermediate and Advanced levels. Each week, over the course of a year, two new videos will be available on LearnGaelic.net featuring a variety of styles, including monologues and interviews with experts and with Gaelic learners. Each video will have a choice of subtitles in English or Gaelic. The videos will be presented by Derek Mackay and Angela Smith.

BBC ALBA will also highlight "Crack the Code with LearnGaelic" in its schedules beginning on 10 November through a series of specially produced trails.

Alasdair Allan MSP Minister for Education, Learning and Skills (with responsibility for Gaelic & Scots) was in attendance at the Royal National Mod in Dunoon and said:

“We must not lose sight of online activity as a means of developing Gaelic skills. I am very pleased to see the continuing evolution of learngaelic.net and am very pleased to be able to invest an additional £20,000 into the site to produce additional online materials for learners of all ages. Learning Gaelic shouldn’t just be classroom-based and I hope to see learngaelic.net attract new learners to its pages in the coming months.”

Donald Campbell, Chief Executive of MG ALBA, said:

“The opportunity to learn Gaelic should be extended as widely as possible and it’s wonderful to see LearnGaelic.net develop new creative learning methods to inspire learners of the language. This welcome additional funding from the Government will help to ensure that Gaelic continues to enrich the lives of generations to come.”

The "Crack the Code with LearnGaelic" campaign, which is being managed by Clì Gàidhlig, will also be supported by Moray Firth Radio on its Scottish Charts show, which can also be heard on a number of local Radio stations throughout Scotland, and from Hands Up for Trad who will be directing voters in the MG ALBA Scots Trad Music Awards to the site.

LearnGaelic.net which launched a year ago, is the result of a collaboration between Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, the BBC, the Board of Celtic Studies Scotland and Sabhal Mòr Ostaig with financial support from the Scottish Government.

17 Dàmhair 2012

“Crack the Code” le LearnGaelic aig Mòd 2012

Tha a’ cho-bhanntachd a tha air cùlaibh an làrach LearnGaelic.net an-diugh (Diciadain 17 Dàmhair) air leasachaidhean ùra fhoillseachadh le iomairt margaideachd na lùib a bhios ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

LearnGaelic screen grab

Tro “LearnGaelic with BBC An Là” chì luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig dà phìos bhidio ùr gach seachdain bho phrògram nan naidheachdan, An Là. Thèid na pìosan fhaicinn le eadar-theangachadh agus fiosrachadh sa Bheurla agus teacsa sa Ghàidhlig.

Chaidh Look@LearnGaelic a dheasachadh le Mòr Media a bhios ag amas air luchd-ionnsachaidh aig ìre Eadar-mheadhanach agus Adhartach. Gach seachdain, thairis air bliadhna, gheibh luchd-ionnsachaidh dà bhidio ùr air an lìbhrigeadh le Derek MacAoidh agus Angela Nic a’ Ghobhainn. Bidh taghadh fo-thiotalan Gàidhlig no Beurla air gach bhidio.

Bidh BBC ALBA a’ toirt LearnGaelic.net gu aire an luchd-amhairc le sreath shanasachd sònraichte a’ tòiseachadh air 10 Samhain.

Bha Alasdair Ailean, BPA, Ministear Foghlam, Ionnsachadh agus Sgilean (le uallach airson Gàidhlig agus Albais) an làthair ann an Dùn Omhain. Thuirt e “Tha goireasan air-loidhne anabarrach feumail ann a bhith a’ toirt sgilean Gàidhlig air adhart. Tha mi air taingeil gu bheilear a’ sìor leasachadh learngaelic.net agus toilichte gu bheil e comasach dhomh £20,000 a chur ris an làrach gus tuilleadh stuth a chur fa chomhair luchd-ionnsachaidh. Chan ann a-mhàin ann an seòmraichean-sgoile a bu chòir a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tha mi an dòchas gun tig tuilleadh chun làraich seo sna mìosan a tha romhainn gus an sgilean sa chanan a thoirt air adhart.”

Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA “Bu chòir cothrom a bhith aig duine sam bith a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus tha e mìorbhaileach gu bheil LearnGaelic.net a’ cruthachadh dhòighean ùra gus a bhith a’ brosnachadh ionnsachadh na Gàidhlig. Tha sinn a’ fàilte air a’ mhaoin a bharrachd a tha seo a fhuaras bhon Riaghaltas. Cuidichidh seo gu mòr ri bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi an cànan a’ sìor chur ri beatha nan ginealaichean ri teachd.”

Tha an iomairt margaideachd “Crack the Code with LearnGaelic” air a stiùireadh le Clì Gàidhlig agus bidh taic a’ tighinn cuideachd bho Mhoray Firth Radio air am prògram “Scottish Charts” a tha ri chluinntinn cuideachd air diofar stèiseanan rèidio ionadail air feadh Alba agus bho Hands Up for Trad a bhios a’ stiùireadh luchd-bhòtaidh Duaisean Na Trads MG ALBA agus Scots Trad Music Awards chun na làraich.

Tha LearnGaelic.net, a chaidh fhoillseachadh an-uiridh, na phròiseact co-obrachaidh eadar Bòrd na Gàidhlig, MG ALBA, am BBC, Bòrd na Ceiltis (Alba) agus Sabhal Mòr Ostaig le taic airgid bho Riaghaltas na h-Alba.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman