GàidhligEnglish

News Naidheachdan

6 November 2012

BUDDING FILMMAKERS IN TUNE WITH FILMG 2013 AS NEW MUSIC VIDEO CATEGORY IS LAUNCHED

FilmG 2012/2013 is delighted to announce an important new collaboration with Fèisean nan Gàidheal and Watercolour Music in an exciting new addition to its competition categories.

This year’s competition invites young filmmakers to create music videos for 12 new songs, written and performed by young Gaelic-speakers.

Award-winning Highland recording studios Watercolour Music and Gaelic singer-songwriter Alasdair Whyte have made four of Alasdair’s own compositions available to the project – the songs feature on his debut album, 'Las', produced at Watercolour's studios in Ardgour, Lochaber. 'Las', released on the Watercolour label and produced by Nick Turner and Mary Ann Kennedy, has been hailed as a major contribution to contemporary Gaelic songwriting.

Fèisean nan Gàidheal and Watercolour have also given FilmG filmmakers exclusive access to An Taigh Òran/Songhouse, an innovative song-writing project between FnG and Stòras Watercolour, a not-for-profit company established by the label's directors to encourage emerging talent in Gaelic music.

The project, which produced eight new songs, gave up and coming Gaelic musicians the opportunity to work with established musicians and singers, including Alasdair Whyte, and to record their compositions.

Anyone interested in making a video for one of the new songs will be invited to attend a training workshop where they will also have the opportunity to meet Alasdair and the other young singer-songwriters - Caitlin MacNeil, Ceitidh Smith, Emma Leitch and Robbie MacLeod.

The winning video will be screened at the FilmG awards event in March 2013, where filming and editing equipment to the value £1000 will be awarded to the producer/director of the video.

FilmG was established by MG ALBA in 2008. MG ALBA Chief Executive Donald Campbell said: “This new collaboration promises an exciting fusion of emerging music and media talent, and we are very grateful for the opportunity offered by Fèisean nan Gàidheal and Watercolour. It is an exciting development for FilmG and we look forward immensely to enjoying the music videos early next year.”

Arthur Cormack of Fèisean nan Gàidheal said: “We were very happy to make best use of funding from HIE, Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig to collaborate with Stòras Watercolour in the creation of new Gaelic songs. We are delighted that the songs from An Taigh Òran may now be developed further into music videos through FilmG, giving them a life beyond the original project and much-needed exposure for an under-supported artform.”

Mary Ann Kennedy of Stòras Watercolour said, "Discovering and working with emerging creative talent such as Alasdair is always rewarding, and the encouragement we were able to give new writers in the Taigh Oran was very satisfying, especially as it forged strong links with a like-minded organisation in FnG. To be able to take this all one step further by offering this new opportunity to young filmmakers is very exciting indeed, and we can't wait to see the results."

6 Samhain 2012

FIOLMADAIREAN ÙRA A’ CUR GLEUS AIR FILMG - ROINN ÙR SAN FHARPAIS A’ SIREADH BHIDIOTHAN CIÙIL

Tha FilmG 2012/2013 air leth toilichte foillseachadh a dhèanamh air com-pàirteachas ùr, brìoghmhor eadar a’ phròiseact is Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour Music, a chuireas gu mòr ri roinn ùr, tharraingeach ann am farpais na bliadhna-sa.

Airson a’ chiad uair tha FilmG a’ sireadh bhidiothan ciùil airson òrain Ghàidhlig a tha air a bhith air an ùr-sgrìobhadh agus air an seinn le tàlant òg.

Tha an seinneadair-sgrìobhaiche òran Alasdair Whyte, còmhla ris an stiùidio chliùiteach Ghàidhealach Watercolour Music, air ceithir dhe na h-òrain aig Alasdair fhèin a thabhann dhan phròiseact airson an roinn-farpais seo. Tha na h-òrain sin air ‘Las’, a’ chiad chlàr aig Alasdair, a chaidh a riochdachadh le Nick Turner is Màiri Anna NicUalraig aig Watercolour ann an Àird Ghobhar, Loch Abar. Tha an clàr ùr, fo bhratach Watercolour, air moladh sònraichte a chosnadh mar-tha ’s an stuth air fhaicinn mar mòr-thabhartas do sgrìobhadh-òran Gàidhlig.

A bharrachd air an sin, tha Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour air cead a thoirt do FilmG agus fiolmadairean cothrom fhaighinn air An Taigh Òran, pròiseact sgrìobhadh-òran ùr-ghnàthaichte a stèidhich Fèisean nan Gàidheal le Stòras Watercolour, companaidh a chaidh a chur air chois, chan ann airson prothaid, le stiùirichean an stiùidio, airson tàlant ciùil Gàidhlig a bhrosnachadh.

Thàinig ochd òrain ùra a-mach às a’ phròiseact seo, a’ toirt cothrom do bhuidheann òg stiùireadh is comhairle fhaighinn bho sheinneadairean is luchd-ciùil a tha air cliù a chosnadh mar-tha sa ghnìomhachas, leithid Alasdair Whyte, agus na h-òrain ùra a chlàradh.

Thèid cuireadh a thoirt do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an bhidio-ciùil a dhèanamh do FilmG, pàirt a ghabhail ann am bùthan-obrach trèanaidh, agus coinneachadh ri Alasdair agus na seinneadairean-sgrìobhaichean eile - Caitlin NicNèill, Ceitidh Nic a’ Ghobhainn, Emma Leitch and Robbie MacLeòid.

Thèid a’ bhidio a choisinneas a’ phrìomh dhuais san roinn a shealltainn aig cuirm nan duaisean sa Mhàrt 2013, far an tèid uidheamachd fiolmaidh is gearraidh luach £1000 a bhuileachadh air stiùiriche/riochdaire a’ bhidio.

Chaidh FilmG a chur air bhonn le MG ALBA ann an 2008. Thuirt Dòmhnall Caimbeul Àrd-oifigear MG ALBA: “Tha am com-pàirteachas ùr seo a’ gealltainn pòsadh tarraingeach de cheòl ùr ‘s de thàlant mheadhanan, agus tha sinn air leth taingeil airson a’ chothrom a tha Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour air a thabhann dhuinn. ’S e leasachadh sònraichte a tha seo do FilmG agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri na bhidiothan-ciùil fhaicinn an ath bhliadhna.”

Thuirt Art MacCarmaig, Fèisean nan Gàidheal: “Bha sinn fìor thoilichte an fheum as fheàrr a dhèanamh den taic-airgid aig IGE, Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig airson òrain ùra Ghàidhlig a chruthachadh ann am com-pàirteachas le Stòras Watercolour. Tha sinn air leth toilichte gu bheil na h-òrain bhon Taigh Òran a’ faighinn leasachadh bhidiothan-ciùil tro FilmG, a’ toirt beatha a bharrachd dhan stuth às dèidh na pròiseact fhèin, agus a’ toirt foillseachadh air a bheil fìor fheum do chruth-ealain a tha airidh air barrachd meas na tha e a’ faighinn.”

A rèir Mhairi Ann NicUalraig bho Stòras Watercolour, "Tha a bhith a’ lorg ’s a bhith ag obair le tàlant ùr, cruthachail mar Alasdair daonnan fìor thaitneach, agus bha am brosnachadh a b’ urrainn dhuinn a thoirt do sgrìobhaichean ùra anns an Taigh Òran glè shàsachail cuideachd, gu h-àraidh on a bha sin a’ daingneachadh ceanglaichean làidir le buidheann mar FnG a tha air an aon ràmh bheachdan rinn fhìn. Tha e tarraingeach dha-rìribh a bhith a’ cuideachadh gus seo a thoirt ceum eile agus a’ tabhann cothrom do fhiolmadairean òga. Tha sinn air bhioran gus am faic sinn a’ bhuil."


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman