GàidhligEnglish

News Naidheachdan

22 November 2012

MORE UK-WIDE ACCESSIBILITY TO BBC ALBA

A little over four years since its launch, full viewer accessibility to BBC ALBA has taken another step forward following the decision of Virgin Media to make the channel available across the whole of the UK.

In doing so, Virgin Media joins Sky and Freesat in offering UK-wide transmission of the channel, with BBC ALBA content also available to UK-based viewers on BBC iPlayer.

This latest development will once again help to broaden BBC ALBA’s reach that has been so positively received since the landmark launch of the channel on Freeview in June 2011.

Since Freeview carriage in Scotland was achieved, BBC ALBA has continued to go from strength to strength, with viewing figures remaining consistently high since June 2011 – a testament to the production companies across Scotland who produce a steady stream of high quality Gaelic programming for the enjoyment of Gaelic-speaking and non Gaelic-speaking viewers.

Our recent autumn schedule launch was one of the strongest ever produced by the channel, with a mix of factual, entertainment, music and sports programmes as well as the successful news programme An Là appealing to the widest possible audience.

In particular, productions such as Lorgan Linda: Linda’s Story, a moving account of the changed world of John and Lorna Norgrove since the death of their daughter, Linda, in Afghanistan in October 2010, and Sàr Sgeoil, a series exploring the influence of the nation’s landscape on classic Scottish literature including Sunset Song, Kidnapped, The Silver Darlings and The Thirty Nine Steps, have highlighted the areas where BBC ALBA can provide unique, high-quality content that is not available anywhere else.

As Chair of MG ALBA, I was delighted to see our programming once again receiving award nominations from BAFTA Scotland, and the SPL and MG ALBA agreeing a new two-year arrangement to screen three live matches and 35 delayed transmissions per season. This will be the first live free-to-air SPL football seen by viewers in Scotland since 2004.

As you know BBC ALBA is a unique entity - the first BBC-licensed service to be managed within a partnership framework.

The task now is now for the partners, the BBC and MG ALBA, to continue to use the resources available to achieve the best possible output for our viewers in Scotland, the UK and beyond. We will also seek to explore all possible avenues to enable the channel to generate more original programming which we believe to be necessary.

22 Samhain 2012

CHOTHROM BBC ALBA FHAICINN AIR FEADH NA DÙTHCHA

Beagan is 4 bliadhna on chaidh BBC ALBA air an àidhear, tha an t-seanail air ceum eile a gabhail leis an naidheachd gu bheil Virgin Media air cead a thoirt seachad an t-seanail a chur air an t-seirbheis aca. Tha seo a-nis a’ ciallachadh gu bheil BBC ALBA ri fhaotainn air feadh na dùthcha.

Leis an t-seanail a-cheana air Sky agus Freesat, tha cothrom a-nis aig a h-uile neach-amhairc san RA, BBC ALBA fhaicinn, agus tha prògraman cuideachd rim faotainn air BBC iPlayer.

Tha an leasachadh ùr seo a’ cur ri ruigsinneachd BBC ALBA, a tha mu thràth air a bhith cho soirbheachail on chaidh an t-seanail air Freeview san Ògmhios 2011. Bhon àm a chaidh BBC ALBA air Freeview ann an Alba, tha an t-seanail air sìor fhàs, le àireamhan luchd-amhairc seasmhach aig àrd ìre bhon Òg-mhios 2011. Tha seo a’ comharrachadh saothair nan companaidhean neo-eisimeileach an Alba a tha a’ riochdachadh phrògraman Gàidhlig. Tha an obair aca aig àrd ìre agus gu buannachd an luchd-amhairc aig a bheil a’ Ghàidhlig agus iadsan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.

O chionn ghoirid dh’fhoillsich sinn clàr làidir de phrògraman an Fhoghair le farsaingeachd de phrògraman aig àrd ìre airson luchd-amhairc air feadh Alba. Nam measg bha prògraman aithris, cur-seachad, ceòl agus spòrs a thuilleadh air a’ phrògram naidheachd An Là.

Tha prògraman ann leithid Lorgan Linda, sgeulachd mu shaoghal John is Lorna Norgrove a chaill an nighean aca Linda ann an Afghanistan san Dàmhair 2010 agus Sàr Sgeòil, sreath sam bheilear a’ dol air chuairt air feadh Alba gus faicinn dè a’ bhuaidh a thug cruth na tìre air leabhraichean Albannach leithid Sunset Song, Kidnapped, The Silver Darlings agus The Thirty Nine Steps. Tha prògraman mar seo, a’ sealltainn mar a tha e comasach do BhBC ALBA prògraman nach fhaighear an àite sam bith eile a lìbhrigeadh do luchd-amhairc.

Mar Chathraiche MG ALBA, tha mi air leth toilichte na prògraman againn fhaicinn air an ainmeachadh airson duaisean BAFTA Alba aon uair eile agus aonta dà bliadhna air aontachadh eadar an SPL agus MG ALBA gus 3 geamannan beò le aithris ann an Gàidhlig agus 35 geamannan ‘iar-bheò a chraoladh gach seusan. ’S e seo a’ chiad ‘telebhisean saor’ de bhall-coise an SPL a thèid a chraobh-sgaoileadh air feadh Alba bho 2004.

Mar a bhios fios agaibh, tha BBC ALBA mar rud air leth – a’ chiad seanail fo chead-craolaidh a’ BhBC air a lìbhrigeadh tro chom-pàirteachas.

’S e an rud a-nis a tha ro na com-pàirtichean - am BBC agus MG ALBA - na goireasan a th’ againn an cur chun feum as fheàrr airson ar luchd-amhairc air feadh Alba, an RA agus nas fharsainge. Nì sinn ar dìcheall cuideachd coimhead ris a h-uile dòigh a tha fosgailte dhuinn gus tuilleadh nuadh-phrògraman a chruthachadh – rud a tha sinn gu mòr a’ creidsinn a dh’fheumas tachairt.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman