GàidhligEnglish

News Naidheachdan

29 June 2012

MG ALBA CELEBRATING A YEAR OF ACHIEVEMENTS WITH PUBLICATION OF ANNUAL REPORT

MG ALBA, the Gaelic Media Service, today (29 June) published its Annual Report for the financial year 2011-12. The Report highlights that BBC ALBA is now serving a much wider audience since its launch on Freeview and on Virgin Media in 2011, with around half a million viewers now tuning in to BBC ALBA each week.

The Report highlights the following successes:

  • Four out of five Gaelic speakers are watching BBC ALBA every week.
  • The average 15+ minute weekly reach for BBC ALBA for the year was 436,000, compared with 180,000 the previous year. The anytime average weekly reach was 515,000, compared with 220,000 the previous year.
  • Viewing of BBC ALBA programmes on the iPlayer doubled over the course of the year, from rising from 1.56 million viewings the previous year to 2.2 million viewings.
  • In the course of the year, MG ALBA funded 384 hours of content for BBC ALBA, with 72% (target 50%) of the programme expenditure being with eighteen (18) independent production companies.
  • LearnGaelic.net, an interactive website that provides a one-stop-shop for anyone interested in learning Gaelic, was launched in October 2011. This online resource, created in partnership with the BBC, Bòrd na Gàidhlig, the Board of Celtic Studies and Sabhal Mòr Ostaig with help from the Scottish Government, can be viewed at www.learngaelic.net.
  • MG ALBA celebrated the success of its FilmG project that is growing year upon year, with 76 new films submitted to the competition. Over 200 short films made by individuals, schools and communities can be viewed at www.filmg.co.uk.

Alasdair Morrison, Chairman of MG ALBA, said: “Not only has BBC ALBA made an important contribution to broadcasting in Scotland over the past year, but it has also strengthened the profile and use of the Gaelic language.

“Our Annual Report confirms that a growing audience is watching and enjoying Gaelic programmes. Broadcasting on Freeview and Cable, coupled with Satellite and iPlayer, enables all households in Scotland and beyond to access the diverse range of high quality programmes that BBC ALBA has to offer.

“Our focus now is to continue to build on the channel’s current success to maintain a high level of viewers who are enjoying the premier package of home-grown productions and unique Scottish content - with music, sport and documentaries being the most popular genres on the channel.

“It is with optimism that MG ALBA and our colleagues at the BBC can look forward to a new era for BBC ALBA, as a service that is now established as an important part of the nation’s cultural life. I wish Maggie Cunningham, my successor, continued success throughout her term as Chairperson of MG ALBA.”

29 Òg-mhios 2012

MG ALBA A’ COMHARRACHADH BLIADHNA SHOIRBHEACHAIL LE FOILLSEACHADH NA H-AITHISG BHLIADHNAIL

Tha MG ALBA, Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, an-diugh (29 Ògmhios) a’ foillseachadh na h-Aithisg Bhliadhnail airson 2011-12. Tha an Aithisg a’ comharrachadh gu bheil BBC ALBA ri fhaotainn le luchd-coimhid air feadh Alba bho thòisich i air Freeview agus air Virgin Media, le timcheall air leth-mhillean neach a’ coimhead BBC ALBA gach seachdain.

Tha an Aithisg a’ sònrachadh nan nithean soirbheachail a leanas:

  • Tha ceithir a-mach à còignear de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ coimhead BBC ALBA gach seachdain.
  • Thairis air a’ bhliadhna gu lèir aig BBC ALBA, bha ruigsinneachd cuibheasach 15+ mionaidean aig 436,000, an taca ri 180,000 sa bhliadhna ron sin. Bha ruigsinneachd roghnach na bliadhna gu lèir aig 515,000, an taca ri 220,000 sa bhliadhna ron sin.
  • Dhùblaich àireamh sheallaidhean phrògraman BBC ALBA air an iPlayer tron bhliadhna, le seallaidhean air èirigh bho 1.56 millean gu 2.2 mhillean.
  • Tron bhliadhna, mhaoinich MG ALBA 384 uairean de phrògraman agus bha 72% (targaid 50%) den mhaoin sin air a chosg le 18 companaidh neo-eisimeileach.
  • Chaidh LearnGaelic.net, làrach-lìn uile-chuspaireach airson daoine ag ionnsachadh Gàidhlig, fhoillseachadh san Dàmhair 2011. Tha an goireas air-loidhne seo, a chaidh a chruthachadh ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC, Bòrd na Gàidhlig, Bòrd Sgrùdaidhean Ceilteach na h-Alba agus Sabhal Mòr Ostaig le taic bho Riaghaltas na h-Alba, ri fhaighinn aig www.learngaelic.net.
  • Chuir MG ALBA fàilte air soirbheachas FilmG, co-fharpais filmichean goirid Gàidhlig MG ALBA, le 76 film goirid a’ tighinn a-staigh don fharpais sa bhliadhna. Tha còrr is 200 filmichean goirid bho dhaoine air leth, sgoiltean agus coimhearsnachdan rim faicinn aig www.filmg.co.uk.

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA: “A-thuilleadh air a bhith a’ cur gu mòr ri craoladh ann an Alba sa bhliadhna a dh’fhalbh, tha BBC ALBA air ìomhaigh agus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh.

“Tha ar n-Aithisg Bhliadhnail a’ daingneachadh gu bheil barrachd is barrachd luchd-coimhid a’ tighinn gu BBC ALBA. Le bhith a’ craoladh air Freeview agus Cabal, a thilleadh air Saideal agus iPlayer, tha prògraman tarraingeach BBC ALBA rim faotainn anns gach taigh ann an Alba agus nas fharsaing.

“’S e ar n-amas a-nis a bhith a’ togail air soirbheachas na seanail airson seasmhachd a chur san àireamh àrd de luchd-coimhid ris a bheil prògraman a bhuineas do dh’Alba a’ còrdadh – le prògraman ciùil, spòrs agus aithris am measg nan gnèithean as motha anns a bheil an luchd-coimhid a’ cur suim.

“S ann le dòchas tha sinne aig MG ALBA agus ar co-obraichean aig a’ BhBC a’ coimhead air adhart ri linn ùr airson BBC ALBA, a’ togail air an t-seirbheis a tha a-nis stèidhichte mar phàirt chudromach de bheatha chulturail na dùthcha. Tha mi a’ guidhe gach maith do Mhagaidh Choineagan, a bhios a-nis a’ gabhail dreuchd Cathraiche MG ALBA os làimh”.


Programme Press Releases Tasglann Naidheachd Phrògraman

Follow this link to the programme press release archive.

Lean an ceangal seo gu tasglann phrògraman