GàidhligEnglish

Opportunities Cothroman

MG ALBA currently has a job vacancy:

 

LEARNGAELIC DIGITAL ENGAGEMENT OFFICER

Grade C2, £26,268
Full time, permanent (job share will be considered)
Glasgow or Stornoway (other locations will be considered)

 

Who are we looking for?

Are you passionate about Gaelic learning?

Are you naturally creative in social media and online spaces?

Are you excited by the thought of using digital media to help more people learn Gaelic and playing a leading role in creating Gaelic digital learning communities?

If the answer to those questions is “yes” and if you have a natural ability to bring people with you, we would be very interested to hear from you. You will need to have experience of social media platforms and proficiency in Gaelic.

The opportunity

LearnGaelic is a first stop for many people who are interested in learning Gaelic. It has been a great success online and on social media, but we think it has the potential to do so much more. We are planning for LearnGaelic to offer much more learning journey support for individuals (those who are interested in Gaelic, learners and tutors), supported by a new digital learning framework, new content, a website redesign and more digital media engagement.

The role

The Digital Engagement Officer will be part of a team of four, employed across three partner organisations. The post will be responsible for developing social media content for the promotion of Gaelic learning. The team will aim to grow the digital reach, engagement and impact of LearnGaelic, encourage more people to learn Gaelic and find individuals to help co-develop new learning content and tools and make user-generated content for learners.

The Job Description can be downloaded here.

Who are we?

MG ALBA (the Gaelic Media Service) and partners are responsible for the Gaelic television channel BBC ALBA (with the BBC), FilmG (with Cànan Graphics Studio) and LearnGaelic (with Bòrd na Gàidhlig, the BBC, SMO, Bòrd na Ceiltis (Alba) and others).

Our Operational Plan for 2018/19 contains important information about our aims and objectives for this year, including those for LearnGaelic.

Where are we?

This post can be based at our home in Stornoway, within our team in Glasgow or elsewhere. The successful candidate must be a keen user of digital communications technology and, if not office-based, rooted in a Gaelic learning community environment or capable of being supported by partner organisations (eg bodies with Gaelic plans).

Other interesting information about working for MG ALBA

  • • Best Places to Work in Broadcasting in the UK 2018
  • • Investors in People & Investors in Young People (Gold)
  • • We offer 25 days annual leave + 12 days public holidays
  • • We pay 10% to a pension scheme for you, and add 5% if you match it
  • • To encourage healthy lifestyles we offer gym membership
  • • We have family-friendly working practices and offer a childcare voucher scheme

Next Steps

Formal applications should be submitted by Friday 14 September, 5pm to Claire Macleod, HR Advisor hr@mgalba.com. To apply, please submit your current CV and let us know what interests you about the role.

Informal enquiries can be made to Claire Macleod, hr@mgalba.com. Please get in touch if you would like to chat about the opportunity.

Interviews will be held.

 

Tha beàrn-obrach aig MG ALBA an dràsta:

 

OIFIGEAR DHÀIMHEAN DIDSEATACH LEARNGAELIC

Ìre C2, £26,268
Làn-ùine, maireannach (thèid beachdachadh air co-roinneadh obrach)
Glaschu no Steòrnabhagh (thèid beachdachadh air àiteachan eile)

 

Cò tha sinn a’ lorg?

Bheil ionnsachadh na Gàidhlig na do chridhe?

Bheil thu cruthachail gu nàdarrach ann an co-theacsa nam meadhanan sòisealta agus air-loidhne?

Bheil thu air bhioran mun rùn a bhith a’ cleachdadh nam meadhanan didseatach gus cuideachadh a thoirt do bharrachd dhaoine Gàidhlig ionnsachadh agus mun rùn a bhith aig cridhe iomairt coimhearsnachdan ionnsachaidh didseatach Ghàidhlig a chruthachadh?

Ma tha, agus ma tha comas agad gu nàdarrach a bhith a’ toirt daoine leat, bhiodh ùidh againn cluinntinn bhuat. Feumaidh eòlas a bhith agad air ùrlaran mheadhanan sòisealta agus a bhith comasach sa Ghàidhlig.

An cothrom

’S e LearnGaelic a’ chiad àite air an tadhal mòran le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig. Tha e air soirbheachadh gu mòr air-loidhne agus air na meadhanan sòisealta, ach tha sinn den bheachd gu bheil comas aige an tuilleadh a dhèanamh. ’S e ar rùn gum bi LearnGaelic a’ tairgse barrachd taic dhaibhsan a tha air slighe ionnsachaidh (iadsan aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus oidean-ionnsachaidh), le taic bho frèam-obrach ionnsachadh didseatach ùr, susbaint ùr, ath-dhealbhachadh làrach-lìn agus barrachd dol an sàs sna meadhanan didseatach.

An dreuchd

Bidh an t-Oifigear Dhàimhean Didseatach mar phàirt de sgioba de cheathrar, air am fastadh le tri buidhnean com-pàirteachaidh. Bidh e an urra ris an dreuchd seo susbaint mheadhain sòisealta a leasachadh gus ionnsachadh Gàidhlig a bhrosnachadh. Bidh an sgioba ag amas air fàs a thoirt air ruigse didseatach, dol an sàs agus buaidh LearnGaelic, barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig ionnsachadh agus daoine fa leth a lorg a chuidicheas le co-leasachadh shusbaint agus ghoireasan ionnsachaidh, agus stuthan fèin-chruthaichte a thoirt gu buil airson luchd-ionnsachaidh.

Tha an Dealbh-obrach ri fhaighinn an seo.

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) agus a chom-pàirtichean an urra ris an t-seanail telebhisein Gàidhlig BBC ALBA (an co-bhoinn ris a’ BhBC), FilmG (an co-bhoinn ri Cànan Graphics Studio) agus LearnGaelic (an co-bhoinn ri Bòrd na Gàidhlig, am BBC, SMO, Bòrd na Ceiltis (Alba) agus eile).

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2018/19, is tha seo a’ gabhail a-steach LearnGaelic.

Càite bheil sinn?

Faodaidh an dreuchd seo a bhith stèidhichte aig ar dachaigh ann an Steòrnabhagh, le ar sgioba ann an Glaschu no an àite eile. Feumaidh an neach soirbheachail a bhith dèidheil air a bhith a’ cleachdadh teicneòlas conaltraidh didseatach agus mura bheil thu stèidhichte ann an oifis, feumaidh freumhan a bhith agad ann an àrainneachd coimhearsnachd ionnsachaidh Gàidhlig no a bhith air chomas taic fhaighinn bho bhuidhnean chom-pàirteachaidh eile (me buidhnean le planaichean Gàidhlig).

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA!

  • • Air ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan obrach craolaidh as fheàrr san RA ann an 2018
  • • Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
  • • 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
  • • A’ pàigheadh 10% gu sgeama peinsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an aon rud ris
  • • Ballrachd gym gus dòigh-beatha fallain a bhrosnachadh
  • • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich againn agus tha sinn a’ tairgse sgeama bileig cùram-chloinne

Na h-ath cheumannan

Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro Dhihaoine 14 Sultain, 5f gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur cunntas-beatha agus innis dhuinn dè tha tarraingeach dhut mun dreuchd.

Faodar ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire NicLeòid aig hr@mgalba.com. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh a bhith agad mun chothrom.

Thèid agallamhan an cumail.